​Mòd Phàislig a’ foillseachadh prògram beòthail a tha ag adhartachadh Gàidhlig do na h-uile

Published: 04 Jul 2023

Tha prògram do-chreidsinneach, fiùghantach agus in-ghabhalach de chuirmean-ciùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùithtean-obrach air fhoillseachadh leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ’s e a’ tilleadh a Phàislig eadar 13 – 21 Dàmhair 2023.

Bidh prìomh thachartas cultarach Gàidhlig na h-Alba a’ comharrachadh a’ chànain còmhla ri ceòl traidiseanta, òrain, dràma, litreachas, ealain agus spòrs na h-Alba.

Bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-ealain a’ gabhail chun an àrd-ùrlair, tallachan agus leabharlannan ann an còrr air 20 ionad-cruinneachaidh ann am Pàislig agus san sgìre mun cuairt rè an tachartais naoi làithean seo, nuair a thilleas e don bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna.

Thèid Mòd Phàislig a chur fo sheòl le Cuirm Fosglaidh a’ Mhòid 2023 ann an Talla Baile Phàislig air Dihaoine 13 Dàmhair, a’ nochdadh a’ bhuidhinn cho-aimsireil tuath-cheòl, Breabach. Bidh an còmhlan de chòignear, a tha gu làithreach ainmichte mar Còmhlan Tuath-cheòl na Bliadhna, mar aon de na ciad thachartasan a ghabhas gu àrd-ùrlar an ionad-chruinneachaidh seo a tha air a dhèanamh suas às ùr, ann an Siorrachd Rinn Friù.

Bidh an talla a’ toirt aoigheachd cuideachd do dh’oidhche nach tèid à cuimhne de cheòl traidiseanta agus de chultar na Gàidhlig, a’ taisbeanadh tàlant òg à Siorrachd Rinn Friù agus nas fhaide a-muigh airson Ar Cànan ’s Ar Ceòl air Disathairne 14 Dàmhair. Bidh òigridh Fèis Phàislig agus Còmhlan Pìobaireachd Sgoiltean Siorrachd Rinn Friù a’ cur gnìomhadh iongantach air àrd-ùrlar, fhad ’s a bhios cuid de na seinneadairean Gàidhlig as grinne ann an
Alba, a’ gabhail a-steach Ainsley Hamill, Deirdre Ghreumach agus Joy Dunlop, a’ gabhail pàirt còmhla ri Còisir Ghàidhlig Ghlaschu. Còmhla riutha air àrd-ùrlar bidh Còmhlan Pìobaireachd Chill Bhearchain agus Jenna Reid is Harris Playfair a’ nochdadh air prògram na h-oidhche.

Thèid taisbeanadh air ùr-chruthachadh, a’ cur air bhog cruinneachadh às ùr de dh’òrain Ghàidhlig Frances Tolmie: Gun Sireadh Gun Iarraidh, a chur air àrd-ùrlar ann an Talla Baile Phàislig air Dimàirt 17 Dàmhair.

Tha an cruinneachadh suaicheanta de dh’òrain Tolmie air an sìneadh sìos, air an ath-obrachadh ’s air an ath-chumadh thar mòran bhliadhnaichean, agus air an toirt còmhla ann an aon chruinneachadh speisealta le Kenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Còmhla ris an dithis sin, bidh feadhainn eile a tha air Tolmie a chleachdadh nan cruinneachadh agus na stoidhle fhèin, a’ gabhail a-steach Ceitlin Lilidh, Mischa Nic a’ Phearsain, Màiri Callan, Seumas Greumach, Raonaid Walker, Màiri Anna NicUalraig, Wilma NicUalraig agus Seumas Caimbeul. Gheibh iad taic-ciùil bho chòmhlan taighe de rionnagan tuath-cheòl Albannach.

Bidh cothrom ann cuideachd ceangal a dhèanamh le Gàidhlig air an taobh a-muigh le taing do Chuairt Nàdair Ghàidhlig ann an Gàrraidhean Fuarain Phàislig, air a stiùireadh le Alasdair Whyte agus air a leasachadh ann an com-pàirteachas leis a’ bhuidheann leasachaidh coimhearsnachd ionadail, Pròiseact STAR. Air Didòmhnaich 15 Dàmhair, bidh cothrom aig com-pàirtichean eòlas a chur air na gàrraidhean poblach as sine ann am Pàislig, faighinn a-mach mu bheul-aithris Gàidhlig agus ainmean Gàidhlig do chraobhan, planntrais, beathaichean, eòin agus àiteachan cudromach sa phàirc, ionnsachadh.

