An Fheis Phan Cheilteach

Published: 27 Apr 2009

Chaidh Feill Phan Cheilteach mhiorbhaileach eile a chumail o chionn ghoirid ann an Baile Dhun nan Gall, Eirinn. Chruinnich riochdairean bho na 6 duthchannan Ceilteach cruinn comhla airson seachdain lan ciuil agus craic. Shoirbhich seinneadairean na h-Alba a-rithist le Raymond Bremner a’ buannachadh farpais an t-seann nois agus Atomic Piseag a’ gleidheadh na ciad duais ann am farpais choisearan nam mna. Chaidh an darna duais cuideachd a thoirt do Oran Ur do Mhuile, Balaich na h-Alba agus Coisir Ghaidhlig Thaigh an Uillt sna roinn aca fhein. An lathair cuideachd bha Ailean Domhnallach, a choisinn farpais an t-seann nois aig a’ Mhod Naiseanta an uiridh agus Iain Moireasdan, Ard Oifigear a’ Chomuinn Ghaidhealach. Thuirt Iain, “B’ e Feille fior mhath a bh’ ann a-rithist. Bha an t-side alainn agus bha na h-Albannaich air an doigh a’ seinn orain Ghaidhlig bho mhoch gu dubh. Chord i rinn glan uile agus tha mi ri fiughair gus co-obrachadh air dealbhachadh na Feille san am ri teachd.”

Theid Feille 2010 a chumail anns An Daingean, Siorrachd Chorraigh airson na ciad uair an ath bhliadhna, faicibh an larach-lin oifigeil airson barrachd fiosrachaidh.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council