Bratach a’ dol a Phàislig airson Mòd 2023

Published: 25 Oct 2022

Thàinig Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 gu crìch an-diugh le guthan bho air feadh na dùthcha a’ seirm a-mach ann am Peairt, a’ comharrachadh deireadh prògram beòthail na fèise naoi-latha de thachartasan
cultarach is farpaisean.

Chaidh prìomh chomharrachadh na h-Alba air cànan is cultar na Gàidhlig a chumail aig 14 ionadan-cruinneachaidh air feadh Pheairt bho 14 – 22 Dàmhair agus dhùin e madainn an-diugh le Tachartas Co-Chòisirean aig Àrd-Shràid Pheairt agus Talla Consairt Pheairt, far an deach bratach a’ Mhòid a shìneadh seachad gu Pàislig a bhios a’ toirt aoigheachd do Mhòd 2023.

Tro chùrsa an tachartais naoi-latha, ghabh timcheall air 2,100 neach, a’ gabhail a-steach bailtean mòra is beaga air feadh Alba agus cho fada air falbh ris a’ Ghearmailt, pàirt ann an iomlan de 200 farpais.

Thathar a’ meas gun do thadhail mu 7,000 neach ann am Peairt airson na fèise agus thathar an dùil gun do chuir e mu £1 mhillean ris an eaconamaidh ionadail. Bha na mìltean de dhaoine bho air feadh na cruinne, a’ gabhail a-steach na Stàitean Aonaichte, ag èisteachd ’s a’ coimhead cuid de thachartasan a’ Mhòid air-loidhne.

Chunnacas am Mòd a’ tilleadh chun na h-àbhaist am-bliadhna às dèidh dà bhliadhna de throimh-chèile, le tachartasan gan cumail air-loidhne agus ann an cruth tar-chinealach ann an 2020 agus 2021. Chaidh na
Farpaisean Chòisirean a chumail gu pearsanta airson a’ chiad uair bho 2019, agus bha luchd-tadhail air an fhèis comasach air tlachd a ghabhail à prògram eadar-mheasgte air an iomall còmhla ris na prìomh fharpaisean agus raon de thachartasan ùra, a’ gabhail a-steach Cogadh nan Còmhlan agus farpais TikTok.

An-dè, chunnacas cuairt eile de fharpaisean Chòisirean – anns na Còisirean Sgìreil, bhuannaich Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt an fharpais Puirt-à-beul fhad ’s a bha buannachadh drùidhteach is faireachail aig Còisir Ghàidhlig an Òbain fon stiùir aig Sìleas Nic na Ceàrdaich, a thug dhachaigh Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain. An dèidh inntrigeadh don fharpais airson a’ chiad uair, bhuannaich Còisir Ghàidhlig an Eilein Duibh, fo stiùir Kirsteen NicIllinnein, Cuach Cuimhneachaidh Mairead NicDhonnchaidh. Bhuannaich Atomic Piseag à Earra-Ghàidheal farpais Còisir Sgìreil nam Ban.

Thuirt Sìleas Nic na Ceàrdaich: “Chan eil fios agam dè a chanas mi an dèidh seo a bhuannachadh agus tha mi dìreach cho toilichte agus cho moiteil às a’ chòisir, a tha air a bhith ag obair cho cruaidh ag ullachadh airson a’ Mhòid. Dhomh fhìn gu pearsanta, tha mo theaghlach air a bhith a-riamh an sàs anns a’ chòisir, m’ athair agus mo shean-phàrantan, mar sin tha e dìreach a’ ciallachadh a leithid dhomh.”

Thuirt Kirsteen NicIllinnein: “Tha seo dìreach iongantach agus cha b’ urrainn dhuinn a bhith na bu thoilichte gun do bhuannaich sinn. Tha a’ chòisir air a bhith ag obair cho cruaidh tro dhùbhlanan a’ phandamaig. Is e seo a’ chiad uair a tha sinn air a dhol don fharpais seo, ’s e còisir òg a th’ annainn, air a cur ri chèile dìreach às dèidh a’ ghlasaidh-sluaigh agus nar ciad Mòd fharpaiseach, agus air Cuach Cuimhneachaidh bhòidheach Mairead NicDhonnchaidh a thogail. Tha seo gu sònraichte tiamhaidh oir is e seo a’ chiad chuach a bhuannaich m’ athair, Hamish Menzies, air ais ann an 1963, bha e gu h-àraid measail air a’ chuaich seo an dèidh a buannachadh iomadh turas, mar sin tha i a’ ciallachadh mòran dhomh fhìn, do mo mhac agus don chòrr den chòisir.”

