Interview with John Joe Macneil

Published: 02 Jul 2020

Innis dhuinn beagan mu do dheidhinn fhein?

Is mise John Joe MacNèill agus ‘s ann à Barraigh a tha mi bho thùs, ged a tha mi a-nise a’ fuireach an Dùn Èideann. Tha mi ag obair aig Oilthigh Dhùn Èideann agus ‘s e Prìomh Cho-eòlaiche Teagaisg an dreuchd a th’ agam aig
an Oilthigh. Tha mi cuideachd a-ruith am prògram MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig.

Ciamar a tha lockdown air a bhith dhut fhein?

Gu ìre mhòr tha e air còrdadh rium, feumaidh mi a ràdha, ged a tha laithean ann far a bheil mi a’ faireachdainn aonranach agus tha mi ag iarraidh leum air an itealan agus a dhol dhachaidh a Bharraigh! Tha tòrr phròiseactan agam a
tha air a bhith gam chumail a’ dol. Nam measg m’ obair a tha air a bhith trang, mar a thuigeadh sibh, tha mi cuideachd air ais a’ lìbhrigadh agus a’ craoladh phrògraman air Rèidio Ciùil Ceilteach, b’ àbhaist dhomh bhith dèanamh seo nuair a bha mi nam oileanach ann an Glaschu. Tha mi cuideachd air a bhith ag ionnsachadh tòrr a thaobh teicneòlas. Chanainn gu bheil mi coltach ri ‘Tech Guru’ a-nise, eadar a bhith a’ craoladh beò a-mach as an flat agam fhèin gu na diofair innealan a tha sinn a’ cleachdadh. Tha mi cuideachd air a bhith an sàs ann an rudan a thaobh ceòl, trang le còisirean, a’ dèanamh co-sheirmean, tha mi air a bhith a’ seinn agus a’ cluich a’ phiàno mi fhèin cuideachd. Ghluais mi anns an t-Sultain a Dhùn Èideann agus bha bocsaichean loma-làn a’ suidhe ann an rùm! Leis an sin tha mi air a bhith trang a’ dol tro dhealbhan, cds, leabhraichean is eile agus feumaidh mi ràdha gu bheil na bùthan cathrannais gu bhith trang leis na tha iad gu bhith faighinn bhuamsa!

De an rud as motha a tha thu ag ionndrainn?

Uill tha a’ cheist seo gu math furasta a fhreagairt, feumaidh mi a ràdh, mo theaghlach, mo charaidean, a bhith a’ dol air ais a Bharraigh agus cuideachd a bhith a’ tighinn còmhladh ri daoine airson began craic agus plòigh fhaighinn.

Ciamar a tha Taigh Ceilidh a’ Mhoid a’ cordadh riut?

Tha Taigh Cèilidh a’ Mhòid a’ còrdadh rium glan, feumaidh mi a ràdh agus abair gu bheil beartas de sheinneadairean air a bhith againn. Tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ cluinntinn nan òrain agus a bhith a’ cluinntinn mu na cuimhneachain a th’ aca agus na rudan a bha a’ seasamh a-mach dhaibh air an latha. Tha e cuideachd a’ còrdadh rium a bhith a’ cluinntinn na seinneadairean nach eil còmhla rinn a-nis agus cho prìseil ‘s a tha an gibht a tha iad air fhàgail dhuinn.

Tha tòrr an lùib a bhith a’ clàradh na cèilidhean seo beò, tha e follaiseach gu bheil thu math air an teicneòlas. A bheil an obair a tha na lùib doirbh?

Nam biodh tu air faighneachd seo dhomh nuair a thòisich sinn an toiseach, bhithinn air a ràdh gun robh e gu math doirbh agus tha mi smaoineachadh gun robh sinn uile a’ liathadh aig an àm! A-nis, leis gu bheil sinn nas eòlaiche air, tha e gu math nas fhurasta, chan e a-mhàin gu bheil sinn nas eòlaich air an seòrsa cruth a tha air ach cuideachd gu bheil sinn nas eòlaiche air an teicneòlas agus na rudan a dh’ fhaodadh a dhol ceàrr. Bidh sgioba a’ Chomuinn a’ bruidhinn ri na

