​Cur-seachadan teaghlaich aig cridhe Mòd Phàislig 2023

Published: 24 Aug 2023

Bidh cur-seachadan teaghlaich aig cridhe a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna, le barrachd ghnìomhachdan san amharc do chlann agus teaghlaichean na bh’ ann a-riamh roimhe.

Tha prìomh thachartas cultarach Gàidhlig na h-Alba a’ tilleadh a Phàislig eadar 13 – 21 Dàmhair 2023, le gnìomhaidhean sònraichte, farpaisean brosnachail, iomairtean spòrs, bùithtean-obrach do gach aois agus cèilidhean, a’ gabhail

àite air feadh a’ bhaile agus san sgìre mun cuairt.

Tha an tachartas a’ comharrachadh dualchas cultarach is cànanach na h-Alba agus a’ dol nas fhaide am-bliadhna gus clann agus daoine òga fhaighinn na lùib, mar sin a’ toirt dhaibh cothrom a bhith air an nochdadh don Ghàidhlig tro raon de

ghnìomhachdan spòrsail. Aig an aon àm, tha e a’ toirt cothrom do luchd-labhairt nas adhartaiche agus luchd-labhairt dùthchasach an cànan a thaisbeanadh agus coinneachadh ri luchd-labhairt eile de gach aois.

Mar a bhios saor-làithean an t-samhraidh a’ tarraing gu crìch, tha sinn a’ togail air na tachartasan com-pàirteachaidh aig àm nan saor-làithean san Dàmhair a tha ann am Pàislig agus mu thimcheall Phàislig mar phàirt de Mhòd na bliadhna seo.

Cèilidh Fàilteachaidh

Air Diardaoin 19 Dàmhair, thèid Cèilidh Fàilteachaidh air adhart ann an Ionad Tannahill – cèilidh fàilteachaidh blàth is ioma-chultarach do choimhearsnachdan de gach cultar gus an sgeulachdan a cho-roinn nan cànanan dùthchasach, agus Gàidhlig nam measg. Gheibh an tachartas aoigheachd bho Sgoil nan Cultaran Afraganach ann an com-pàirteachas leis na buidhnean coimhearsnachd ionadail Pachedu agus Inspiring Families.

Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud”

Tha tachartasan tadhail Sruth a’ tairgsinn cothrom do dhaoine òga còmhradh a chumail le cuid de na rionnagan as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig aig Skinnedars, Talla Baile Phàislig air Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh Dàmhair. Dìreach san dàrna bliadhna de a ruith, leigidh an tachartas neo-fhoirmeil seo le daoine òga le Gàidhlig a dhol ann an conaltradh le daoine aithnichte eile le Gàidhlig, leithid an t-seinneadair ’s an craoladair BBC, Eilidh NicDhòmhnaill agus am pearsa rèidio agus TikToker à Leòdhas, Marc Mac a’ Ghobhainn.

Cèilidhean Chloinne

A’ ruith Diluain agus Dimàirt 16mh agus 17mh Dàmhair ann an togalach Aonadh Oileanaich UWS, thathar a’ sùileachadh gum bi Cèilidhean na Cloinne làn spòrs is fealla-dhà don teaghlach air fad, le ceòl, geamannan, dannsa, agus cafaidh is bàr aig am bi clàr-bìdh sònraichte do chlann. Tha na tachartasan sin a’ faotainn taic agus gan lìbhrigeadh le Comunn na Gàidhlig còmhla ri Fèis Phàislig.

Club Gàidhlig Chloinne le Fèis Phàislig

A’ ruith Bho Dhiluain gu Dihaoine, 16mh gu 20mh Dàmhair, bidh Cluicheamaid, an club Gàidhlig beòthail do chlann, a’ tabhann ghnìomhachdan spòrsail do dhaoine òga an lùib ceòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig.

