Taisbeanadh Gàidhlig aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis

Published: 02 Sep 2021

Tha comharrachadh tarraingeach agus brosnachail air a’ Ghàidhlig ga ghealltainn as t-fhoghar aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann am baile-mòr Inbhir Nis.

Bheir an tachartas fad ochd làithean sealladh beag air àbhaisteachd a’ tilleadh, agus luchd-eagrachaidh an t-subhachais ainmeil seo a’ foillseachadh prògram anns am bi sreath de fharpaisean is chuirmean-ciùil, an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne.

Bidh tachartas na bliadhna seo a’ co-mheasgachadh fharpaisean is chuirmean-ciùil aghaidh-ri-aghaidh le clàr lìonmhor de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios air an craobh-sgaoileadh fad na seachdaine. Thèid barrachd fiosrachaidh mun t-susbaint sruthaidh air-loidhne ainmeachadh sna seachdainean a tha ri teachd.

Air a stèidheachadh ann an 1891, bidh fèis na bliadhna seo a’ gabhail àite bho 8 - 16 Dàmhair 2021 ann an ionad aoigheachd Chùirt an Easbaig – a’ chiad tachartas a’ gabhail àite a-staigh san ionad sin bho 2020.

Bidh na prìomh fharpaisean, a’ gabhail a-steach farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 13 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 14 Dàmhair, nam pàirt de na h-imeachdan air an lìbhrigeadh gu pearsanta, còmhla ri prìomh fharpaisean na h-òigridh. An àite farpaisean ainmeil nan còisirean, mar thoradh air nach robh e comasach dhaibh a bhith a’ tighinn còmhla, thèid comharrachadh sònraichte air seinn chòisirean ann an Gàidhlig a chumail.

Taobh ri taobh leis na farpaisean, thathar an dùil grunn tachartsan beò a chur air adhart mar phàirt den eileamaid chorporra de shubhachas na bliadhna seo, a’ gabhail a-steach cuirm fosglaidh bheòthail air Dihaoine 8 Dàmhair sam bi ceòl bhon chòmhlan ùr Staran, còmhla ri Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain agus an seinneadair Gàidhlig ainmeil, Maighread Stiùbhart.

Air ainmeachadh mar “fuaim ùr na h-Alba thraidiseanta”, bidh Donnchadh Siosalach na stiùir air sreath de rionnagan ciùil air Disathairne 9 Dàmhair. Air an àrd-ùrlar bidh Mairearad Green, Seumas Donnchadh MacCoinnich agus Còmhlan Taighe Ar Cànan ’s Ar Cèol, ri taobh cuid den luchd-ciùil òga as tàlantaiche a tha a’ tighinn am bàrr air a’ Ghàidhealtachd, ’s iad a’ comharrachadh dualchas ciùil beòthail is soirbheachail na Gàidhealtachd.

Bidh am fìdhlear Lauren NicCholla a’ taisbeanadh pìos obrach air ùr-choimiseanadh, air a bhrosnachadh le tachartasan is sgeulachdan bhon chosta timcheall Linne Mhoireibh, a’ rannsachadh thachartasan fìor co-cheangailte ri muir, oirthir, coimhearsnachd is call. Còmhla ri Lauren air Dimàirt 12 Dàmhair bidh Mairearad Green, Anna Massie agus Raonaid Newton.

Ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, bidh na h-àireamhan cuibhrichte aig tachartasan corporra a tha air am planadh; ach ma thèid cuibhreachaidhean a lasachadh, feuchaidh an luchd-eagrachaidh ris na h-àireamhan a mheudachadh far an gabh sin a dhèanamh.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gun tèid againn air na nithean as fheàrr a ghabhas a thabhann ann an cultar na Gàidhlig, a thaisbeanadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith dùbhlanach ach tha comas air cuid de dh’eileamaidean a’ Mhòid a thoirt air ais ann an dòigh thar-chinealach, na spionnadh mòr don tachartas agus don choimhearsnachd de fharpaisich, luchd-gnìomhaidh agus luchd-leantainn.

