Naidheachdan

Ceann-la na duaisean seachad

Published: 31 Aug 2012

Tillibh Duaisean a’ Mhòid

Bha corr agaibh duaisean a’ Mhòid a thilleadh air ais thugainn air an 31mh den Lunastal. Bha corr agaibh deanamh cinnteach gun robh iad air an glanadh agus gun robh sibh air ainmeanan a chur orra ron cheann latha seo.

Tha ceudan de dhuaisean againn agus feumaidh sinn an clàradh agus dèanamh cinnteach gu bheil iad ceart gu leòr nuair a thig iad a-steach. Mar sin, mur an tèid iad an tilleadh chun a’ mhionaid mu dheireadh, bheir sin tòrr a bharrachd obair dhan luchd-obrach, aig àm nuair a tha an oifis cho trang co dhiù.

Bu chorr dhuibh a bhith air dèanaibh cinnteach gun do thill sibh iad ann an tìde, gus nach bidh briseadh-dùil aig na farpaisich air latha nam farpaisean! Tha na Riaghailtean ag innse gun tèid càin a chur air duine sam bith nach cuir na duaisean aca air ais ann an tìde. Mur a bheil sibh air an tilleadh mar bu chorr, bidh sinn a’ cur fios thugaibh a dh’ aithghearr a thaobh cainean.

Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh seo, cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council