Tha bùithtean-obrach air a’ phrògram cuideachd, leis an neach-labhairt Gàidhlig agus an neach-ciùil traidiseanta, Evie Waddell a’ toirt aoigheachd do Fàilte Gu Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) air Dihaoine 20 Dàmhair. Le sgioba de luchd-gnìomhaidh a tha bodhar, bidh Evie a’ cuideachadh chom-pàirtichean le beagan Gàidhlig ionnsachadh, agus òrain is dannsa-ceum traidiseanta ruitheamach soidhnichte, ann an suidheachadh a tha gu bhith na iomlaid chultarach thoilichte agus fosgailte do na h-uile. Leanaidh taisbeanadh beòthail ann an Talla Baile Phàislig air an fheasgar sin, a’ cleachdadh òrain agus sgeulachdan traidiseanta, soidhneadh agus dannsa, gus na dàimhean eadar cultar na h-Alba, Gàidhlig agus BSL a rannsachadh.

Bidh prògram farsaing agus measgaichte ann do theaghlaichean fad na seachdaine le gnìomhachdan a’ gabhail àite ann an ionadan-cruinneachaidh air feadh sgìre Siorrachd Rinn Friù. Tillidh Struth air Diluain agus Dimàirt, a’
toirt cothrom do dhaoine òga còmhradh ri cuid de na rionnagan as aithnichte ann an saoghal nan Gàidheal, fhad ’s a bhios Clubaichean Clann a’ Mhòid a’ dol fad na seachdaine agus seiseanan gach latha air an stiùireadh le Fèis Phàislig, agus com-pàirtichean ionadail leithid Fèis Ealain Loch Uinneach a’ lìonadh seachdain nan saor-làithean sgoile san Dàmhair le sreath de ghnìomhachd.

Ann an leabharlannan Linwood, Foxbar, Baile Raghnaill, Baile Iain agus Glenburn, bidh Bookbug Gàidhlig a’ ruith fhad ’s a bhios cèilidhean chloinne a’ gabhail àite ann an Aonadh Oileanaich UWS air Diluain 16 agus Dimàirt 17 Dàmhair.

Nas fhaide air adhart san t-seachdain, bidh Ionad Tannahill ga chleachdadh airson Cèilidh Fàilte – cèilidh ioma-chultarach fàilteach do choimhearsnachdan bho gach cultar gus sgeulachdan a roinn nan cànan dùthchasach, measgaichte le Gàidhlig. Gheibh an tachartas air Diardaoin 19 Dàmhair aoigheachd bho Sgoil nan Cultaran Afraganach ann an com-pàirteachas leis na buidhnean coimhearsnachd ionadail, Pachedu agus Inspiring Families.

Mar a bhios oidhche Shamhna a’ tarraing nas dlùithe agus am Mòd a’ tighinn gu crìch, air Disathairne 21 Dàmhair chithear Cèilidh Teaghlaich Spooky Samhain a’ gabhail àite aig Aonadh Oileanaich UWS. Bidh an cèilidh cuspaireil Samhna seo don teaghlach air fad, air a stiùireadh le Fèis Phàislig, a’ comharrachadh Oidhche Shamhna agus fèis Shamhna ann an stoidhle ainmeil Phàislig.

Bheir na tachartasan cliùiteach spòrs prògram ghnìomhachdan a’ Mhòid gu Raointean Cluiche Rìgh Seòras V air Disathairne 14 Dàmhair. Thèid iomain, spòrs nan Gàidheal, a chluich le sgiobaidhean nam fear, nam mnathan agus na h-òigridh ann am farpaisean crìochnachaidh a bhios gu math teann, agus chì Cupa Ball-coise a’ Mhòid dà sgioba le freumhan Gàidhlig a’ farpais an aghaidh a chèile. Air Didòmhnaich 15 Dàmhair, bidh Abaid Phàislig a’ cur fàilte air Seirbheis Eaglaiseil a’ Mhòid.

Tha na subhachasan deiseil airson a dhol air adhart gu uairean beaga na maidne air feadh a’ bhaile, agus sgaoileadh a-mach gu gnothachasan air feadh na sgìre, le Club Fèis a’ Mhòid ga chumail anns an Sneddon. Cuiridh an taigh-seinnse seo ann am Pàislig fàilte air measgachadh de sheiseanan ciùil beò sealach agus cur-seachad air gach latha den fhèis, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail air fois a ghabhail an dèidh subhachasan an latha.

Bidh am Bungalow a’ toirt aoigheachd don Mòd Anmoch is Beò anns a’ Bhungalow, a bheir cothrom do luchd-tadhail eòlas a chur air ceòl traidiseanta is Gàidhlig bho chuid de na h-ainmean as fheàrr a tha mun cuairt. Bidh an Swan agus an Keg nan dachaigh do sheiseanan taigh-seinnse air feadh na seachadaine.

Tha am beairteas de thachartasan agus ghnìomhachdan a thathar a’ tabhann a’ ruith taobh ri taobh le clàr fharpaisean cliùiteach a’ Mhòid, a chì an sreath àbhaisteach de thàlant a’ farpais airson nan tiotalan as tograiche ann an
saoghal nan Gàidheal. Gabhaidh am Bonn Òir, Farpais Crìochnachaidh an t-Seann Nòis, agus farpaisean an Aigeallain Airgid, farpaisean chòisirean agus Farpais Crìochnachaidh an Dràma àite tron t-seachdain, ri taobh farpaisean chloinne is ciùil, a chuireas uile fàilte air farpaisich bho air feadh Alba agus an t-saoghail nas fharsainge, gu Pàislig.

