Naidheachdan

Leabhar Cocaireachd!

Published: 13 Dec 2011

Tha Leabhraichean Cocaireachd Mod nan Eilean Siar fhathast ri fhaighinn ann am Buth a’ Chomuinn ann an Steornabhagh.

Nach iad a bhiodh math mar tiodhlac Nollaig do chuideigin!

Tha na Leabhraichean a’ cosg £8 agus tha corr is 300 duilleag ann le reasabaidhean de gach seorsa!

Ma tha sibh airson fear a cheannachd, tadhalaibh a-steach gu Buth a’ Chomuinn ann an Cearnag Phearsabhail, Steornabhagh no cuiribh fon thugainn air 01851 703 487 no post-d gu marina@ancomunn.co.uk agus cuiridh sinn fear thugaibh sa phost. (Cosgaidh e £2 airson a chur a-mach sa’ phost).

« Back to Mod News List

Changes to Gaelic Assessment

Published: 02 Dec 2011

Atharrachaidhean air sgeama measaidh a’ Mhoid Naiseanta Rioghail

As deidh cho soirbheachail ‘s a bha Mod Naiseanta Rioghail nan Eilean Siar am-bliadhna, tha buidheann eagrachaidh a’ Mhoid, An Comunn Gaidhealach, air atharrachaidhean ainmeachadh air sgeama measaidh a’ Mhoid, a thig gu buil aig Mod 2012.

Tha an sgeama ur coltach ris an fhear a bh’ ann ach le atharrachaidhean cudromach na chois. Tha eisimpleirean de chomhraidhean rim faotainn air loidhne far am faicear na structaran as cudromaiche a dh’ fhaodar a bhith air an cleachdadh agus inbhe gach comhraidh a dh’ fheumas a choileanadh aig gach ire. Bidh liosta sgrudaidh aig gach neach-measaidh gus deanamh cinnteach gu bheil ceartas is cothromachd anns na measaidhean. Faodaidh farpaisichean goireasan ionnsachaidh sam bith a chleachdadh gus an inbhe fileantachd a choileanadh a dh’ fheumas iad airson cairt a ghleidheadh ach tha An Comunn Gaidhealach a’ moladh gum faodar tadhail air www.learngaelic.net. airson barrachd fiosrachadh no stiuiridh, cuiribh fon gu 0800 171 2994.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama mheasaidh uir, feuch an tadhail sibh air www.acgmod.org/nationalmod/gaelic-assessment no cuiribh fios gu An Comunn Gaidhealach air 01463 709 705.

Thuirt Maoilios Caimbeul a chruthaich an sgeama ur, “Thathas an dochas gum bi na eisimpleirean de chomhraidhean a bhios rim faotainn air larach-lin a’ Chomuinn nan cuideachadh mor do fharpaisich a bhios a’ feuchainn airson cairtean umha, airgid no oir. Chan eilear a’ suileachadh ge-ta gum bi tagraichean a’ cumail gu dluth ris na comhraidhean fhein gu mionaideach. ‘S e a bhith comasach air comhradh a dheanamh gu nadarrach agus na structuran as cudromaiche a chleachdadh gu h-iomchaidh na rudan as deatamaiche.”

Bu choir do dh’ fharpaisich a bhios ag iarraidh cur a-steach airson farpais an Aigeallain Airgid a bhith mothachail gum feumar cairt airgid fhaighinn airson feuchainn air an fharpais seo. Thig an t-atharrachadh seo gu buil bho seo a-mach, a’ ciallachadh gum feum na farpaisich aig a bheil cairt umha agus a chur a-steach airson farpais an Aigeallain Airgid aig Mod 2011, cairt airgid fhaighinn gus pairt a ghabhail ann am farpais 2012 agus bho sin a-mach.

Thuirt Seonaid NicDhomhnaill, stiuiriche a’ Mhoid, “‘S e priomh amas a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann a bhith a’ cur air doigh a’ Mhoid Naiseanta Rioghail, Gaidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh. Leis an sgeama ur a tha seo, thathas an dochas gum faicear farpaisichean a’ deanamh adhartas cunbhalach ann a bhith ag ionnsachadh a’ chanain gus na cairtean a’ dh’ fheumar a ghleidheadh airson pairt a ghabhail aig a’ Mhod. Chan eil an sgeama ur cho cuingealaichte do thagraichean agus bithear a’ deanamh cinnteach gu bheil inbhe co-ionnanachd ann, le bhith a’ cleachdad liosta-sgrudaidh gus farpaisichean a mheasadh.”

Faodar comhdhail a dheanamh aig uair sam bith tron bhliadhna airson measadh Gaidhlig a dheanabh le bhith a’ cur fios gu, An Comunn Gaidhealach, 109 Sraid na h-Eaglaise, Inbhir Nis, IV1 1EY, fon: 01463 709 705, post-d @ info@ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD