Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèis Rois a’ cur cèilidh nàiseanta air-loidhne air dòigh gus tàlant na sgìre a thaisbeanadh
Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd air tighinn còmhla ri Fèis Rois, a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain, gus tàlant bho air feadh na sgìre a thaisbeanadh mar phàirt de Mhòd Nàiseanta Rìoghail air-loidhne na bliadhna sa.
Thèid Cèilidh na Comhairle a-mach air meadhanan-sòisealta a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair. Chaidh a’ chèilidh a chur air dòigh le Fèis Rois le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Cluinnear luchd-ciùil le cliù eadar-nàiseanta a leithid Julie Fowlis, agus Charlie McKerron bho Capercaillie, luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid, luchd-ealain a tha a’ tighinn am bàrr, agus daoine òga a tha air a bhith ann am Foghlam tron Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd.
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Air-loidhne. Tha mi air a bhith a’ coimhead air a’ Mhòd Air-loidhne agus tha na tagraidhean aig ìre cho àrd agus a’ sealltainn cho tàlantach ’s a tha na ‘co-fharpaisich’ de gach aois. Tha na tagraidhean anabarrach math agus a’ gabhail a-steach obair-ealain chloinne, seinn Ghàidhlig agus sàr chluiche air innealan-ciùil de gach seòrsa.”
Lean e air adhart, “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri Cèilidh na Comhairle oidhche Haoine far am faic sinn daoine bho air feadh na Gàidhealtachd a tha cho fìor thàlantach a’ cluiche ceòl traidiseanta
agus a’ seinn sa Ghàidhlig. Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd moiteil a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis, Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd, ann an 2021. Tha mi gu mòr an dòchas ur faicinn ann.”
Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois: “Tha sinn cho toilichte a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean aig Comhairle na Gàidhealtachd gus àrd-ùrlar a thoirt do luchd-ciùil is do sheinneadairean tàlantach a tha a’ fuireach ann an naoi sgìrean Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha e air a bhith tlachdmhor a’ chuirm seo a chur ri chèile agus tha mi gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an tasgaidh agus sin a’ toirt cothrom dhuinn taic a thoirt do luchd-ealain aig an àm dhoirbh seo.”
Bidh Julie Fowlis na bean an taighe aig a’ chèilidh agus bidh i a’ seinn is a’ cluiche còmhla ris an duine aice, Eamon Doorley. Bidh sàr sheinneadairean agus luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid a leithid Raymond Bremner (1999), Eilidh NicCarmaig (2014) agus Raonaid Nic an Fhucadair (2017) a’ tighinn còmhla ri Julie.
Bidh gach ginealach a’ gabhail com-pàirt sa chèilidh agus chì sinn Aonghas MacCoinnich (Dàimh) agus a bhean Eilidh (Dòchas) a’ cluiche còmhla rin cuid chloinne. Bidh am fìdhlear Charlie McKerron a’ cluiche còmhla ri a chèile, an seinneadair tàlantach Gàidhlig Sandra NicAoidh, agus an cuid chloinne Seòras agus Cailean.
Bidh Mike Vass, a chluicheas iomadh inneal-ciùil, a’ riochdachadh Inbhir Narann sa chèilidh agus bidh Chloe Bryce agus Kaitlin Ros a tha air ceumnachadh o chionn ghoirid agus a bha nan sgoilearan aig Acadamaidh Bhaile Dhubhthaich a’ riochdachadh Ros an Ear. Bidh an cluicheadair bogsa-ciùil Megan NicDhòmhnaill à Luirg, a bhios a’ cluiche còmhla ris a’ chòmhlan Eabhal a tha a’ sìor chosnadh
cliù dhaibh fhèin, cuideachd a’ gabhail com-pàirt. Tha Meadhan Rois air a riochdachadh le Innes White a tha sònraichte math air a’ ghiotàr agus a b’ àbhaist a bhith na sgoilear ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Coimhead a’ chèilidh air-loidhne aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair air www.facebook.com/RoyalNationalMod no air duilleag Facebook a’ Chomuinn Ghàidhealaich.