Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid

Published: 19 Dec 2018

Iain MhicLeòid
Iain MhicLeòid

Anns an Òraid aige aig Fosgladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 an Dùn Omhain thug Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich iomradh air bàs Iain MhicLeòid nach maireann agus an obair mhòr a rinn e dhan Ghàidhlig. Bha Iain MacLeòid na Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach airson deich bliadhna. Dh’innis Mgr Caimbeul gu bheil An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur air dòigh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a’ dol a stèidheachadh Òraid Bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain MacLeòid. Tha e gu math iomchaidh gu bheil an Òraid Bhliadhnail a’ faighinn taic bho Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha an taic seo a’ ciallachadh gun tèid a’ chiad Òraid Bhliadhnail mar Chuimhneachan air Iain MacLeòid a chumail air Diardaoin 24 Faoilleach 2019 ann an Rùm Pròiseact Oilthigh Dhùn Èideann, 50 Cearnag Sheòrais Dun Èideann EH8 9LH. Mar thoradh air mar a bhiodh Iain a’ brosnachadh agus a’ misneachadh òigridh ann an coimhearsnachd na Gàidhlig thèid na h-òraidean a thoirt seachad le daoine òga agus tha e ga rìreabh freagarrach gun tèid a’ chiad òraid a thoirt seachad le Ceit Fhoirbeis BPA.

‘S e an òigridh fòcus an òraid agus mar a dh’fheumar sealltainn ri cothroman airson òigridh a thàladh an lùib obair cànan agus cultur na Gàidhlig. Tha an cuspair gu h-àraidh freagarrach an-dèidh cho buileach soirbheachail agus a bha Bliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba. Gu dearbh bhruidhinn Ailean Caimbeul air cho cudromach sa tha e a bhith a’ cumail cultur na Gàidhlig beò agus an taic a tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt dhan chànan ag ràdh: “Tha cor na Gàidhlig san àm ri teachd gu mòr an urra ris a’ mhisneachd agus na cothroman a bh’air sinne dhan òigridh a tha gar leanntainn.”

Thuirt Ceit Fhoirbeis, BPA: “Tha e na urram mhòr dhomh mar Ghaidheal òg an fhiachadh seo fhaighinn airson na ciad òraid a thoirt seachad mar chuimhneachan air Iain MacLeòid nach maireann. Bha mi gu math fortanach a bhith ag obair còmhla ri Iain MacLeòid nuair a bha e na Chathraiche air Comataidh Thar Phartaidh na Gàidhlig. Bha e dìleas agus daingeann ag iomairt airson a’ chànan agus ainmeil thairis air saoghal poileitaigs. Bha mi air leth toilichte na bu thràithe am bliadhna moladh a dhèanamh air an obair a rinn e airson inbhe thearainte UNESCO fhaighinn airson na Gàidhlig. Tha e gu math iomchaidh tòiseachadh 2019 le bhith a’ dèanamh luaidh air an obair mhòr a rinn Iain MacLeòid agus an uallach a bh’air a thaobh suidheachadh na Gàidhlig.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Ceit Fhoirbeis air aontachadh a’ chiad Òraid Cuimhneachaidh air Iain MacLeòid a thoirt seachad. Bhiodh e duilich eisimpleir na b’fheàrr a lorg a tha sealltainn buannachdan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Ceit misneachail sa Ghàidhlig agus na fìor eisimpleir air neach a tha brosnachadh cànan agus cultur na Gàidhlig dìreach mar a bha Iain a’ miannachadh fhaicinn anns na coimhearsnachdan againn.”

Thuirt an Ollamh Rob Dunbar bho Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha sinn cho toilichte agus gu dearbh a’ faireachdainn gur e urram air leth a th’ann a bhith a’ toirt aoigheachd dhan chiad Òraid mar Chuimhneachadh air Iain MacLeòid. Bha Iain a’ strì gun stad agus le prionnsabal dhan chànan, do choimhearsnachd na Gàidhlig, gach cuid gu nàiseanta agus ann an seo an Dùn Èideann. ‘S e fìor thlachd a bhios ann fàilte a chur air Ceit Fhoirbeis air ais an seo chun Oilthigh. Tha a fileantas sa chànan agus an dàimh a th’ aice dhan Ghàidhlig gu dearbh na h-eisimpleir air leth freagarrach mar a’ chiad òraidiche.

  • Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid
  • Ceann-latha: 24 Faoilleach 2019
  • Àite: Rùm Pròiseact Oilthigh Dhun Èideann, 50 Cearnag Sheòrais, Dun Èideann, EH8 9LH
  • Uair: 19.00 – 21.30 (Òraid aig 19.30)
  • Tha goireasan eadar-theangachaidh gu bhith rim faighinn.

Tuilleadh Fiosrachaidh bho: An Comunn Gàidhealach:
01463 709705
no
Oilthigh Dhùn Èideann
0131 650 4167

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD