A' cuimhneachadh air Iain MacAoidh

Published: 20 Nov 2020

​‘S ann duilich a tha sinn an naidheachd a chluinntinn gun do bhàsaich ar caraid Iain MacAoidh an-dè aig 78 bliadhna de dh’ aois. B’ e Iain fear dhe na seinneadairean Gàidhlig a b’ fheàrr agus a b’ ainmeile a bh’ ann, ‘s thug e toileachas nach gann do mhòran dhaoine thairis air nam bliadhnichean leis an t-seinn aige.

Choisinn Iain, às an Rubha ann an Leòdhas, Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Inbhir Nis ann an 1972 agus, beagan as dèidh sin, choisinn e duais an t-Seann Nòis aig Fèis Phan-Cheilteach Chill Àirne ann an Èirinn.

Tha ar co-fhaireachdainn le Dollag agus an teaghlach agus caraidean Iain aig an àm dhuilich a tha seo. Bidh ionndrainn mhòr air Iain anns gach ceàrnaidh.

Back to ACG News List

Piobrachadh na Ceòlraidh: Togail-Inntinn gus Bàrdachd agus Ceòl Gàidhlig a Sgrìobhadh

Published: 16 Nov 2020

Piobrachadh na Ceòlraidh: Togail-Inntinn gus Bàrdachd agus Ceòl Gàidhlig a Sgrìobhadh’: tachartas le Gillebrìde MacMillan agus Sandaidh NicDhòmhnaill Jones aig Book Week Scotland ann an co-bhonn le

Ceòlas agus Royal National Mòd!

Clàraibh an seo:

https://www.scottishbooktrust.com/book-week-scotland/events/2020/the-urge-to-write-sources-of-inspiration-for-gaelic-poetry-and-music?fbclid=IwAR1L7h9NJjKxCKgjc7KSsOD8whTNt1lPEcyeQ_P7F6zFZy-wwe6_SZOktSM

Back to ACG News List

Suirbhidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne

Published: 02 Nov 2020

​Ged nach robh e comasach dhuinn am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail an Inbhir Nis am bliadhna, bha An Comunn Gàidhealach toilichte Mòd Air Loidhne a chumail eadar 9-17mh den Dàmhair. Ghabh òigridh agus inbhich pàirt anns a’ Mhòd Air-Loidhne, far an deach còrr is 30 tachartas a chumail agus a chraoladh air meadhanan sòisealta na buidhne.

Airson beagan sgrùdaidh a dhèanamh air an tachartas, bu mhath leinn bh’ ur beachdan a shireadh. Ma thug sibh sùil air no ma ghabh sibh pàirt anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne ann an dòigh sam bith, bhiodh sinn fada na bh’ur comain nan gabhadh sibh pàirt anns an suiribhidh seo.

Chan fheum sibh ainm a chur ris mur a bheil sibh ag iarraidh. Tha an sgrùdadh seo cudthromach airson beachd a thoirt dhuinn air dè cho èifeachdadh ’s a bha an tachartas agus ciamar is urrainnear tachartasan a leasachadh san àm ri teachd.

https://www.surveymonkey.co.uk/r/T38MV5H

Back to ACG News List

Clasaichean Gàidhlig air a Thabhachd do Bhuill nan Còisirean Gàidhlig

Published: 30 Oct 2020

​A bheil thu nad bhall de chòisir Ghàidhlig ag amas air do sgilean Gàidhlig a thoirt am feabhas?

Tha An Comunn Gàidhealach a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig air-loidhne do sheinneadairean ann an còisirean inbheach a tha airson an comas sa chànan a leasachadh. Thèid clasaichean a thairgsinn aig trì diofar ìrean comais; Òr, Airgead agus Umha, ann an co-rèir ri Sgeama Measaidh a’ Chomuinn.

Bidh na clasaichean a’ ruith ann am blocaichean de 6 seachdainean sa chiad àite, le meanbh-chìs de £4 gach clas (£2 gach clas do bhuill a’ Chomuinn Ghàidhealaich). Ma tha ùidh agad ann an clàradh sna clasaichean sin agus gus tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn, feuch gun lìon thu an t-suirbhidh gu h-ìosal.

https://www.surveymonkey.co.uk/r/ML2XVY3

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Damhair

Published: 30 Oct 2020

​​​Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson cuairt-litir na mìos seo.