Bidh cuspair ùr tùsail ga chleachdadh gach latha agus anns na seiseanan sin bidh measgachadh de gheamannan, ealain is ciùird, seinn agus dannsa. Chan fheum eòlas sam bith a bhith aig a’ chloinn ro-làimh air Gàidhlig gus a dhol an lùib nan seiseanan seo an-asgaidh, a bhios a’ gabhail àite ann an ionadan air feadh Siorrachd Rinn Friù, le seiseanan maidne do dh’aois 4-7 bliadhna agus tachartasan feasgair do dh’aois 8-12 bliadhna.

Bookbug Gàidhlig

Tha Bookbug Gàidhlig a’ lìbhrigeadh òrain, gàirean agus sgeulachdan le caran Gàidhlig annta do dhaoine òga a tha measail air leabhraichean, aig seiseanan ann an leabharlannan mu thimcheall Phàislig fad seachdain a’ Mhòid, Diluain 16mh gu Dihaoine 20mh Dàmhair.

Cèilidh Teaghlaich Spooky Samhain

Air Disathairne 21mh Dàmhair, bidh cothrom ann Oidhche Shamhna agus Fèis Samhain a chomharrachadh anns an t-seann nòs Ghàidhlig le cèilidh teaghlaich air an fheasgar, air a stiùireadh le Fèis Phàislig. Bithear a’ tairgsinn sgilean siorcais, fealla-dhà chloinne, geamannan, ealain is ciùird, agus thathar a’ moladh dhuibh sib’ fhèin a sgeadachadh.

Bùth-obrach Sgilean Siorcais Ghàidhlig

Bidh cothrom aig clann de dh’aois 6-12 bliadhna sgilean siorcais fheuchainn a-mach agus beagan Gàidhlig ionnsachadh no a chleachdadh aig a’ bhùth-obrach seo, a tha an-asgaidh agus a’ gabhail àite ann an Siorcas Coimhearsnachd Phàislig air Diluain 16mh Dàmhair.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn cho toilichte gum bi Mòd Phàislig a’ toirt aoigheachd do a leithid de dh’fharsaingeachd thachartasan dha clann agus teaghlaichean san Dàmhair. ’S e cothrom mìorbhaileach a th’ ann do dhaoine òga ann an Siorrachd Rinn Friù a bhith an sàs sa Mhòd, Gàidhlig a labhairt agus ionnsachadh, sgilean ùra a thogail agus caraidean ùra a dhèanamh ann an àrainneachd fhàilteach agus spòrsail tro shaor-làithean na sgoile.

“Mholamaid do dhaoine a bhith a’ planadh ro-làimh agus na seiseanan a chur mu seach a bu mhath leotha a fhrithealadh, agus brath a ghabhail air a’ bheairteas de ghnìomhachdan a tha rim faotainn air feadh a’ bhaile agus san sgìre fharsaing. Eadar gu bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig no nad neach-labhairt dùthchasach a’ coimhead airson chothroman, tha rudeigin do na h-uile aig Mòd na bliadhna seo, ann an da-rìribh.

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha a leithid aig a’ Mhòd am-bliadhna anns am faod daoine tlachd a ghabhail. Chan e a-mhàin gu bheil na gnìomhachdan a’ tabhann cothrom air spòrs a bhith aig teaghlaichean còmhla rè saor-làithean na Dàmhaire, ach cuideachd a bhith comasach air barrachd ionnsachadh mu chànan agus mu chultar na Gàidhlig. Mholainn do gach neach a dhol gu na tachartasan a tha a’ gabhail àite agus cuideachd a dhol an sàs ann an subhachasan a’ Mhòid anns a’ bhaile.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ comharrachadh a’ chànain agus ceòl, òrain, dràma, litreachas, ealain agus spòrs na h-Alba. Bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-ealain a’ gabhail gu àrd-ùrlaran, tallachan agus leabharlannan ann an

còrr air 20 ionad-cruinneachaidh air feadh Phàislig agus na sgìrean mun cuairt, rè an tachartais naoi latha, nuair a thilleas e don bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù, airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Alba Chruthachail, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, An Reeling agus SQA.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan Mòd Phàislig agus gus tiogaidean a chur mu seach, tadhailibh air www.modphaislig.com.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council