Leis an 40mh Fèis Eadar-Nàiseanta Phan Ceilteach gu bhith a’ dol air adhart ann An Daingean, Co. Chiarri, Èirinn eadar Dimàirt 26mh Giblean agus Là na Sàbaid 1mh Cèitean, chaidh Murchadh Moireasdan ainmeachadh mar Ceann-Suidhe na Fèis 2011.
Tha Mgr Moireasdan ag obair mar Mhanaidsear Margaideachd aig MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) ann an Steòrnabhagh agus bha e roimhe ag obair na Mhanaidsear Leasachaidh fad ochd bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Thairis air na bliadhnachan tha Mgr Moireasdan air ceangal làidir a chumail ri na prìomh thachartasan cultural mar am Mòd, an Fhèis Pan Ceilteach, Eisteddfod na Cymru agus An t-Oireachtas agus tha toileachas mòr aige an urram mar Cheann-Suidhe a’ gabhail.
Thuirt Mgr Moireasdan “Tha mi uabhasach moiteil gun do dh’iarr muinntir an Fhèis orm an dreuchd mar Ceann-Suidhe a’ ghabhail agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri coinneachadh ri sluagh agus caraidean bho na dùthchannan Ceilteach an ath sheachdain. Anns an obair làitheil agam tha sinn dìreach air trì latha a chur seachad anns na h-Eileanan an Iar le riochdairean bho saoghal fiolm, telebhisean agus na meadhanan bho na dùthchannan Ceilteach agus abair gu robh an fhèis sin soirbheachail. Tha mi cinnteach gum bith an Fhèis Phan Ceilteach ann An Daingean a cheart cho soirbheachail.”