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Cuairt-litir ACG Dàmhair 2020

Back to ACG News List

Toraidhean Roinnean Clàrsach

Published: 16 Oct 2020

C1 Clàrsach. Luchd-ionnsachaidh / An Roghainn Fhèin / Introductory. Own Choice

1. Eilidh, Dùn Èideann

2. Oisín, Dùn Èideann

3. Zorka, Dùn Èideann

C2 Clàrsach. A’ chiad ìre. An Roghainn Fhèin / Elementary. Own Choice

1. Hazel, Dùn Èideann

2. Bernadette, Inbhir Theòrsa

3. Eve, Dùn Èideann

C3 Clàrsach. Eadar-mheadhanach. An Roghainn Fhèin / Intermediate. Own Choice

1. Katie, Dùn Èideann

2. Maria, Glaschu

3. Carly-Skye, Inbhir Nis

C4 Clàrsach. Adhartach. An Roghainn Fhèin / Advanced. Own Choice

1. Isabella, Inbhir Nis

2. Xiaotong, Dùn Èideann

3. Andrew, Glaschu

IC Clàrsach – Inbhich / Senior

1. Barbara Brandt

2. Jane Parkinson, Inbhir Nis

3. Robert Ciastko, Alanais

Back to ACG News List

Toraidhean Diardaoin

Published: 15 Oct 2020

​1. ‘Sònraichte’ 2. ‘Air leth math’ 3. ‘Ri moladh’

D1 Dannsa 7-10 Bliadhna / Dancing 7-10 Years

  1. Hazel, Dùn Èideann
  2. Katie Mairead & Niamh, Inbhir Nis

IS3 Seinn Aon-neach. Seann Nòs. Fosgailte / Solo Singing. Traditional. Open

  1. Fionnlagh Iain Mac an Fhùcadair, Obar Dheathain
  2. Saffron Hanvidge, Inbhir Nis
  3. Linn Phipps, Leòdhas

IS4 Seinn Aon-neach. Puirt-à-beul. / Solo Singing. Puirt-à-beul.

  1. Màiri NicGilleMhaoil, Cary, Na Stàitean Aonaichte
  2. Saffron Hanvidge, Inbhir Nis

IS5 Seinn Aon-neach. Roinn Caledonian Mac a’ Bhruthainn. / Solo Singing. Caledonian MacBrayne Category.

  1. Saffron Hanvidge, Inbhir Nis
  2. Lettie Nijhuis, Leeuwarden, An Olaind
  3. Donald Gillies, Na Stàitean Aonaichte

IBA3 Aithris Bàrdachd. Fosgailte. / Poetry Recitation. Open.

  1. Anne Macdonald Coleman, Dùn Omhain
  2. Don Woodall, Dùn Omhain
  3. Frances Rosemary Lynn, Dùn Omhain

IL3 Sgrìobh Bàrdachd / Poetry.

  1. Marcas Mac an Tuairneir, Dùn Èideann
  2. Robbie Macleòid, Dùn Èideann
  3. Tia Thomson, Inbhir Narann

Back to ACG News List

Ceilidh a' Mhoid

Published: 15 Oct 2020

Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèis Rois a’ cur cèilidh nàiseanta air-loidhne air dòigh gus tàlant na sgìre a thaisbeanadh

Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd air tighinn còmhla ri Fèis Rois, a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain, gus tàlant bho air feadh na sgìre a thaisbeanadh mar phàirt de Mhòd Nàiseanta Rìoghail air-loidhne na bliadhna sa.

Thèid Cèilidh na Comhairle a-mach air meadhanan-sòisealta a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair. Chaidh a’ chèilidh a chur air dòigh le Fèis Rois le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Cluinnear luchd-ciùil le cliù eadar-nàiseanta a leithid Julie Fowlis, agus Charlie McKerron bho Capercaillie, luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid, luchd-ealain a tha a’ tighinn am bàrr, agus daoine òga a tha air a bhith ann am Foghlam tron Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Air-loidhne. Tha mi air a bhith a’ coimhead air a’ Mhòd Air-loidhne agus tha na tagraidhean aig ìre cho àrd agus a’ sealltainn cho tàlantach ’s a tha na ‘co-fharpaisich’ de gach aois. Tha na tagraidhean anabarrach math agus a’ gabhail a-steach obair-ealain chloinne, seinn Ghàidhlig agus sàr chluiche air innealan-ciùil de gach seòrsa.”

