Published: 30 May 2018
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a’ tilleadh gu Dùn Omhain. Mar sin, ghabh mi fhèin agus mo cho-obraiche, Seonag NicAnndrais chun an rathaid an t-seachdain a chaidh, le ‘Cuairt a’ Mhòid’; a’ tadhal air sgoiltean sgìre Dhùn Omhain is Earra Ghàidheal. Chuir sinn seachad trì là a’ bruidhinn ri sgoilearan bho 7 sgoiltean. Bidh sinn a’ tilleadh aig toiseach na h-ath mhìos airson tadhal air sgoiltean eile anns an sgìre.
Chaidh ‘Cuairt a’ Mhòid’ a stèidheachadh an toiseach san Òban ann an 2015. A h-uile bliadhna bhon uairsin, tha sinn air a bhith a’ tadhal air sgoiltean anns na sgìrean far a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail. ‘S e a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd, prìomh àmais na h-iomairte. Tha Cuairt a’ Mhòid air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith a’ piobrachadh chloinne gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òg.
Tha e cudromach gu bheil òigridh sgìre Dhùn Omhain a’ faireachdainn nam pàirt mhòr dhe na bhios a’ dol anns a’ bhaile aca fhèin san Dàmhair, thoireadh, aig deireadh an là, ‘s e am Mòd aca fhèin a th’ ann. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ feuchainn air cuid dhe na farpaisean. Ach, mas e agus nach eil iad airson sin a dheànamh, bidh iomadh cothrom eile anns am faod iad pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd. Bidh bùithean-obrach, consairtean, seiseanan-ciùil is caismeachdan a’ dol, ‘s gu dearbha bi fàilte romhpa a bhith an làthair.
‘S e tha fainear dhuinne, a thaobh sgeama ‘Cuairt a Mhòid ‘ ach aire chloinne a tharraing gu na Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na Mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean-ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho sgìre Dhùn Omhain fhèin fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu sònraichte an dèidh na chualas de thàlant ann an sgoiltean na sgìre an t-seachdain a chaidh. Thèid Cuairt a’ Mhòid a thadhal air sgoiltean cho fad is farsaing ri Taigh na Bruaich, Srath Chura, Grianaig agus Gleann Da-Ruail. Bithear a’ tadhal air 12 sgoiltean uile gu lèir mus bi an cuairt seachad.
A thuilleadh air an seo, tha obair chudromach eile a’ dol air adhart ann an sgoiltean na sgìre an-dràsta tron sgeama ‘Acadamaidh a’ Mhòid’. Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus Fèisgoil gus luchd-teagasg a chur an luib nan sgoiltean mar thaic airson nam Mòdan. Bidh clann-sgoile a’ faighinn oideachadh le bhith ag ionnsachadh an cuid phìosan airson a’ Mhòid ‘s thathas an dòchas gun cuir an sgeama ri àrdachadh àireamhan fharpisich ‘s gum bi làn-riochdachadh ann bhon sgìre air fad.
Mar a bhios fios aig gu leòr, mar phàirt de phrògram tachartasan Riaghaltas na h-Alba ‘s e 2018, ‘Bliadhna na h-òigridh’, agus tha sinne gu mòr airson taic a chuir ris a bhliadhna shònraichte a tha seo, le bhith a’ brosnachadh na h-òigridh a thaobh nan ealan Ghàidhlig. ‘S e tlachd a th’ ann am faicinn aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta agus cha bheag an luach a thaobh na Gàidhlig.
Seumas Greumach
Manaidsear a’ Mhòid
Published: 25 May 2018
Bheil sibh airson iarrtas agus pìosan fèin thaghte a chur a-steach tron phost? Chan eil fada ri dhol gus an ceann-latha!
Tha agaibh gu 2 Iuchar 2018 ma chuireas sibh an iarrtas agaibh a-steach air loidhne.
« Back to Mòd News List
Published: 15 May 2018
Aon, dhà, sgrìobh!
Tha tòrr chothroman againn dha Gàidheil òga, cruthachail aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Nach cuir sibh sgeulachd, pìos bàrdachd, cunntas-naidheachd no postair a tha sibh air a dhèanamh a-steach airson cothrom duais a bhuannachadh.
Tha farpais prògram rèidio agus film goirid againn cuideachd- deagh chothrom dha òigridh a tha airson a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig.
⭐CUIMHNICHIBH⭐
Faodaidh sibh rudeigin a tha sibh air a dhèanamh sa chlas no aig buidhean as dèidh na sgoile a chur a-steach
« Back to Mòd News List