Bidh Cogadh nan Còmhlan air ais ann an 2023 agus còmhlain òga traidiseanta Albannach agus Gàidhlig a’ gnìomhadh mu choinneamh pannal spèiseil de bhritheamhan agus luchd-èisteachd beò aig Ionad Wynd, airson na farpais chrìochnachaidh air Dimàirt 17 Dàmhair agus na Duaisean Litreachais gam buileachadh air Diciadain 18 Dàmhair.

A’ leantainn air farpais ealain na bliadhna an-uiridh ga chur ri prògram a’ Mhòid, bidh obair-ealain ag adhartachadh cultar Gàidhlig agus beatha Alba bho air feadh Alba, ga chomharrachadh aig Mòd Phàislig le taisbeanadh didseatach. Thèid com-pàirtichean Duais Ealain na Gàidhealtachd a thaisbeanadh an uair sin sa Bhriggait ann an Glaschu bho Dihaoine 20mh Dàmhair. Faodaidh luchd-tadhail tlachd a ghabhail cuideachd à cuairt stiùirichte de obair nan deichnear luchd-crìochnachaidh air an liosta fhada.

Thig crìoch fhreagarrach air Mòd Phàislig ann an cruth Caithream nan Còisirean. Thig na ceudan de sheinneadairean bho air feadh Alba còmhla nuair a chruinnicheas iad ann am meadhan Baile Phàislig air Disathairne 21 Dàmhair.

An oidhche sin, bidh còmhlan folk-electronica Niteworks a’ cluich ann an Talla Baile Phàislig gus naoi làithean iongantach de shubhachasan a thoirt gu crìch. Tha a’ chuirm-chiùil a chaidh ainmeachadh air a’ mhìos mu dheireadh air a riochdachadh leis The Reeling, ’s iad a’ comharrachadh an aon chuirm a-mhàin aig a’ chòmhlan ann an Alba am-bliadhna, agus air a bhith a’ faicinn thiogaidean gan ceannach nan sruthan.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha dha-rìribh rudeigin do gach neach ann am prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna, a’ sealltainn farsaingeachd is saidhbhreas do-chreidsinneach cànan is cultar na Gàidhlig tarsainn aoisean air fad. Bho fheadhainn bheaga a’ dol an sàs anns a’ chànan airson a’ chiad uair, gu na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san dùthaich, tha Pàislig deiseil airson fàilte a chur air na mìltean de dhaoine san Dàmhair. ’S e fìor thlachd a th’ ann tilleadh don bhaile airson a’ chiad uair ann an 10 bliadhna, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn shràidean, taighean-seinnse, leabharlannan agus ionadan-cruinneachaidh a’ soirbheachadh le gnìomhachd Mòd Phàislig tarsainn naoi làithean as t-fhoghar.”

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air luchd-tadhail agus farpaisich uile gu Mòd Phàislig san Dàmhair. Nuair a thug am baile aoigheachd don Mhòd mu dheireadh o chionn 10 bliadhna, bha e mar aon de na tachartasan againn a bu mhotha a chaidh a fhrithealadh. Tha mi cinnteach gum faod sinn togail air an dìleab seo agus tachartas mìorbhaileach eile a chruthachadh a thaisbeanas an t-àite luachmhor a tha Gàidhlig a’ coileanadh nar cultar.

“Tha rudeigin do gach neach ann am prògram a’ Mhòid am-bliadhna, agus mholainn do gach neach a thighinn agus com-pàirt a ghabhail ann an comharrachadh ar dualchas Gàidhlig.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan Event Scotland: “Tha e dìreach mìorbhaileach a bhith a’ faicinn a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Phàislig airson a’ chiad uair ann an 10 bliadhna, agus tha mi fìor thoilichte
gu bheil an tachartas a’ faotainn taic aon uair eile tro Phrògram Maoineachaidh Nàiseanta EventScotland. Bidh Pàislig agus Alba nan àrd-ùrlar foirfe airson a leithid de thachartas Albannach gun choimeas, le fàilte bhlàth ga thoirt do luchd-tadhail, an dà chuid ionadail is eadar-nàiseanta.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail na phàirt bhunaiteach de chultar is dualchas na Gàidhlig agus a’ coileanadh obair chudromach ann a bhith a’ toirt luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla. Tha am Mòd a’ cur ris an amas air cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh tro chomarrachadh ar cànain agus ar cultair.

“Tha sinn air leth toilichte prògram Mòd na bliadhna seo fhaicinn ga chur air bhog agus a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh seann charaidean agus caraidean ùra ann am Pàislig san Dàmhair.”

Tha am Mòd Nàiseamta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Alba Chruthachail, Caledonian MacBrayne, BBC ALBA, The Reeling agus SQA.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council