Naidheachdan

Mòd air Chuairt

Published: 08 Apr 2015

Taisbeanadh leasachaidh gu bhith a’ toirt spionnadh do àireamhan sgoilearan

Leis gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh chun dachaigh aige san Òban am-bliadhna, thathas a’ dèanamh oidhirpean gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga. Ged a bha àireamhan fharpaisich san fhèis Ghàidhlig ann an Inbhir Nis an-uiridh na b’ àirde na bha a-riamh roimhe, is e dìreach triùir òganach à sgìre an Òbain a shiubhail gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd gus pàirt a ghabhail ann.

A-nis, agus am Mòd a’ tighinn don Òban airson an 16mh turas - b’ ann sa bhaile seo a chaidh a’ chiad tachartas a chumail ann an 1892 - tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi làn-riochdachadh aige bho sgìre Latharna.

Tha manaidsear a’ Mhòid Seumas Greumach a’ toirt Taisbeanadh Leasachaidh a’ Mhòid air adhart, a chaidh timcheall 12 sgoil air feadh an Òbain is Latharna gus com-pàirt a bhrosnachadh anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 9-17 Dàmhair. Thug Seumas cuid den luchd-ciùil as tàlantaich air Taobh an Iar na Gàidhealtachd timcheall sgoiltean ann an Taigh an Uuillt, An Apainn, A’ Chonghail, Am Barra Calltainn, Aird Fheàrna, Cill an Inbhir, An Dùn Beag, Eisdeal, agus Ach na Creige, Naomh Cholm Cille agus Pàirc an Òban, a bharrachd air Àrd-sgoil an Òbain.

Fhad ’s a bha iad a’ tadhal air Bun-sgoil Cholm Chille Dihaoine sa chaidh, thuirt Seumas: “Tha na sgoilearan agus an luchd-teagaisg air ùidh shònraichte a nochdadh anns gach sgoil. Bha sinn an dùil an Taisbeanadh Leasachaidh a hleachdadh gus taic ùrachadh ann an sgìrean eile san dùthaich ach is e an Òban an fhìor àite airson tòiseachadh seach gun deach àireamh nam farpaisich òga sìos o chionn ghoirid. Tha mothachadh a-measg luchd-teagaisg ris am bi sinn a’ bruidhinn mun Mhòd ach chan eil iad uile mothachail air an taic as urrainn dhuinn a thoirt do sgoiltean. Tha sinn airson gum bi sgìre an Òbain air a riochdachadh gu làidir aig tachartas na bliadhna-sa oir tha tàlant sònraichte ann agus luchd-teagaisg ciùil a tha fìor mhath.

A-measg an luchd-ciùil aig Taisbeanadh Leasachaidh a’ Mhòid bha Sìleas Nic na Ceàrdaich (A’ Chonghail), Moireach Willis (Liosmòr) agus Fionnlagh Wells (An Òban) a thug mòr thoileachas dha na sgoilearan leis a’ chiùil beòthail aca. Chaidh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Earra-Ghàidheal Donnchadh MacNèill agus Oifigear Leasachaidh Dràma Fèisean nan Gàidheal Dùbhghlas Beck an sàs a’ leasachadh sgilean dràma nan sgoilearan agus thug Tosgaire Gàidhlig 2014 is an craoladair Kirsteen NicDhòmhnaill an eòlas aice air a’ Mhòd seachad do na sgoilearan.

Aig ìre ionadail, tha a’ chomataidh eagrachaidh a tha an sàs le Mòd an Òbain am-bliadhna air aontachadh Acadamaidh a’ Mhòid a stèidheachadh, a chuireas luchd-teagaisg a-steach do sgoiltean ag amas air barrachd com-pàirt àrdachadh. Bidh am pròiseact seo rudeigin coltach ri Club a’ Mhòid ann am Muile a tha làn-stèidhichte a-nis, agus a tha air a bhith na mheadhan air mòran fharpaisich bhon eilean a thoirt air adhart gu bhith gu làidir an sàs aig Mòdan o chionn ghoirid.

Thuirt Donnchadh Dòmhnallach, Neach-gairm a’ Chomataidh Ionadail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015: “Is e pròiseact pìleat a tha ann an Acadamaidh a’ Mhòid a tha sinn an dòchas a leanas às deidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna; tha sinn airson gum bi clann sgoile bhon Òban agus Latharna a’ leantainn a bhith an sàs ann am farpaisean a’ Mhòid. Tha na h-àireamhan air a bhith a’ tuiteam ach tha na tidsearan glè thrang agus tha mòran de phàrantan airson an cuid cloinne a thoirt air falbh air saor-làithean fad làithean-saora san Dàmhair, nuair a bhios an Mòd a’ dol air adhart.”

Bithear an dùil gum bi suas ri 10,000 neach a’ frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a chuireas fàilte air farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia. Aig fèis iomaill a’ Mhòid bidh cuirmean, seiseanan, òraidean is cleasachd sràide ann an diofar àiteachan air feadh na fèise naoi-latha.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow