A thuilleadh air a’ chlàr-eagair, feumar farpaisich Riaghailtean a’ Mhòid a leughadh. Bu chòirear an sgrùdadh gu mionaideach leis gun tèid an cuir às an fharpais mura tèid an leantainn.
Gheibhear na clàran-eagair agus riaghailtean as ùire, gu h-ìosal. Dèanaibh cinnteach gun toir sibh sùil air na farpaisean gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh riutha.
Feumar cur a-staigh airson nam farpaisean ro 3mh Òg-mhìos 2019 tron phost agus airson 1 Iuchar 2019 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’ aithghearr.
Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk