Inntrigeadh fosgailte gu Farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2022 ann am Peairt

Published: 19 Apr 2022

​Tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh gu bheil an siostam inntrigidh air-loidhne gu Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fosgailte a-nis. Tha cothrom aig farpaisich a tha airson com-pàirteachadh ann an tachartas 2022, a bhios a’ gabhail àite eadar 14 - 22 Dàmhair ann am Peairt, an inntrigean a chur a-steach ro 10f air Dihaoine 15 Iuchair.

Chì a’ bhliadhna 2022 prìomh thachartas ciùil is cultarach na Gàidhealtachd a’ tilleadh gu làn phrògram de fharpaisean agus de fharpaisich an làthair, taobh ri taobh le cuid de fharpaisean air-loidhne a tha gan gleidheadh, còmhla ri foillseachadh air cuid de fharpaisean brosnachail ùra.

Is e seo a’ chiad turas bho 2004 a tha baile-mòr Pheairt air aoigheachd a thoirt don tachartas seo a tha 130 bliadhna a dh’aois, a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Am measg na làn liosta de fharpaisean a bhios a’ gabhail àite, bidh seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, a lorgar ann an clàr-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/rules agus faodar inntrigean a chur a-steach gu enter.ancomunn.co.uk.

Mar thoradh air farpaisean soirbheachail a lìbhrigeadh air-loidhne air sgàth a’ ghalar-sgaoilte thar an dà Mhòd Nàiseanta Rìoghail mu dheireadh, bidh cuid de na farpaisean air-loidhne a’ fuireach, a’ gabhail a-steach seinn aon-neach, ionnsramaidean, agus farpaisean chòisirean don dà chuid òigridh agus inbhich.

Dhearbh an eileamaid air-loidhne a bhith gu mòr air a mheas leothasan a bha airson pàirt a ghabhail san tachartas bho astar, agus c eadaichidh e do fharpaisich an gnìomhaidhean inntrigeadh, a chlàradh agus an luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Bidh na farpaisean agus na gnìomhaidhean air-loidhne air an taisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Am-bliadhna, chithear farpais às ùr Cogadh nan Còmhlan ann an clàr-obrach fharpaisean na h-òigridh. Bheir Cogadh nan Còmhlan cothrom air leth do dhaoine òga gnìomhadh beò air
àrd-ùrlar, leis na còmhlain a bhuannaicheas a’ faighinn cothrom air seisean clàraidh san Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Taobh a-muigh a’ chlàr-obraich, thèid farpais ùr TikTok agus Sruth a chur air bhog, tachartas a bhios ag amas air barrachd còmhraidh nàdarrach a bhrosnachadh am measg dhaoine òga. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na farpaisean a bharrachd sin aig www.ancomunn.co.uk.

Bidh clàr-obrach nan inbheach a’ cur fàilte air farpais ùr chòisirean le taic-ciùil, a bhios ag amas air buidhnean seinn ann an co-sheirm sam bi eadar còig agus deich sheinneadairean, còmhla
ri farpais ùr seinn aon-neach, Farpais CalMac, a bhios fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach. Bidh tachartasan pìobaireachd nan inbheach a-nis a’ nochdadh fharpaisean aig Ìre A is Prìomh agus aig Ìre B, le farpais Pìobaireachd, agus farpais Caismeachd, Srath-spè is Ruidhle a’ gabhail àite aig gach ìre.

Cuideachd am-bliadhna, chithear ath-sgrùdadh air rèiteachadh àireamhan mu choinneamh fharpaisean agus ath-ùrachadh air riaghailtean fharpaisean, agus aig an aon àm thathar ag iarraidh air na farpaisich uile eòlas a chur air na riaghailtean ùra uile mus cuir iad inntrigean a-steach.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig a’ Chomunn Gidhealach: “Tha e na fhìor thlachd dhuinn ainmeachadh gu bheil na h-inntrigean airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2022
ann am Peairt, a-nis fosgailte. Is e àm mìorbhaileach a bhios ann a’ cur fàilte air na ceudan de fharpaisich air ais gu bhith a’ com-pàirteachadh gu pearsanta am-bliadhna agus chan eil teagamh sam bith againn nach bi càileachd nan inntrigean barraichte uair eile. Tha sinn air ar dòigh cuideachd a bhith a’ cur cuid de fharpaisean brosnachail ùra air bhonn còmhla ri eileamaidean sa
phrògram do dhaoine de gach aois, agus airson na treas bliadhna às dèidh a chèile tha sinn a’ coimhead air adhart ri inntrigean air-loidhne a thaisbeanadh bho dhaoine nach eil comasach air a bhith an làthair gu pearsanta. Tha an cunntadh-sìos gu Mòd air leth ann an Peairt dha-rìribh fo sheòl a-nis, agus mholadh sinn do chom-pàirtichean an inntrigean a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha prìomh àite aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann a bhith a’ tarraing luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla gus ar cànan agus cultar a chomharrachadh. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ faicinn Mòd na bliadhna seo ga chur air shiubhal agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’
coinneachadh seann chàirdean agus càirdean ùra ann am Peairt san Dàmhair.”

Thuirt Tòmas Glen, Àrd-Oifigear Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte bhlàth gu Peairt is Ceann Rois a chur air na com-pàirtichean, luchd-èisteachd agus aoighean uile nas fhaide air adhart am-bliadhna. A thuilleadh air comharrachadh mìorbhaileach air cànan is cultar na Gàidhlig air àrd-ùrlaran a’ Mhòid, tha sinn an dòchas gun gabh na
com-pàirtichean cothrom air na tha aig Peairt agus aig an sgìre mun cuairt ri thabhann a thaobh chuspairean cultarach, gnìomhachdan air a’ bhlàr a-muigh agus bùithtean neo-eisimeileach.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus SQA.

Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Peairt bho 14 - 22 Dàmhair 2022. Airson làn fhiosrachaidh mu shiostam inntrigidh air-loidhne Mòd 2022 agus clàran-obrach, tadhailibh air ancomunn.co.uk/nationalmod/rules agus airson pìosan ainmichte a’ Mhòid 2022, tadhailibh air ancomunn.co.uk/store .

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach aig info@ancomunn.co.uk no fòn: 01851 703487.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council