Sreath Ùr de Clasaichean Gàidhlig a' Chomuinn

Published: 05 Feb 2021

Tha a’ chiad sreath de na clasaichean Gàidhlig againn a-nis air tighinn gu crìch. Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do gach neach a ghabh pàirt annta. Taing cuideachd don luchd-teagaisg againn, Joy Dunlop, Marcas Mac an Tuairneir agus Alec ‘Bhaltos’ Dòmhnallach.

Tòisichidh an ath shreath de chlasaichean air an 15mh den Ghearrain, le 6 clasaichean gan cumail gach seachdain. Ma tha ùidh agaibh anns na clasaichean seo, clàraibh cho luath’s a ghabhas tron cheangal a leanas. Tha cuid de na beàrnan air lìonadh mu thràth: https://enter.ancomunn.co.uk/products

Cosgaidh na 6 clasaichean £24 gach duine no £12 airson buill a’ Chomuinn. (Bidh cothrom agaibh ballrachd a’ Chomuinn ùrachadh / a thoirt a-mach nuair a tha sibh a’ clàradh).

Bu mhath leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson am pròiseact seo a mhaoineachadh.

Cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council