STIÙIRICHE A DHÌTH AIRSON CÒISIR ÒG BUN-SGOIL GHÀIDHLIG INBHIR NIS
‘S e còisir òigridh ùr a tha ann an Còisir Òg Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a tha air tighinn gu bith bho phòsadh eadar Còisir Òg Inbhir Nis, còisir òigridh stèidhichte agus còisir na sgoile ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Gabhaidh a’ chòisir pàirt ann am Mòdan aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Tha a’ chlann a’ faighinn taic mar-thà bho luchd-teagasg BSGI agus tha a’ chòisir air a ruith le comataidh de phàrantan easgaidh.
Tha sinn an-dràsta a’ sireadh stiùiriche son na còisir ùr seo. Tha sinn a’ faicinn seo mar chothrom fìor mhath dhan neach ceart a bhith a’ stiùireadh còisir bhon sgoil ùr-nodha Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Bidh tòrr taic ann bhon chomataidh agus bhon sgoil agus ‘s e compàirteachas a tha seo sa h-uile dòigh.
Dh’fheumadh an neach bhith saor son bhith an làthair madainnean Disathairne (10-12 aig BSGI) fad teirm na sgoile agus nam b’urrainn a bhith conaltradh san sgoile le luchd-teagasg far a bheil iomchaidh. Bhiodh làthaireachd a dhìth aig corra co-fhàrpais. Chan eil e riatanach gum biodh an stiùiriche an làthair a h-uile Disathairne.
Leis gu bheil a’ chòisir ga stiùireadh tro mheadhan na Gàidhlig, dh’‘fheumadh Gàidhlig a bhith aig an stiùiriche.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, no son ùidh a nochdadh san dreuchd seo, cuir fios gu Margaret Aburn, Cathraiche, Còisir Òg BSGI air 01463 714961 – Mezzosop@btinternet.com