seinneadairean, gus a’ faighinn a-mach mun deidhinn agus a’ bruidhinn riutha mu dheidhinn òrain. Tha mise an uairsin a’ faighinn an fhiosrachadh sin agus ag obair orra airson sgriobt a dhèanamh, puingean a’ sgrìobhadh, agus eòlas fhaighinn air na seinneadairean mur a bheil mi eòlach orra agus na h-òrain aca. Tha sin dìreach airson gun urrainn dhomh rudan a chumail a’ dol gu siubhalach. ‘Se na h-aon seòrsa cheistean a tha sinn a’ faighneachd, mu dheidhinn na cuimhneachain aca. Tha sinn cuideachd, airson dèanamh cinnteach gum bidh beagan craic ann cuideachd! Mo thaing dha Alex agus Anna a tha a-ruith an uidheamachd teicneòlais, tha iadsan dìreach sgoinneil fhèin, bhiodh sinn air chall nam biodh e air fhàgail agamsa airson a dhèanamh! Tha sinn airson gu bheil seo a’ faireachdainn beò, mar cèilidh. ‘S e sgioba air leth a tha ag obair air an seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an ath chèilidh.

Tha thu air a bhith ag obair ann am foghlaim airson grunn bhliadhnaichean a-nis. Carson a mholadh tu gabhail pàirt ann am Mòd dha na sgoilearan agad?

Tha mi air a bhith an lùib foghlam bhon a bha mi gu math òg, nuair a thòisich mi a’ teagasg aig fèisean agus tha mi air a bhith an lùib foghlam foirmeil airson deich bliadhna. Thoisich mi nam thidsear Bun-sgoile, bha mi an uairsin nam cheannard agus tha mi a-nise ag obair anns an oilthigh. Na mo bheachd-sa, ma tha sinn airson neart a thoirt dhan chànan, ma tha sinn ag iarraidh bogadh a tha dlùth, feumaidh cultar agus coimhearsnachd a bhith an teis-mheadhan sin. Tha ùidh mhòr agam ann an òrain Ghàidhlig, ceòl Gàidhlig, dannsa, Mòdan, Feisean agus mar sin air adhart agus tha mi daonan a’ faicinn a bhuaidh a tha sin a’ toirt air sgoilearan, bho aois gu math òg. Tha cuimhne agam gu sònraichte, ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, aon fheasgair aig Mòd Ionadail, a’ coimhead suas air an àrd-ùrlar, agus leth-cheud sgoilear bhon Sgoil Àraich air an àrd-ùrlar. Bha deòir nam shùilean a’ coimhead orra, cho prìseil ’s a tha an gibht a tha sinn a’ toirt dhaibh bho aois òg. Chan e a-mhàin òrain, ceòl agus dràma a tha sinn a’ toirt dhaibh, tha sinn a’ bruidhinn cuideachd air spòrs agus diofair dhòighean dhaibh a bhith a’ cleachdadh a’ chànan agus a bhith ga bogadh fhèin ann an
diofair shuidheachaidhean. Chan e a-mhàin suidheachaidhean co-cheangailte ris an sgoil ach cuideachd suidheachaidhean cudthromach a tha ceangailte ri beatha àbhaisteach an dachaidh. Bha mise cho fortannach nuair a chaidh mo thogail gun robh mo sheanair agam gu sònraichte, a bha làn beul-aithris, ach gun robh a’ leithid de chothroman agam anns an sgoil a thaobh ceòl agus dràma a thug dhòmhsa spionnadh ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus a bhith air mo bhogadh gu tur anns a’ chànan, anns a’ chultar agus ann an coimhearsnachd a bha air leth pròiseil dhan Ghàidhlig.

Bhuannaich thu fhein Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an 2017, ciamar a bha thu a’ faireachdainn an latha sin?

