Àrd-Oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich a’ fàgail na dreuchd

Published: 03 Jun 2025

Seumas Greumach

Tha An Comunn Gàidhealach air innse an-diugh gu bheil Àrd-Oifigear na buidhne, Seumas Greumach, a’ fàgail a dhreuchd. Tha Mgr Greumach air a bhith ag obair dhan Chomunn fad còig bliadhna deug, ’s tha e air a bhith os cionn na buidhne còrr is còig bliadhna.

Bhon Lùnastal, gu ruige deireadh Mòd na bliadhna-sa ann an Loch Abar, bidh Seumas ag obair pàirt-ùine mar Àrd-Oifigear, agus pàirt-ùine anns an dreuchd ùr aige, mar Mhanaidsear Com-Pàirteachaidh Coimhearsnachd, aig Bòrd na Gàidhlig.

Bidh Seumas an uair sin a’ tòiseachadh na dhreuchd ùr, ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan na Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail air feadh Alba. ’S e a bhith a’ leasachadh agus a’ brosnachadh Plana Corporra Bhòrd na Gàidhlig, mu choinneamh Bile nan Cànanan Albannach, a bhios fa-near dhà. ’S e reachdas cudromach a th’ anns a’ Bhile a tha a’ toirt còir laghail ann an Alba don Ghàidhlig agus Albais agus a tha ag ùrachadh taic airson cànanan tùsanach na dùthcha.

Fo stiùir Sheumais, tha An Comunn Gàidhealach air cur gu mòr ri ìomhaigh agus leasachadh na Gàidhlig, cultair agus na h-ealain. Thathas air Mòdan air leth soirbheachail, buannachdail a lìbhrigeadh. Fhuaireas tro chuingealachdan Chovid gu luath agus gu làidir. Thathas air grunn shiostaman agus pròiseasan ùrachadh, agus àireamhan fharpaiseach agus luchd-tadhail nam Mòdan àrdachadh. Tha àireamh nam Mòdan Ionadail cuideachd air a dhol am meud bho ghabh Seumas dreuchd an Àrd-Oifigeir. ’S e am Mòd Nàiseanta Rìoghail prìomh fhèis na Gàidhlig, a tha a’ cruthachadh coimhearsnachd shònraichte a tha a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh na Gàidhlig, anns am bheil na mìltean a’ gabhail pàirt gach bliadhna.

Rè ùine ann an dreuchd an Àrd-Oifigeir, tha Mgr Greumach air a bhith ag obair gu dlùth le luchd-obrach a’ Chomuinn, Bòrd-Stiùiridh na buidhne agus coimhearsnachd de dhaoine a tha an-sàs anns an fhèis, airson soirbheachas nam Mòdan Nàiseanta agus Ionadail air feadh na dùthcha a dhèanamh cinnteach, bliadhna às dèidh bliadhna.

Bidh An Comunn a-nis ag obair cuide ri Bòrd na Gàidhlig gus slighe rèidh a stiùireadh eadar na dreuchdan do Sheumas. Bithear a’ sanasachd airson Àrd-Oifigear ùr anns na beagan sheachdainean a tha romhainn.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche A’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha Seumas air dìleab mhaireannach fhàgail ann an obair a’ Chomuinn agus soirbheachas nam Mòdan Nàiseanta agus Ionadail. Tha iad seo riatanach a thaobh cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh mar phàirt chudromach, shaoibhreachadh dha-rìreabh de bheatha na h-Alba. Tha e air a bhith na mhòr thlachd ag obair cuide ri Seumas. ’S e ceannard air leth a th’ ann, a tha cruthachail, dealasach agus deònach co-obrachadh. Bidh ionndrainn mhòr air, ach cha smaoinich mi air duine eile air am freagair an dreuchd ùr, chudromach seo nas fheàrr na e. Tha mi làn chinnteach gun dèan a nàdar spèiseil, co-obrachail, cho math ri a chuid dhìlseachd ris a’ Ghàidhlig agus a cultair, eadar-dhealachadh nach gann, gus dèanamh cinnteach gum bi an cànan buan agus soirbheachail anns na coimhearsnachdan. Ged a bhios ionndrainn air leth air, chan eil e gar fàgail anns an aithghearrachd. Leigidh ar n-aonta- obrach le Bòrd na Gàidhlig agus Seumas leinn Mòd soirbheachail eile a chur an cèill, a bhios gu maith agus buannachd na Gàidhlig.

An ùine gun a bhith fada, bidh sinn a’ sanasachadh airson Àrd-Oifigear ùr. Tha sinn a’ sireadh neach a chumas agus a bhrosnaicheas rùn a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus a cultair.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Às dèidh còrr is còig bliadhna deug ag obair dhan Chomunn Ghàidhealach, ’s ann le cridhe throm a tha mi a’ fàgail na buidhne. ’S e urram mòr a th’ air a bhith ann a bhith nam Àrd-Oifigear aig a’ Chomunn a’ cur ri leasachadh agus fàs na Gàidhlig agus na h-ealain. Bidh mi ag ionndrainn ar luchd-obrach dìleas, dealasach agus buill a’ Bhùird a tha ag obair gu cruaidh airson tachartasan cho cudromach agus buannachdail a lìbhrigeadh bliadhna às dèidh bliadhna.

“Tha mi air bhioran gus dreuchd Manaidsear Com-Pàirteachaidh Coimhearsnachd a ghabhail os làimhe anns na mìosan ri teachd. ’S e cothrom air leth a tha seo a bhith ag obair cuide ri agus a’ toirt taic do choimhearsnachdan anns na prìomh sgìrean a chaidh ainmeachadh ann am Plana Corporra Bhòrd na Ghàidhlig.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheil Seumas Greumach a’ gabhail dreuchd Manaidsear Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd còmhla rinn. Tha an t-eòlas agus na sgilean aige ga dhèanamh na mhanaidsear air leth freagarrach, aig àm nuair a dh’fheumas sinn taic a thoirt do na coimhearsnachdan againn agus an neartachadh. Bu mhath leam taing a thoirt don Chomunn Ghàidhealach airson an taic sa chùis seo, agus obraichidh sinn gu dlùth leotha gus taic a thoirt don Mhòd ann an Loch Abar agus le bhith a’ fastadh Àrd-Oifigear ùr.”

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council