Royal National Mod (Gaelic)

Fàilte gu làrach lìn oifigeil a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891. ‘S e a’ phrìomh fhèille Ghàidhlig, a’ comharrachadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig ‘s a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig ‘s ciùil, dannsadh Gàidhealaich, dràma, spòirs ‘s litreachais. Ged as ann stèidhichte air farpaisean a tha e, tha e cuideachd a’ tabhachd tachartasan neo-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ‘s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas.

Tha an taic bho bhuidhnean a leithid Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Am Posta Rìoghail, agus BBC na h-Alba air Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhaingneachadh mar phrìomh fhèille chultarach na Gàidhlig ann an Alba.

Tha an taobh eadar-nàiseanta dheth a’ sìor fhàs le taic bho EventScotland agus tha na prìomh bhuidhnean leasachaidh Albannaich mar Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, HIE agus MG Alba cuideachd a’ cur an taic ris.


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council