​An Comunn Gàidhealach a’ fastadh Àrd-oifigear Eadar-amail ùr

Published: 30 Jul 2025

Tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh gu bheil Peigi NicIllinnein air a fastadh mar Àrd-oifigear Eadar-amail.

Gabhaidh Peigi an dreuchd airson bliadhna, a’ gabhail àite Sheumais Ghreumaich, a tha a’ gluasad gu dreuchd ùr aig Bòrd na Gàidhlig, an dèidh còrr is còig bliadhna deug leis a’ bhuidhinn.

Tha Peigi NicIllinnein à Breascleit, an Eilean Leòdhais agus tha i air a bhith ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach bho 1999.

Le ceum ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan, tha i air a bhith na Rùnaire Companaidh agus na Manaidsear Oifis aig a’ Chomunn, a’ toirt taic do dh’ Àrd-oifigearan leantainneach ann a bhith a’ riaghladh gnothaichean ionmhais, rianachd agus obrachaidh na buidhne.

An dèidh a bhith ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach airson 26 bliadhna le eòlas farsaing agus a dealas do chultar na Gàidhlig tha i gu math freagarrach airson dreuchd a’ cheannardais seo a ghabhail os làimh.

Cumaidh Seumas Greumach air adhart san dreuchd aige pàirt-ùine bhon Lùnastal, gus an tig crìoch air Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Loch Abar, nuair a ghabhas Peigi an dreuchd eadar-amail làn-ùine.

Thuirt Peigi NicIllinnein, “’S e urram air leth a th’ann dreuchd Ceannard Eadar-amail a ghabhail os làimh aig àm cho cudromach don Chomunn Ghàidhealach. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair a’ toirt taic do shoirbheachadh
leantainneach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus adhartachadh na Gàidhlig air feadh Alba. Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith a’ stìùireadh na buidhne thar na bliadhna a tha romhainn.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha eòlas agus dealas domhainn aig Peigi a thaobh na Gàidhlig agus a cultar. Tha an t-eòlas a th’ aice air a’ bhuidhinn, an lìonra farsaing aice agus an dìoghras maireannach aice ga dèanamh air leth freagarrach airson na dreuchd eadar-amail seo a ghabhail os làimh. Bidh Peigi agus buill a’ Bhùird ag obair còmhla thar na bliadhna a tha romhainn gus beachdachadh air an structar eagrachaidh as fheàrr dhan Chomunn Gàidhealach san àm ri teachd.”

Tha An Comunn Gàidhealach ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi Seumas a’ gluasad gu rèidh eadar dreuchdan.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council