Am Mòd a’ mìneachadh na h-ath cheumannan airson farpaisean chòisirean

Published: 03 Oct 2026

Còisir Ghàidhlig aig Mòd

​Tha an Comunn Gàidhealach air dearbhadh an dealas gu Gàidhlig a neartachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, le bhith a’ mìneachadh na h-ath cheumannan ann a bhith a leasachadh farpaisean nan còisirean air a bheil daoine cho measail.

Chaidh co-chomhairleachadh a chumail le Comunn nan Còisir, còmhla ri buidhnean fòcas le luchd-stiùiridh chòisirean òga is inbhich, luchd-taic Gàidhlig agus buill bho chòisirean.

Chaidh an dara ìre den cho-chomhairleachadh a ghabhail òs làimh le Lasair Eàrr ann a bhith a’ dearbhadh gum bi Gàidhlig aig teis-meadhan gach tachartas.

Tha An Comunn Gàidhealach a-nis ag obair air an fhiosrachadh a fhuaireadh bho gach ìre den cho-chomhairleachaidh, a’ fighe a-steach do phlana gnìomh gu farpaisean a thoirt air adhart, a’ cumail spionnadh ion-ghabhalta ri tachartasan. Aig an ìre seo, cha tig atharrachadh air structar nam farpaisean no air feumalachdan a thaobh Gàidhlig.

Gu ruige seo `s iad n a leanas na gnìomhan a thèid an cur an sàs an-toiseach:

  • Bileag-breithneachaidh ùr a bhios a toirt fiosrachadh soilleir do chòisirean air na prìomh shlatan-tomhais air an tèid na coileanaidhean a mheasadh, agus bidh seo na phàirt cunbhalach de thrèanadh airson britheamhan aig a’ Mhòid;
  • Ann an 2027, thèid farpais às ùr do chòisirean nas lugha a chur air bhog, a’ toirt cothrom na Fèinne do bhuidhnean de gach meud;
  • Cuideachd ann an 2027, thèid cruinneachadh chòisirean òga a chur air dòigh, a’ toirt ri chèile seinneadairean òg Gàidhlig gu eòlas fhaighinn air an sòlas a gheibhear bho compàirt a ghabhail ann an taisbeanadh seinn le òigridh eile a ghabh pàirt ann am farpaisean

Leanaidh An Comunn Gàidhealach, còmhla ro còisirean agus Comunn nan Còisirean, a cumail chòmhraidhean nas fhaide dhan bhliadhna, a’ dèanamh cinnteach gu bheil aonta bheachdan ann agus a’ toirt cumadh air na planaichean buileachaidh mar a bhios iad a’ tighinn air adhart.

Bha na buidhnean fòcas fosgailte do dhuine sam bith am frithealadh, agus ghabh mòran de bhuill nan còisirean Gàidhlig an cothrom a bhith a’ com-pàirteachadh.

Bha na còmhraidhean stèidhichte air tagraidhean a chaidh fhoillseachadh san Dàmhair 2025, a’ coimhead ri frèam-obrach ùr airson comasachd Ghàidhlig agus atharrachaidhean ann an riaghailtean cuid de dh’fharpaisean gu com-pàirteachadh agus cothromachd a leudachadh.

Thug na buidhnean fòcas cuideachd cothrom soilleireachaidh air gur e roghainn a bhios ann deuchainn Gàidhlig do bhuill fa leth ann an còisirean.

Tha na tagraidhean a’ coimhead ri mar a ghabhas brosnachadh agus taic a thoirt do chòisirean le bhith ag ionnsachadh Gàidhlig a chum misneachd agus comasachd tro fhrèam-obrach soilleir agus compàirteachas foirmeil le Sabhal Mòr Ostaig agus SpeakGaelic.

Thuirt Magaidh Choineagain, Ceann-suidhe A’ Chomunn Gàidhealach: “Tha Gàidhlig air a bhith aig teis-mheadhan rùn A’ Chomuinn Ghàidhealaich airson còrr air 130 bliadhna agus tha ar dealas ri Ar Cànan ’s ar Ceòl – a’ cheart cho làidir sa bha e riamh. Ann a bhith a’ coileanadh seo, tha dleastanas sònraichte aig ar còisirean le bhith a’ toirt daoine còmhla gus seasmhachd agus leasachadh a thoirt don chànan – a thuilleadh air an iomadh cuimhneachan iongantach a th’ againn air a’ Mhòd bliadhna an dèidh bliadhna.

“Tha sinn airson gu lean traidisean nan còisirean agus soirbhich leotha. Tha sinn air leth toilichte le na còmhraidhean a th’ againn le comunn nan còisir ann a bhith ag adhartachadh planaichean leasachaidh anns a’ chùis seo.

“Tha sinn taingeil dhan a h-uile duine a bha cho deònach a bhith an sàs leis a’ phròiseas seo. Bha gach beachd air leth feumail, taing cuideachd do Lasair Eàrr, cathraichean nam buidhnean fòcais agus Comunn nan Còisir airson an taic leantainneach agus an obair gu ruige seo.

“’S ann tro ùine a thig na h-atharrachaidhean ri farpaisean nan còisirean agus tha e cudromach gun dèan sinn e le ceartas. Tha e a’ toirt toileachais dhuinn a bhith a’ gluasad seo chun na h-ath ìre, ag aontachadh slighe air adhart, agus a’ cur planaichean an gnìomh airson tuilleadh taic do bhritheamhan, agus cothroman ùr a stèidheachadh do chòisirean nas lugha agus do sheinneadairean òga.”

Thuirt Jackie Cotter, Ceann-suidhe Comunn nan Còisir agus ball de Chòisir Gàidhlig Lodainn: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ gluasad air adhart, ann an co-bhonn ris A’ Chomunn Gàidhealach agus muinntir nan còisirean Gàidhlig. Faodaidh atharrachadh sam bith a bhith na chùis iomagain, tha e cudromach gu bheil sinn ag obair còmhla gus am faigh sinn seo ceart. `S e nì air leth a th’ ann an ceòl còisir, le Gàidhlig aig a theis-meadhain. Feumaidh sinn dìon a chur air a’ bheartas a th’ againn agus ann a bhith a’ coimhead ris an àm ri teachd gun cùm sinn ris an teachdaireachd dhùbailte: Ar Cànan ’s ar Ceòl.”

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a cur air dòigh 22 farpaisean chòisir, eadar òigridh is inbhich, le còrr air 50 buidheann a’ gabhail pàirt a’ gabhail a-steach 1,500 seinneadair.

Tha an tachartas air a bhith a dol airson 134 bliadhna mar an taisbeanadh cultair Gàidhlig as motha san t-saoghal agus ’s ann an Glaschu a bhios e am bliadhna bhon 9 - 17 Dàmhair 2026.

Tha am Mòd moiteil a bhith a foillseachadh cànan, cultar agus spiorad nan Gàidheal agus a’ seasamh iomchaidheachd agus luach ann an Alba an latha an-diugh. Tha suas ri 300 tachartas fa leth ann a’ gabhail a-steach farpaisean, consartan, cèilidhean agus caismeachd.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow