Eachdraidh

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891. ’S e a’ phrìomh fhèille Ghàidhlig, a’ comharrachadh cànan ’s cultar na Gàidhlig ’s a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig ’s ciùil, dannsadh Gàidhealaich, dràma, spòirs ’s litreachais. Ged as ann stèidhichte air farpaisean a tha e, tha e cuideachd a’ tàbhachd tachartasan neo-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ’s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan ’s cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas.

A bharrachd air a bhith na àrd-ùrlar eadar-nàiseanta gus cànan ’s cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, bheir am Mòd buaidh mhòr chultarach ’s eacanomaigeach dhan àite far an tèid a chumail, a’ tarraing shanasachd nàiseanta ’s eadar-nàiseanta agus a’ togail ìomhaigh na àite. Tha am Mòd cuideachd na chothrom bhliadhnail do Ghàidheil ’s Ghall cruinneachadh ri chèile gus càirdeas a dhaingneachadh ’s dàimhean ùra a neartachadh.

JustGiving An Comunn logo


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow