Bha luchd-obrach A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Alex o ReefNet air cuairt ullachaidh sa Ghearasdan air thoiseach air Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025 san Dàmhair. Bha cothrom aca sùil a thoirt air far am bi ar n-oifisean ann an Ionad Nibheis seachdain a’ Mhòid, a cheart cho math ri tachairt ri riochdairean A’ Chomataidh Ionadail agus tadhal air tallaichean anns am bi farpaisean am bliadhna.
A-rèir coltas tha fìor dheagh Mhòd air thoiseach oirnn, thèid Prògram an Iomaill fhoillseachadh an ath sheachdain.