Ann an àiteachan eile, choisinn Còisir Eilean Mhuile a’ chiad àite ann am farpais Seinn Co-sheirm agus Bàideanach a’ buannachadh nan Òran Luaidh, le Còisir Ghàidhlig Ghlaschu a’ buannachadh Còisir nam Fear. Chaidh Ceathrar Chòisir Lunnainn a chrùnadh mar bhuannaichean Seinn Ceathrar, a’ toirt prògram fharpaisean na bliadhna seo gu crìch.

An-dè cuideachd chaidh buannaiche a’ chiad Duais Ealain na Gàidhealtachd a-riamh ainmeachadh. Air a bhuileachadh le Comann Gàidhlig Lunnainn ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comhairle Pheairt is Cheann Rois, tha an fharpais a’ comharrachadh aon taobh eile de chultar na Gàidhlig agus de bheatha na h-Alba.

Bho gheàrr-liosta de 10 pìosan ealain air leth a chaidh a thaghadh le Fraoch Nic an Deòir, an neach-ealain agus an craoladair à Ìle, chaidh David Page bho Gheamannan Gàidhealach Mhuile a chrùnadh mar bhuannaiche leis an dealbh peantaidh aige fon tiotal ‘Drift’. Chaidh an duais a thoirt seachad le Màiri Anna NicUalraig ann an Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil a’ Bhaile. Bidh an duais de £1,000 air a roinn
eadar am buannaiche agus am buidheann ealain aca, gus cuideachadh le taic a thoirt do chom-pàirteachadh ionadail ann an ealain. Bidh cothrom aig David Page cuideachd air a chuid obrach a thaisbeanadh
sa Bhriggait ann an Glaschu rè 2023, le taing do Wasps, carthannas a bhios a’ toirt seachad làraichean is stiuidiothan do luchd-ealain is luchd-cruthachaidh.

Bha Cuirm Chrìochnachaidh a’ Mhòid glè fhreagarrach mar chonsairt deireannach na seachdaine le Trail West, aon de na còmhlain traidiseanta as motha agus as gràdhaichte ann an Alba, a’ toirt seachad gnìomhadh iongantach don t-sluagh ann an Talla Consairt Pheairt.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Abair gur e tlachd a bh’ ann na Gàidheil a chruinneachadh còmhla uair eile gus urram a thoirt agus taisbeanadh a dhèanamh air ar cànan is ar cultar. Tha e air a bhith mìorbhaileach cuideachd a bhith air ais ann am Peairt an dèidh ùine cho fada – tha a chuid ionadan-cruinneachaidh air leth, a’ choimhearsnachd bhlàth agus a shràidean bòidheach air a dhèanamh na àite fìor mhath airson a’ Mhòid.

Taing mhòr do na h-uile a tha a’ dèanamh a’ Mhòid comasach, bho na saor-thoilich ag obair cho cruaidh gu na com-pàirtichean agus gach neach a thàinig a thadhal agus a chuir taic ris an tachartas. Tha a bhith
a’ cluinntinn na Gàidhlig agus a’ chiùil am measg nan ionadan-cruinneachaidh agus air na sràidean air feadh a’ bhaile fad na seachdaine air a bhith do-chreidsinneach.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar fèis Ghàidhlig de chultar is òrain a thoirt a Phàislig ann an 2023, airson a’ chiad uair ann an deich blaidhna. Bheir am Mòd cuideachadh mòr do chultar agus do thurasachd
sa bhaile agus tha mi glè chinnteach gun còrd na seallaidhean brèagha mun cuairt ris an luchd-frithealaidh a thuilleadh air an aoigheachd shàr-mhath a tha aig Pàislig ri thabhann.”

Thuirt an Comhairliche Grant Laing, Stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Is math a b’ fhiach an ùine a bha sinn a’ feitheamh ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tilleadh a Pheairt agus bha an tachartas crìochnachaidh Disathairne dìreach mìorbhaileach.