“Is e nì drùidhteach a bhios ann a’ cluinntinn gnìomhadh beò a’ seirm a-mach à Cùirt an Easbaig aon uair eile, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air daoine à Inbhir Nis agus bho air feadh Alba a thighinn agus tlachd a ghabhail còmhla à ceòl agus òrain Ghàidhlig. Bheir an eileamaid air-loidhne de phrògram na bliadhna seo cead dhuinn luchd-èisteachd a ruighinn air feadh an t-saoghail agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cànan, cultar agus spiorad nan Gàidheal a chomharrachadh leis na mìltean air feadh na cruinne.”

Thuirt An Comhairliche, Calum Rothach, “Tha sinn air ar dòigh gu bheil am Mòd gu bhith a’ tachairt ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus san sgìre mun cuairt. Mar a tha fios againn uile, mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte bha e agus tha e fhathast dùbhlanach a bhith ag eagrachadh a leithid sin de thachartasan, ach tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail air adhart ann an dòigh ùr-ghnàthach a’ leasachadh cothlamadh de fharpaisean is thachartasan tar-chinealach, a tha ann an co-rèir ri riaghailtean COVID-19.

“Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mar aon de na fèisean Gàidhlig is cultair as cudromaiche ann an Alba, mar sin tha e iomchaidh gun gabh e àite ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd
far a bheil mòran ionadan-cruinneachaidh, a’ gabhail a-steach Cùirt an Easbaig far am bi a’ mhòr-chuid de thachartasan a’ dol air adhart, agus tha e fìor fhreagarrach airson aoigheachd a thoirt do cho-mheasgachadh de phrìomh thachartasan do dhaoine de gach aois.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri tachartasan a choimhead air-loidhne agus ris na tachartasan aig an t-subhachas mhòr seo a fhrithealadh fad naoi latha, a’ comharrachadh ar cànan
is ar cultar saidhbhir gan taisbeanadh air feadh an t-saoghail.”

Thuirt An Leas-Phròbhaist, An Comhairliche Bet NicAlasdair, “Tha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, bha e an seo mu dheireadh ann an 2014 agus chruthaich e beòthalachd gu leòr sa bhaile. Bha cumail air an tachartais àrd-ìomhaigheil seo ann an Inbhir Nis dha-rìribh cudromach don choimhearsnachd gnothachais sa bhaile. Ach,
tha sinn a’ tuigsinn gum bi Mòd 2021 eadar-dhealaichte mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte agus na cuingealachaidhean làithreach, ach bidh am modh-obrach co-mheasgaichte tarraingeach do luchd-amhairc bho cheàrnaidhean agus dhùthchannan eile. Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gu fàilte a chur air na com-pàirtichean chun a’ bhaile agus a’ guidhe gach soirbheachadh
dhaibh.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland, “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ faicinn Mòd na bliadhna seo a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis san Dàmhair le taic bho Bhliadhna Chostaichean is Uisgeachan 20/21 agus Maoin Ath-shlànachaidh Thachartasan na h-Alba, a’ dèanamh an tabhartais freagarrach do thachartas tar-chinealach agus a’ leantainn air adhart a’ riochdachadh cultar na Gàidhlig agus na h-Alba air àrd-ùrlar na cruinne.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn dha-rìribh toilichte a bhith comasach air ar taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail a’ dol. Bidh cuid de na prìomh fharpaisean gan cumail ann an Inbhir Nis na spionnadh mòr don choimhearsnachd Ghàidhlig, agus nì na tachartasan air-loidhne cinnteach gun urrainn cànan is cultar na Gàidhlig a bhith na thlachd do dhaoine air feadh an t-saoghail.

“Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air a’ Chomunn Ghàidhealach agus air buidhnean Gàidhlig eile a tha air a bhith ag obair cruaidh thar nan 18 mìosan mu dheireadh, gus a dhèanamh cinnteach gum faigh mòran daoine buannachd fhathast à èisteachd ri agus com-pàirteachadh ann an cultar na Gàidhlig a dh’aindeoin gach cruadal ris a bheilear a’ cothachadh, agus a bhith nam pàirt de choimhearsnachd chruinneil stèidhichte air cànan na Gàidhlig.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne, Maoin
Mathas Coitcheann Inbhir Nis agus SQA.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ ruith bho Dihaoine 8 - 16 Dàmhair 2021. Faic am prògram slàn a-nis aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn bho oifis Chùirt an Easbaig www.eden-court.co.uk.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council