Published: 18 Mar 2024
Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte fàilte a chuir air Coinneach Combe mar Oifigear Thachartasan agus Conaltraidh Digiteach.
Tha eòlas farsaing aige air coimhearsnachd na Gàidhlig, coimpiutaireachd agus tachartasan a chuir air bhonn. Am measg na obraichean a bh’ aige roimhe seo tha e air a bhith na oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig agus na thidsear coimpiutaireachd àrd-sgoile. Bha e cuideachd air a’ sgioba a leasaich an app ionnsachaidh agus cultar IndyLan.
A bharrachd air a’ sin tha e gu math dèidheil air seinn agus a’ drumaireachd ann an Còmhlan Pìoba Cill Bhearchain. Mar sin, tha e ro thoilichte tòiseachadh aig A’ Chomunn gus cùisean a’ thoirt air adhart agus a’ Mhòid agus a’ Ghàidhlig a thoirt gu suidheachadh nas treasa sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Thòisich Coinneach anns an dreuchd an diugh agus tha an sgioba a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris.
Fàilte mhòr ort a Choinnich!
« Back to Mòd News List
Published: 11 Mar 2024
Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 15mh den Mhàirt, aig 7f ann an Taigh Òsta a’ Ghlynhill, Pàislig. Tha fàilte chridheil air Buill a’ Chomuinn a thighinn còmhla rinn air an oidhche.
Tha fios air a dhol a-mach gu buill a’ Chomuinn air post-dealain. Mur a d’ fhuair sibh am post-dealan, agus ma tha sibh nur ball, feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil an seòladh post-dealain agaibh anns an siostam againn – tadhlaibh an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e anns a’ chunntas agaibh:
https://enter.ancomunn.co.uk/
Cuiribh fios gu peigi@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.
« Back to Mòd News List