Fàilte air Donnchadh!

Published: 02 May 2025

​Tha sinn air leth thoilichte fàilte chridheil a chur air Donnchadh Macleòid don sgioba againn! Tha Donnchadh air tòiseachadh còmhla rinn mar Oifigear Teicneòlais agus Didseatach.

Thug Donnchadh a-mach ceum le urram ann an Ceilteis agus Cànanachas aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e cuideachd na sheinneadair agus na cheòladair, agus bidh e a’ nochdadh air àrd-ùrlar le a phiuthar, Rona, agus cuideachd anns a’ chòisir Binneas. An-dràsta tha e an sàs ann an sgeama-ceumnachaidh leis a’ Chomunn Ghàidhealach ann an co-bhann le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE). ’S e amas a’ phròiseict seo an stòras bàrdachd, ciùil, agus fhoillsichidhean a th’ aig a’ Chomunn a chur ann an dreach didseatach gus a dhìon agus a ghlèidheadh airson an àm ri teachd.

Fàilte mhòr ort a Dhonnchaidh!

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council