Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid

Published: 10 Jan 2020

Bidh an dàrna òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain MacLeòid a’ gabhail àite, Diardaoin an 30mh den Fhaoilleach2020. Thèid an tachartas, a tha ga chuir air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, le taic bho Roinn Cheilteis agus Eòlas na h-Alba de dh’ Oilthigh Dhùn Èideann, a chumail ann an Seòmar a’ Phròiseact, 50 Ceàrnag Sheòrais, Oithigh Dhùn Èideann, EH8 9LH eadar 19.00-21.30f.

Mar dhòigh air aithne agus luaidh a dhèanamh air cho mòr ‘s a bha Iain a’ brosnachadh na h-òigridh ann an coimheasrnachd na Gàidhlig, ‘s e an Dr Alasdair MacIlleBhàin, Tosgaire na Gàidhlig 2019 a bhios a’ lìbhrigeadh na h-òraid.

Bithear a’ cruinneachadh anns an Oilthigh far an robh an t-Ollamh Uilleam J MacBhatar stèidhichte fad còrr is 20 bliadhna. Tha e gu tur iomchaidh gur ann gu sònraichte air “fèin-aithne is fèin-mheas nan Gaidheal” a bhios òraid 2020 ag amas. Tha cuspair na h-òraid a’ toirt cothrom do dh’ Alasdair an t-èolas sgoilearach mionaideach aige fhèin, fhighe an luib cuspair na bliadhna-sa. Tha ainmean-àite a’ toirt taic a thaobh ar fèin-aithne a thuigsinn; gu dearbha, ‘s e prìomh-eòlaiche air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba a th’ ann an Alasdair.

Tha ceithir fichead bliadhna ‘s a ceithir deug air a dhol seachad bho chaidh Ainmean-àite Ceilteach na h-Alba fhoillseachadh an toiseach. Cha mhòr ceud bliadhna an dèidh sin, bidh sinn a’ cruinneachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann, a dh’ èisteachd ri òraid air an dearbh chuspair, le eòlaiche ùr, òg, a tha agamas air tuigse agus ionnsachadh a bharrachd a thoirt dhuinn mu ar fèin-aithne. Chan eil teagamh nach biodh an t-Ollamh MacBhatar air a dhòigh.

Thuirt An Dr Alasdair MacIlleBhàin: Tha e na urram mhòr dhomhsa Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a thoirt seachad am-bliadhna. ’S ann aig Mòdan a chuir mise aithne air Iain an toiseach agus cuimhne agam air mar eisimpleir a sheas còraichean na Gàidhlig agus a bhrosnaich fèin-aithne nan Gàidheal. Tha linn a’ chruinneachais air luach ann an dùthchas a lùghdachadh ach tha cothroman na lùib. Faodaidh sinne a-nis a bhith air tùs iomairte a chuireas nuadhas gu feum ann a bhith ag àrdachadh agus ag adhartachadh nithean ionadach agus an dualchais bheairtich againn fèin, mar a rinn Iain.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: Bidh fiughair oirnn fàilte a chur air an Dotair Alasdair MacIlle Bhàin airson an dàrna h-Òraid Chuimhneachaidh air Iain MacLeòid a’ lìbhrigeadh. ‘S e duine òg a tha seo a tha mar-thà air mòran soirbheachais a chur as a dhèidh a thaobh a chuid dealais dha foillseachadh na Gàidhlig is a cultar, eadar Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhuannachadh aig Mòd Dhùn Omhain ann an 2006; Ceum Oil-thighe le Àrd-Urram ann an Gàidhlig, agus Dotaireachd a’ leantainn sin; agus duais Tosgaire na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba am bliadhna. Agus tha Alasdair air a bhith a’ seinn, mar bu dual dha ball de theaghlach cliùiteach ciùil as a Mhorbhairne.”

Thuirt an t-Ollamh Rob Dunbar bho Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha sinn cho toilichte ris an darna Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid. Bha Iain na neach-iomairt dealasach agus treibhdhireach as leth na cànain, agus chuir e gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig, an dà chuid gu nàiseanta agus an-seo ann an Dùn Èideann. Bidh e na adhbhar toileachais dhuinn fàilte dhan Oilthigh a chur air an Dr. Alasdair MacIllebhàin. Chaidh duais Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh air Alasdair le Riaghaltas na h-Alba aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu anns an Dàmhair. Tha an dealas aige a thaobh leasachadh cànain agus cultar nan Gàidheal a’ fàgail gur e taghadh air leth freagarrach a th’ ann mar òraidiche”.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council