’S e an fhèis chultarach Ghàidhlig as motha ann an Alba a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bheir seo cothroman do urrasairean ’s luchd taice am bathair ’s na seirbheisean aca a bhrosnachadh fhad ’s chuireas iad taic ri dualchas chultarach Ghàidhlig na h-Alba.
Tha an taic chunbhalach a gheibhear bho bhuidhnean ann an sgìrean Mòid a leithid Comhairle na Ghàidhealtachd, Glaschu Beò, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sàr chudromach.
Bidh Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a’ toirt seachad taic chunbhalach dhan Comunn Gàidhealach agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.
Tha dlùth dhàimh air a bhith aig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn o chionn fhada dhan Ghàidhealtachd, na h-Eilean agus taobh siar na h-Alba mar sheirbheis aiseagan cudromach, agus tha iad air a bhith nam prìomh urrasairean don Mhòd bhon a bha e sa Leargaidh Ghallda ann an 2002.
Cuideachd tha taic air leth cudromach ann bho bhuidhnean a leithid EventScotland, Alba Cruthachail, SQA, BBC ALBA, Sangobeg Investments Earra. agus Wright, Johnston, Mackenzie LLP.