Naidheachdan

Taigh Cèilidh a' Mhoid - a-nochd!

Published: 12 May 2020

Feuch gun tig sibh còmhla rinn a-nochd @ 8.30f, airson sàr oidhche de dh’ òrain Gàidhlig.

Bidh sinn a’ tighinn thugaibh beò air duilleag Facebook a’ Mhòid, le measgachadh de sheinn agus clàraidhean den fheadhainn a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns na 90s!

1990 - Gillian NicChoinnich
1990 - Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
1991 - Wilma NicUalraig
1991 - Dòmhnall Moireach
1992 - Katrina NicEalair
1992 - Seòras Gunn
1993 - Mairead Stiùbhart
1993 - Seumas Gunn
1994 - Maggie Dhòmhnallach
1994 - Tormod MacFhionghuinn
1995 - Mairead J NicIllFhaoilean
1995 - Fionnlagh MacAoidh
1996 - Joanne Mhoireach
1996 - Alisdair Barnett
1997 - Alyth NicArmaig
1997 - Graham Neilson
1998 - Barbara Nic a’ Ghobhainn
1998 - Aonghas Mac a’ Ghobhainn
1999 - Joyce Mhoireach
1999 - Raymond Bremner

#MòdCèilidh #ancomunngàidhealach #ammòdnàiseantarìoghail #gàidhlig #gaelic #cleachdiaigantaigh​Nach tig sibh còmhla rinn oidhche Dhiardaoin airson Taigh Cèilidh a’ Mhòid!

« Back to Mod News List

Taigh Cèilidh a' Mhòid

Published: 07 May 2020

​Nach tig sibh còmhla rinn, beò air-loidhne, air duilleag Facebook a’ Mhòid airson sàr oidhche de dh’ òrain Ghàidhlig air an 14mh den Chèitean.

Taigh Cèilidh a’ Mhòid – le feadhainn de na seinneadairean Gàidhlig is ainmeil a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn sna 90’s.

Tha John Joe MacNèill gu bhith na Fhear an Taighe air an fheasgair.

Chì sinn ann sibh!

« Back to Mod News List

​ATHARRACHADH AIR CLÀR A’ MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL DEARBHTE

Published: 07 May 2020

A’ leantainn air co-dhùnadh a ghabh e gus Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020 an Inbhir Nis a chur dheth chun an Dàmhair ann an 2021, tha buidheann deasachadh an tachartais, An Comunn Gàidhealach, toilichte dearbhadh gum bheil atharrachadh clàr sgìrean aoigheachd a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail aontaichte gu ruige 2024.

Le Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis gu bhith a-nise a’ gabhail àite eadar 8 agus 16 an Dàmhair 2021, bidh cinn-latha nan sgìrean-aoigheachd eile mar a leanas.

Peairt - 14-22 an Dàmhair 2022

Pàislig - 13-21 an Dàmhair 2023

An t-Òban - an Dàmhair 2024 (fios air cinn-latha nuair a bhios tèarm nan sgoiltean dearbhte)

Thuirt Ceann-suidhe a Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, “Bha a bhith a’ cur an dàil seo air a’ Mhòd Nàiseanta airson a’ chiad turas a-riamh, seach bliadhnaichean an dà Chogadh Mhòr, cho doirbh ri co-dhùnadh a thàinig air
stiùirichean a’ Chomuinn riamh. Rinn sinn e le mòr mhulad, ach le làn mhothachadh gum b’ e seo slighe cheart agus do-sheachanta às leth na h-uile. Dh’iarrainn taing a thoirt dha buill agus oifigearan nan Comhairlean seo uile a
tha toirt aoigheachd, airson an tuigse agus an taice ann a bhith ag aontachadh ris na h-atharraichean seo air clàr nam Mòdan Nàiseanta. Nì sinn fiughair ri tachartasan, nuair a thig iad, a bhios buannachdail dha na coimhearsnachdan sin
agus dhan Ghàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach Alistair MacFhionghuin “Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail do na coimhearsnachdan far am bithear ga chumail gach bliadhna. ‘S e adhbhar tlachd a th’ ann gum bithear a’ cur fàilte air a’ Mhòd a’ tilleadh a dh’ Inbhir Nis nuair a thèid bacaidhean oifigeil a lùghdachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart le mòran fiughair ri coinneachadh ri chèile a-rithist slàn, fallain gus cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.”

Thuirt Ceannard Chomhairle Pheairt agus Chinn Rois, Karen Reid, “Às leth na Comhairle, tha mise glè thoilichte dearbhadh gun tèid aig Peairt air aoigheachd a thoirt dhan Mhòd ann an 2022. Cumaidh sinn ag obair còmhla,
agus le luchd com-pàirt ionadail, gus tachartas soirbheachail a thoirt gu buil, a dh’fhoillsicheas ar cultar agus dualchas Gàidhlig gu h-èifeachdach feadh, agus taobh a-muigh Alba.”

Tha Àrd-oifigear a Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, mothachail gum bidh cùisean nan tàmailt dha farpaisich de gach aois a bhios air mòran ùine agus spàirn a chur ri deasachadh airson Mòd na bliadhna seo. Ach ged-tà, tha deagh naidheachd ann!

“Le mothachadh air an obair a bhios farpaisich air a dhèanamh mar-thà ma choinneimh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020 tha sinn air co-dhùnadh an clàr-obrach thaghte air fad a thoirt air adhart gun atharrachadh gu tachartas 2021 ann an Inbhir Nis. Tha dùil gun cuir luchd com-pàirteachaidh uile fàilte air seo agus bidh fiughair againn ri Mòd taitneach eile ann an 2021, agus tachartasan pailt cho soirbheachail anns na bliadhnaichean a leanas, Tha sinn cuideachd a’ beachdachadh air òrain agus ceòl Gàidhlig a chomharrachadh air loidhne san eadar-ama gus ceangal le coimhearsnachd a’ Mhòid agus na Gàidhlig, ach dh’iarrainn daingneachadh nach eil seo a’ dol air adhart an àite Mòd! ’S e toileachas a th’ ann a bhi a

beachdachadh air roghainnean, chan ann a-mhàin air sgàth suidheachadh dùbhlanach, ach air dòigh a bheir deagh bhuaidh air a’ chànan is air a’ chultar a’ dol air adhart. Foillsichidh sinn tuilleadh fiosrachaidh nuair a bhios an dealbhachadh dèanta.”

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2021 Supporter

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Glasgow City Council

Glasgow City Council

Sponsor

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD