Naidheachdan

Nas Lugha na Dà Sheachdain Airson Iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024

Published: 20 May 2024

Fosgladh Mòd Phàislig 2023
Fosgladh Mòid Phàislig 2023

​Ceann-latha a’ teannachadh airson iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024 san Òban

Tha siostam clàraidh air loidhne do dh’fharpaisich Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa a’ dùnadh a dh’aithghearr. Tha aig farpaisich fa leth agus buidhneann a tha ag iarraidh a bhith an sàs ann an tachartas 2024, 11-19mh Dàmhair san Òban, gu meadhan oidhche Dihaoine 31mh Cèitean 2024 gus iarrtasan a chuir a-steach.

Tha tachartas na bliadhna, a’ phrìomh Fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan ’s cultar na Gàidhlig, air leth cudromach agus e a’ tilleadh don Òban airson an 17mh turas.

Tha an t-Òban aithnichte mar dhachaigh a’ Mhòid, leis An Comunn Gàidhealach, a’ bhuidheann a bhios a’ lìbhrigeadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba, air a stèidheachadh sa bhaile ann an 1891. Thachair a’ chiad Mòd a-riamh an ath-bhliadhna sa bhaile ann an Earra-Ghàidheal.

Abair gum bi an Òbain beòthail eadar 11mh agus 19mh Dàmhair eadar tallaichean, taighean-òsta agus sràidean le ceòl, farpaisean, caismeachd, cuirmean, bùthan-obrach agus gu leòr eile.

Gheibhear liosta air a bheil a h-uile farpais ann am Mòd 2024, nam measg: seinn, bàrdachd, ionnsramaideach, dràma agus Dannsa Gàidhealach, ann an Clàran-obrach a’ Mhòid agus gabhaidh iarrtasan a chuir a-steach gu deireadh na mìos an seo.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A’ Chomunn Gàidhealach: “Chan eil ach mu dà sheachdain gus an dùin iarrtasan, mar sin mholainn do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air farpaisean Mòid iarrtas a chuir a-steach gus am bi iad an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa san Òban. Chaidh fàilte a chuir air còrr air 8,000 luchd-tadhail ann am Pàislig an-uiridh aig còrr air 200 tachartas agus sinn an dùil ri barrachd na sin am bliadhna gus ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh. Cuiridh sinn fàilte air na seinneadairean is luchd-ciùil as fheàrr às gach ceàrnaidh aig a’ Mhòd am bliadhna.”

Tha EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha siostam iarrtais Mòd Nàiseanta 2024 an seo agus clàran-obrach an seo.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council