Check the progress of your entry
LOG IN HERE
Gheibh sibh dealbhan bho Mòd 2018 an seo
‘S e An Comunn Gàidhealach am buidhean ‘s sinne ‘s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànan agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig.
Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Tha sinn an dòchas gum faic sinn ann an Glaschu sibh ann an 2019!
Tha làrach-lìn Comataidh Ionadail a’ Mhòid beò a-nis. Dèanaibh cinnteach gun tadhal sibh air airson fiosrachadh a thaobh Comataidh Ionadail a’ Mhòid, tachartasan airson airgead a thogail, àitichean-fiuirich agus cothroman saor-thoileach!
Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Glaschu 2019, fìor thoilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le People Make Glasgow agus Biùro Co-chruinneachadh Ghlaschu ann a bhith ag ìsleachadh prìsean àite-fuirich is taighean-òsta do dhaoine airson seachdain Mòd Ghlaschu 2019.
Lorgar tuilleadh fiosrachaidh air àite-fuirich aig:
https://peoplemakeglasgow.com/MOD2019 neo air fòn: 0141 566 0821
11-19 Dàmhair 2019 - Glaschu
9-17 Dàmhair 2020- Inbhir Nis