Tha e air a bhith iongantach fàilte a chur air a leithid de fharpaisich agus luchd-tadhail a Pheairt. Tha làthaireachd air leth air a bhith againn sa bhaile air feadh na seachdaine. Tha farpaisich agus luchd-èisteachd
air a bhith a’ làn mholadh ionadan-cruinneachaidh na bliadhna seo, agus bu mhath leam taing a thoirt don luchd-obrach agus na saor-thoilich uile air feadh Pheairt is Cheann Rois a rinn am Mòd cho soirbheachail am-bliadhna.”

Thuirt Xander McDade, Pròbhaist Pheairt is Cheann Rois: “Tha am Mòd air a bhith na shubhachas mhìorbhaileach de chultar na Gàidhlig ann an Alba agus na thaisbeanadh air leth air na tha aig Peairt ri thairgsinn, a thuilleadh air a’ chultar is dualchas Gàidhlig againn fhìn.

Tha ochd làithean mìorbhaileach air a bhith againn agus tha mi cinnteach gum bi cuimhne aig gach neach a bha na lùib air, airson bliadhnaichean ri teachd. Bu mhath leam cuideachd gach soirbheachadh a ghuidhe do Phàislig airson aoigheachd a thoirt don Mhòd an ath-bhliadhna – tha mi cinnteach gum bi iad nan aoighean air leth.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha Peairt air àrd-ùrlar foirfe a sholarachadh do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, agus tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn a’ chomharrachaidh seo air cultar na Gàidhlig ann an suidheachadh cho dlùth an-diugh, leis na còisirean uile còmhla a’ seinn tro shràidean a’ bhaile-mhòir againn mar chrìoch air Mòd 2022.

Tha àite cudromach aig tachartasan nar coimhearsnachdan le bhith a’ ceadachadh dhuinn uile ceangal a dhèanamh ri chèile, a bhith a’ gabhail tlachd agus a’ co-roinn eòlasan cuimhneachail, agus bha mi air leth toilichte a bhith a’ faicinn luchd-tadhail bho air feadh na cruinne a’ frithealadh agus a’ com-pàirteachadh ann a leithid de dh’àireamhan aig an tachartas Albananch seo gun choimeas, a fhuair taic le pròis bho Phrògram Eadar-nàiseanta EventScotland.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha Mòd Pheairt air a bhith anabarrach soirbheachail – comharradh sònraichte air cànan is cultar na Gàidhlig. A’ leantainn an dèidh beagan bhliadhnaichean glè dhùbhlanach dhuinn uile, tha na cothroman sin a th’ againn air a thighinn còmhla a’ cur, chan ann a-mhàin ri sunnd, ach tha iad cuideachd deatamach don chànan. Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd agus tha e air a bhith cho math a bhith a’ faicinn fharpaisean is ghnìomhachdan ùra mu thimcheall tachartas na bliadhna seo. Is math a rinn gach neach a ghabh pàirt sna farpaisean agus cuideachd gach neach a thàinig a chomharrachadh na Gàidhlig. Mealadh naidheachd air a’ Chomunn Ghàidhealach airson Mòd air leth eile agus na daoine sin uile – sean is òg – a tha a’ dèanamh a’ Mhòid. Tha a’ Ghàidhlig do na h-uile agus dè an dòigh as fheàrr air a comharrachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart ri Mòd Phàislig 2023. Ceud mìle taing dhuibh uile agus mealaibh ur naidheachd le chèile.”

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: ’S e urram a th’ ann bratach a’ Mhòid a ghabhail, a’ comharrachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Phàislig ann an 2023, dìreach deich bliadhna on a chaidh aoigheachd a thoirt dha sa bhaile roimhe.”

Tha am Mod a’ gealltainn a bhith na chomharrachadh mìorbhaileach de chultar is dualchas na Gàidhlig agus tha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air farpaisich is luchd-tadhail don sgìre againn.

Tha eachdraidh shaidhbhir Ghàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù. Gu làithreach, tha còrr air 1,500 neach-còmhnaidh ann an Siorrachd Rinn Friù a tha a’ labhairt, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh Gàidhlig, agus o chionn ghoirid chuir sinn fàilte air a’ chiad de mhòran chloinne gu ar sgoil ùr Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Iar.

Tha sinn air a bhith ag obair cruaidh còmhla ris a’ Chomunn Ghàidhealach agus ar Comataidh Eagrachaidh Ionadail ag ullachadh airson an tachartais, agus thèid tuilleadh fiosrachaidh mun phrògram ainmeachadh a dh’aithghearr.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Pàislig eadar 13-21 Dàmhair 2023. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council