Gun ach còig mìosan deug gus an tig am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu na h-Eileanan an Iar chan eil abhsadh a’ tighinn air obair togail airgid no air obair brosnachaidh. Bhon Fhaoilleach am bliadhna tha cuid de Bhuill a’ Chomataidh agus feadhainn èasgaidh eile air a bhith an sàs ann Dùbhlan Mòd 2011. Thairis air 12 seachdain bha aig an luchd compàirt ri astar sònraichte anns na h-Eileanan an Iar a thaghadh agus an uairsin sin a choilionadh tro dhòighean eadar-dhealaichte – a’ ruith, a coiseachd, ag iomradh no air baidhsagal. Thàinig iad às gach ceàrnaidh agus eatorra choilion iad 2011 mìle. Gu dearbh, chum cuid den fheadhainn a chrìochnaich orra agus aig an ìre seo tha 2543 mìle air an gealltainn.
A leantainn soirbheachas Dùbhlan Mòd 2011, tha slighe 5K a’ gabhail àite air Disathairne 25 Sultain 2010 ann an Steòrnabhagh. Bidh Dùbhlain Mòd 2011 a’ tighinn gu ceann aig deireadh an Lùnastail 2010, agus tha sin a’ toirt fior chothrom an roid a’ chumail a’ dol gu Mòd Ghallaibh. Ma tha sibh ann an còisir seo ur cothrom a bhith cinnteach gun till an fhèileadh oirbh, agus ma leanas a h-uile duine orra bidh a h-uile duine cho seang aig Mòd 2011!
Fhuair an Comataidh misneachd airson an tachartas a chur air dòigh tro an liuthad 5k a tha a’ gabhail àite air feadh na h-eileanan agus gu dearbh air feadh na dùthcha. Faodaidh luchd com-pàirt coiseachd no ruith timcheall an cùrsa 3.2 mìle agus bidh cèol ga feitheamh nuair a chrìochnaicheas iad! Ma tha e na chleachdadh agaibh a bhith a’ ruith, nach biodh math deuchainn a thoirt dhuibh fhèin crìochnachadh ann an ùine nas luaithe. Mar do rinn sibh a leithid a riamh, tha cho math tòiseachadh a trèanadh sa bhad. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu phrògram trèanaidh airson 5k aig www.jogscotland.org.uk. Thèid gach sgillinn a chur ann an ciste Mòd 2011 mu choinneamh na tha fhathast ri dhèanamh. Bidh tuilleadh fiosrachaidh ann an seo a dh’aithghearr.
Cuimhnichibh gu bheil duilleag Mòd 2011 air Facebook agus faodaidh sibh a bhith nur caraid don Mhòd agus gheibh sibh an fhiosrachadh as ùire mar a bhois e tachairt agus na mu na dòighean anns am bithear a’ togail airgid. Bidh an Comataidh an làthair aig na Fèilltean Àiteachais tron t-samhraidh le hamparan àlainn a dh’fhaodadh sibh a bhuannachd. Chì sibh na hamparan aig na Fèilltean a-leanas:
Disathairne 10 Iuchair Fèill Àiteachais an Rubha
Disathairne 24 Iuchair Fèill Àiteachais nan Loch
Dihaoine 30 Iuchair Fèill Àiteachais An Taobh Siar
Diciadain 4 Lùnastal Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh