​Baile-mòr Eabhraig Nuadh gu bhith a’ taisbeanadh a’ chiad fharpais òrain Ghàidhlig a-riamh le Mòd na Seachdaine Thartain

Published: 09 Mar 2023

Bidh Mòd Seachdain Thartain NYC a’ gabhail àite airson a’ chiad uair a-riamh as t-Earrach agus Seachdain Thartain NYC, an cruinneachadh cultarach Albannach bliadhnail as motha ann an NYC, a’ toirt aoigheachd don chiad fharpais òrain Ghàidhlig a-riamh ann an comharrachadh air an 25mh Ceann-bliadhna aig Seachdain Thartain NYC air Latha Nàiseanta an Tartain.

Thèid an tachartas dà-latha a chumail ann an co-bhonn leis A Chomunn Ghàidhealach, air a bheil dleastanas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus bidh e fo stiùir Joy Dunlop, Buannaiche Bonn Òir is preasantair SpeakGaelic aig BBC Alba. Tha e a’ comharrachadh a’ chiad uair a bhios Mòd a’ gabhail àite ann am Baile-mòr Eabhraig Nuaidh.

Thathar a’ toirt cuireadh do sheinneadairean bho air feadh Aimeireaga a Tuath, Alba agus nas fhaide air falbh, com-pàirteachadh ann am farpaisean an tachartais eachdraidheil seo a bhios air a chumail ann an Taigh Poblach an Tàilleir air Diardaoin 13 Giblean.

Chì an tachartas seinneadairean aois 16+ bliadhna a’ seinn aon de shia òrain Ghàidhlig ainmichte, no an roghainn fhèin de dh’òran Gàidhlig, air beulaibh pannal de bhritheamhan. Thèid am buannaiche a chrùnadh (Bana)-G(h)aisgeach Mòd Seachdain Thartain NYC 2023, le duais airgid fo urrasachd Club Chailleannach Eabhraig Nuadh agus gheibh am buannaiche cuireadh gu com-pàirt a ghabhail ann an Cèilidh Ro-Chaismeachd Seachdain Thartain Club Chailleannach NYC.

Air Diciadain 12 Giblean, chithear an tachartas a’ tòiseachadh le sreath de bhùithtean-obrach ann an cànan is cultar na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach òrain, ceòl ionnsramaidean, dannsa-ceum agus dannsa cèilidh.

Bidh na subhachasan air an togail le Mac TV airson prògram aithriseach a thèid a-mach nas fhaide air adhart am-bliadhna. Leanaidh e Joy fhad ’s a tha i a’ siubhal tarsainn a’ Chuain Shiar gus spiorad, togarrachd agus càirdeas a’ Mhòid a cho-roinn agus bruidhinn ri Aimeireaganaich aig a bheil ceangal ri Alba mu dheidhinn cudromachd a bhith a’ comharrachadh na Gàidhlig agus an dualchais.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann an diofar àiteachan ann an Alba san Dàmhair gach bliadhna, mar am prìomh thachartas ann am mìosachan na coimhearsnachd Ghàidhlig agus is i an fhèis bhliadhnail seo an cruinneachadh as motha de dh’òrain, ceòl, agus cultar na Gàidhlig air an t-saoghal. Bidh còisirean, buidhnean, ceòl-ceathrair, ceòl-càraid, aon-neach, cleasaichean agus ceòladairean a’ farpais aig a’ chruinneachadh fad-sheachdain seo, le buannaichean nam farpaisean seinn agus ciùil a’ dol air adhart a thoirt mòr-thlachd do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.

Thuirt Joy Dunlop: “Tha traidisean a’ Mhòid air tlachd a thoirt dhuinn ann an Alba thairis air còrr agus 100 bliadhna, agus tha sinn cho moiteil a bhith a’ toirt an tachartais seo gu NYC airson a’ chiad uair. Is e dòigh bhrèagha a
th’ ann air ar coimhearsnachd agus ar n-eachdraidh a chomharrachadh, agus a’ phàirt chudromach seo de ar cultar a chumail a’ soirbheachadh air gach taobh den Chuan Shiar.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e am Mòd Nàiseanta Rìoghail an comharrachadh as motha a th’ ann air a’ Ghàidhlig, mar sin bha e a’ faireachdainn ceart gun deigheadh sinn ann an com-pàirt le cruinneachadh cultarach Albannach bliadhnail Aimeireaga a Tuath. Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn Seachdain Thartain NYC a’ toirt a mhòd fhèin beò air taobh eile a’ Chuain Shiar airson tachartas a bhios na
chothrom air leth do luchd-labhairt na Gàidhlig thall-thairis gu com-pàirteachadh ann am farpais seinn sa Ghàidhlig. Tha a leithid de chomas aig a’ phròiseact pìleit seo agus tha sinn a’ coimhead ri leantainn air adhart a’ cur fàs air a’ chàirdeas seo sna bliadhnaichean ri teachd.”

Tha Seachdain Thartain NYC 2023 agus Caismeachd Latha Tartain NYC air an eagrachadh le Comataidh Eabhraig Nuadh de Latha Nàiseanta an Tartain le taic bho Bùth Alba, Belhaven, NHSCOT, Riaghaltas na h-Alba, Lìonra Gnothachais na h-Alba, Comann Sloinnteil is Beath’-eachdraidheil Eabhraig Nuadh agus Compliant Global.

Tha Mòd Seachdain Thartain NYC a’ faotainn taic bho Chlub Cailleannach Eabhraig Nuadh, Taigh Poblach an Tàilleir, Lìonra Gnothachais na h-Alba agus An Comunn Gàidhealach. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air www.nyctartanweek.org/mod.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Tha cothroman tagraidh fosgailte a-nis aig www.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council