An Comunn Gàidhealach a’ gabhail beannachd le Iain Moireasdan

Published: 22 Nov 2019

​Tha an Comunn Gàidhealach an diugh air a’ nochdadh gum bheil Ceannard na buidhne Iain Moireasdan gu bhith a’ dol air chluaineas deireadh a’ Mhàrt 2020, nuair a bhios e air faisg air 12 bliadhna a thoirt air ceann na buidhne.

Thuirt Iain Moireasdan, “’S e urram a th’air a bhith ann cur ri foillseachadh agus cor na Gàidhlig tron Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus lìonradh de Mhòdan Ionadail thar nam bliadhnaichean. Ghabh mise thairis san dreuchd seo ann an 2008 agus tha mi air a bhith da-rìribh fortanach agus air leth toilichte a bhith ag obair le fìor dhaoine gasta agus thaiceil, eadar an sgioba luchd-obrach, Buill a’ Bhuird-stiùiridh, agus Buill a’ Chomuinn. Tha mi moiteil gum bheil sinn air a’ bhuidheann ath-shuidheachadh thar nam bliadhnaichean bho thòisich mi, agus air a cuid structuran a chur air bonn-steidh nas seasmhaiche. Chan eil sinn fhathast air taic maoineachaidh phoblach tearainte a ghleidheadh dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh chuirm bhliadhnail an t-saoghail a thaobh na Gàidhlig, agus bidh an dùbhlan sin a’ leantainn fo stiùir Cheannard ùr. Cumaidh mise a h-uile taic as urrainn dhomh ris an neach sin

Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich Ailean Caimbeul, “Tha mise agus buill a Bhùird-stiùiridh uile gu mòr an comainn Iain airson a chuid saothrach phroifeasanta thar faisg air dà bhliadhna dheug aig stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus airson gach leasachadh ionmholta a thug e air cor agus rianachd na buidhne thar an ùine sin. Gun teagamh sam bith tha Iain a’ fàgail chùisean ann am fìor dheagh òrdugh dha cuideigin ùr a ghabhas uallach a’ Cheannaird. Tha e air a bhith na mhòr-thlachd dhòmhsa a bhith ag obair cuide ri Iain thar nam bliadhnaichean, an dà chuid mar bhall den Bhòrd agus bho 2017 mar Cheann-suidhe. Bidh sinn a guidhe cluaineas fada sona dha Iain, nuair a gheibh e air falbh!”

Thèid dreuchd Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich a shanasachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu: An Comunn Gàidhealach, 01463 709705.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council