Aig deireadh a’ Mhàirt chuir An Comunn pròiseact ùr air bhonn (le taic HIE), a chuireas an stòras prìseil de dh’òrain, bàrdachd agus leabhraichean againn ann an dreach didseatach! Mar seo, thèid ar ceòl is eile a ghlèidheadh agus a dhìon. ’S e obair fhada a bhios seo, ach air a’ cheann thall tha sinn an dùil gum bi e comasach don phoball na ceudan de dh’òrain agus foillsichidhean eile a choimhead agus a chleachdadh air loidhne.
’S e Donnchadh MacLeòid a bhios os cionn na h-obrach seo, mar Oifigear Teicneòlais agus Didseatach. Thug Donnchadh a-mach ceum le urram ann an Ceilteis & Cànachas aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bha riamh ùidh mhòr aige ann an òrain, cànan agus eachdraidh, ‘s le sin tha e air a dhòigh a bhith ag obair don Chomunn san dreuchd seo. Ma tha ceistean sam bith agaibh mun phròiseact, cuiribh fios dha air donnchadh@ancomunn.co.uk
Bidh Donnchadh a’ toirt seachad tuilleadh naidheachdan mun phròiseact a dh’aithghearr!