Bha mi air a bhith a-staigh airson Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich an latha roimhe sin. Bha seachdain air leth trang air a bhith agam, le farpaisean sgoilearan cuideachd agus bha mi faireachdainn cho sgìth. Bha an fhearg orm, ann an dòigh, leam fhèin oir ‘be seo am bonn a bha mi ag iarraidh fhaighinn, oir bha mi air mo chuairteachadh le òrain san t-seann nòis nuair a bha mi a’ fàs suas, bho mo sheanair, mo sheanmhair agus feadhainn eile air feadh an eilean agus cha robh
mi toilichte idir leam fhèin, gun robh mi air a leithid a chur romham agus nuair a thàinig an latha, bha mi a’ faireachdainn cho sgìth. Tha cuimhne agam a bhith shuas air an àrd-ùrlar, a’ faireachdainn cho bochd. Sheinn mi cho math ’s a sheinn mi a-rìamh. Bha àrainneachd sònraichte anns an eaglais. Fhuair mi an treas àite an sin. Nuair a chaidh mi air an àrd-ùrlar an oidhche sin, cha robh mi faireachdainn math idir. Bha fios agam cuideachd gun robh e a’ dol a-mach beò air an tele agus bha mo chasan cho lag, ach co dhiù, rinn mi e! Shaoil mi gun do sheinn mi a’ chiad òran rudeigin slaodach ach thuirt mi rium fhèin, tha mi a’ dol a dhol airson seo leis an dàrna òran, chan eil mi a’ dol a bhuannachadh co dhiù, thuirt mi rium fhèin. Chaidh mi suas agus sheinn mi e mar a chluinninn bodach à Barraigh ga sheinn agus thuirt mi rium fhèin, uill tha mi an dòchas gun do chòrd siud riutha, chan urrainn dhomh an còrr a dhèanamh. Cha robh mi smaoineachadh gum buannaichinn idir, idir. Tha cuimhne agam gun robh mi a’ smaoineachadh, chan eil seo ceart, tha rudeigin air a dhol ceàrr! ‘S e togail agus soirbheachas air leth a bh’ ann dhomhsa agus tha mi cho pròiseil gun d’ fhuair mi e.

Am bidh thu fhathast a’ seinn leat fhèin air an àrd-ùrlar?

Bidh mi fhathast a’ seinn an siud ‘s an seo. Tha e a’ còrdadh rium glan a bhith seinn agus tha mi air a bhith a’ feuchainn fhad’s a tha lockdown air a bhith dol, ri bhith ag ionnsachadh òrain ùr. Tha liosta gun chiall de dh’ òrain agam a tha
mi air a bhith ag iarraidh ionnsachadh thairis air grunn bhliadhnachean. Tha mi air a bhith feuchainn ri bhith a’ dol tron liosta sin fhad’s a tha sinn air a bhith air lockdown.

Dè ’s fheàrr leat, a bhith air beulaibh no air cùlaibh an camara?

Tha an dà rud a’ còrdadh rium. Tha e a’ còrdadh rium a bhith air cùlaibh an camara, a thaobh teicneòlas agus a bhith a’ faighinn cothrom sgilean didseatach ionnsachadh ach air an làimh eile tha e e a’ còrdadh rium a bhith an aghaidh a chamara a lìbhrigeadh program. Tha mi smaoineachadh gun tèid mi airson aghaidh a chamara.

Dè ’s fhearr leat, seinn leat fhèin no ann an còisir?

‘S toigh leam a bhith a’ seinn còmhla leum fhèin. Tha mi smaoineachadh ged a bhios mi a’ fàs nearbhasach mu dheidhinn, tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ seinn agus a bhith ag innse sgeulachd a’ bhàrdachd ach ‘s toigh leam gu mòr a bhith a’ seinn ann an còisir oir ‘s toigh leam co-sheirm agus mar a tha co-sheirmean air an toirt còmhla ri chèile airson an sgeulachd innse. Mar sin, tha mi smaoineachadh gun tèid mi airson seinn ann an còisir.

Nam biodh taghadh agad seinn le duine sam bith air àrd-ùrlar, cò dh’ iarradh tu?

Nam biodh taghadh agam seinn còmhla ri duine sam bith, ‘s e mo sheanair a thaghainn. Bha guth agus stoidhle air leth aige agus chòrdadh e rium, chan e a-mhàin a bhith a’ seinn còmhla ris air àrd-ùrlar, ach cuideachd ùine a chur seachad, a’ cur nam chuimhne na stoidhlichean agus na rudan a dh’ ionnsaich e dhomh nuair a bha mi òg agus tha mi a-nis, gu ìre, air diochuimhneachadh.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council