Tosgaire na Gàidhlig a' leanntainn air gu 2021

Published: 09 Oct 2020

​Chaidh Alasdair MacIlleBhàin ainmeachadh mar Tosgaire na Gàidhlig aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, agus chaidh an duais a’ shìneadh dhà le Leas-phrìomh-Mhinistear agus Rùnaire Foghlaim na h-Alba, Iain Swinney.

B’ ann ann an 2008 a dh’ iarr Riaghaltas na h-Alba air a’ Chomunn Ghàidhealach cuideigin a chomharrachadh a bha, mar thoradh air sàr-shaothair as leth na Gàidhlig, airidh air an ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna. Chuir an Riaghaltas fhèin air dòigh duais shònraichte òrdachadh bho neach-ealain ann an sgìre na h-Eaglaise Bric, sgìre-aoigheachd Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sin, agus chaidh an duais a bhuileachadh air an t-seinneadair Gàidhlig ainmeil Julie Fowlis. Tha An Comunn air leth toilichte gun do cho-dhuinn Riaghaltas na h-Alba an t-urram seo a chumail a-dol, agus duais a’ lìbhrigeadh gu Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig gach Mòd Nàiseanta Rìoghail bhon uairsin.

Leis an t-suidheachadh àraid a th’ againn am bliadhna cha robh cothrom gu bhith ann duais a lìbhrigeadh agus bha ceist oirnn dè a dhèanamaid. Ged a tha Alasdair air sàr obair a dhèanamh dhan Chomuinn bhon a chaidh an t-urram a bhuileachadh air fhèin chan eil e air a bhith comasach dha a h-uile càil a bu mhiann leis a dhèanamh. Mar thoireadh air seo tha e na thlachd dhuinn fhoillseachadh gum bheil sinn air aontachadh le Alasdair gun lean esan air mar Thosgaire na Gàidhlig airson bliadhna eile, chun an Dàmhair 2021.

Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, “Tha sinn air leth toilichte gum bheil Alasdair deònach dleastanas Thosgaire na Gàidhlig a’ ghiùlan cuide rinn airson bliadhna eile, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na tha e a’ cur roimhe a’ choileanadh anns a’ bhliadhna tha romhainn.”

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council