Ealain, ceòl is litreachas gu bhith pàirt de dh’òraid chuimhneachaidh gaisgeach na Gàidhlig

Published: 01 Feb 2024

Thèid cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh ann an sreath de thachartasan mar phàirt de Fhèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid.

Bidh na tachartasan a’ luaidh na Gàidhlig agus bidh iad fosgailte do gach duine, bho dhaoine a tha ùr dhan a’ Ghàidhlig dhan fheadhainn a tha glè eòlach air a’ chànain is a’ chultar.

Tha ceòl is òraidean litreachais am measg nan tachartasan saora a bhios a’ gabhail àite eadar Diardaoin 1 agus Didòmhnaich 4 An Gearran 2024.

Òraid Chuimhneachaidh

Bidh an Òraid Chuimhneachaidh a’ fosgladh na fèille agus bidh an òraidiche a’ toirt sùil air ciamar a tha cothroman agus adhartas air atharrachadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean.

Bidh an òraid air a lìbhrigeadh le Katie NicAonghais, stiùiriche dhen bhuidheann margaidheachd is conaltraidh Astar Media agus ball-bùird Chomunn na Gàidhlig, buidheann a tha a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba.

Comharrachadh na Gàidhlig

Bidh na tachartasan-iomaill a’ tòiseachadh le bùth-obrach sgrìobhaidh, air a lìbhrigeadh le sar-sheinneadair agus sgrìobhadair Gàidhlig, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, agus le Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann, Màrtainn Mac an t-Saoir, air Dihaoine 2 An Gearran.

Air Disathairne, thèid tachartasan a chumail a comharrachadh beatha agus buaidh Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir, am bàrd cliùiteach a rinn an dàn ainmeil Moladh Beinn Dòbhrainn, a rugadh bho chionn 300 bliadhna.

Thèid òraid air obair a’ bhàird a lìbhrigeadh leis an Dr Anja Gunderloch, Òraidiche ann an Ceiltis aig an Oilthigh, agus an t-Ollamh Rob Dunbar, Cathraiche na Ceiltis. As dèidh nan òraidean, thèid cuairt coiseachd a chumail gus cuid dhe na làraich fhaicinn a tha co-cheangailte ris a’ bhàrd ann am prìomh bhaile na h-Alba.

A bharrachd air sin, bidh dà oidhche de cheòl is dannsadh ann, ann an co-obrachadh le buidhnean ealain ionadail, Bothan Dhùn Èideann agus Comunn Tìr nam Beann.

Bidh an sreath de thachartasan a’ crìochnachadh Didòmhnaich le seirbheis Ghàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath, air a lìbhrigeadh le Ruairidh Iain MacLeòid.

Iain MacLeòid

Chaidh Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a stèidheachadh ann an 2019, às dèidh dha Iain MacLeòid, seann-cheannard A’ Chomuinn Ghàidhealaich, bàsachadh.

À Leòdhas bho thùs, bha MacLeòid gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ag obair gus an cànan agus a chultar a bhrosnachadh.

Tha an sreath de thachartasan seo – air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach – a’ togail air obair MhicLeòid gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns a’
bhaile mhòr.

Thuirt Seumas Greumach, Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig làidir ann an Dùn Èideann agus tha sinn an dòchas gum bi an sreath ùr de thachartasan a’ brosnachadh dhaoine gus cànan, ealain is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh agus gus urram a thoirt air cuimhne Iain MhicLeòid agus air an obair chudromaich a rinn e airson a’ chànain.”

’Thuirt Rob Dunbar, Cathraichena Ceiltise aig Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha e na adhbhar toileachais agus na urram a-rithist am bliadhn a bhith ag obair leis A’ Chomunn Ghàidhealach gus beatha agus obair Iain MhicLeòid, fìor ghaisgeach saoghal na Gàidhlig, a chomharrachadh agus tha mi cinnteach gum biodh ar deagh charaid Iain air a dhòigh ghlain gu bheilear a’ leudachadh air an òraid gus luaidh nas fharsaing a dhèanamh air a’ chànan is a’ chultar.”

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council