Lean e air adhart, “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri Cèilidh na Comhairle oidhche Haoine far am faic sinn daoine bho air feadh na Gàidhealtachd a tha cho fìor thàlantach a’ cluiche ceòl traidiseanta
agus a’ seinn sa Ghàidhlig. Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd moiteil a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis, Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd, ann an 2021. Tha mi gu mòr an dòchas ur faicinn ann.”

Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois: “Tha sinn cho toilichte a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean aig Comhairle na Gàidhealtachd gus àrd-ùrlar a thoirt do luchd-ciùil is do sheinneadairean tàlantach a tha a’ fuireach ann an naoi sgìrean Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha e air a bhith tlachdmhor a’ chuirm seo a chur ri chèile agus tha mi gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an tasgaidh agus sin a’ toirt cothrom dhuinn taic a thoirt do luchd-ealain aig an àm dhoirbh seo.”

Bidh Julie Fowlis na bean an taighe aig a’ chèilidh agus bidh i a’ seinn is a’ cluiche còmhla ris an duine aice, Eamon Doorley. Bidh sàr sheinneadairean agus luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid a leithid Raymond Bremner (1999), Eilidh NicCarmaig (2014) agus Raonaid Nic an Fhucadair (2017) a’ tighinn còmhla ri Julie.

Bidh gach ginealach a’ gabhail com-pàirt sa chèilidh agus chì sinn Aonghas MacCoinnich (Dàimh) agus a bhean Eilidh (Dòchas) a’ cluiche còmhla rin cuid chloinne. Bidh am fìdhlear Charlie McKerron a’ cluiche còmhla ri a chèile, an seinneadair tàlantach Gàidhlig Sandra NicAoidh, agus an cuid chloinne Seòras agus Cailean.

Bidh Mike Vass, a chluicheas iomadh inneal-ciùil, a’ riochdachadh Inbhir Narann sa chèilidh agus bidh Chloe Bryce agus Kaitlin Ros a tha air ceumnachadh o chionn ghoirid agus a bha nan sgoilearan aig Acadamaidh Bhaile Dhubhthaich a’ riochdachadh Ros an Ear. Bidh an cluicheadair bogsa-ciùil Megan NicDhòmhnaill à Luirg, a bhios a’ cluiche còmhla ris a’ chòmhlan Eabhal a tha a’ sìor chosnadh
cliù dhaibh fhèin, cuideachd a’ gabhail com-pàirt. Tha Meadhan Rois air a riochdachadh le Innes White a tha sònraichte math air a’ ghiotàr agus a b’ àbhaist a bhith na sgoilear ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Coimhead a’ chèilidh air-loidhne aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair air www.facebook.com/RoyalNationalMod no air duilleag Facebook a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Back to ACG News List

Toraidhean Litreachas

Published: 14 Oct 2020

​​Toraidhean Litreachas – Òigridh / Literature Results - Junior

L1 Sgrìobhadh Fo Aois 13 / Writing U13

  1. Eve, Dùn Èideann
  2. Hannah, Baile Dhùbhthaich
  3. Lucy, Inbhir Narann

L2 Sgrìobhadh Fo Aois 19 / Writing U19

  1. Elissa, Inbhir Nis
  2. Maria, Glaschu

COU – Òran Ùr / New Song

  1. Niamh, Baile Dhùbhthaich

M1 Fiolm Goirid / Short Film

  1. Clas 7 Bun-sgoil Chille Mhoire
  2. Fionnlagh, Inbhir Nis
  3. Hannah, Baile Dhùbhthaich

Toraidhean Litreachas – Inbhich / Literature Results – Senior

IL3 Bàrdachd / Poetry

  1. Marcas Mac an Tuairneir, Dùn Èideann
  2. Robbie Macleòid, Dun Èideann
  3. Tia Thomson, Inbhir Narann

IL4 Sgrìobhadh / Writing

  1. Joan NicDhòmhnaill, Uibhist a Tuath
  2. Minna Graeber, Lunnainn

IL5 Co-sheirm / Choral Arrangement

Dr Elizabeth Theobald, Dùn Omhain

IL7 Fiolm Goirid / Short Film

  1. Pierre Fuentes, Dùn Èideann

IOU – Òran Ùr / New Song

  1. Marcas Mac an Tuairneir, Dùn Èideann
  2. Caroline Bennet, Pawling, Na Stàitean Aonaichte
  3. Donald Woodall, Dùn Omhain

Back to ACG News List

Toraidhean Diciadain

Published: 14 Oct 2020

C1 Clàrsach. Luchd-ionnsachaidh / An Roghainn Fhèin / Introductory. Own Choice

  1. Eilidh, Dùn Èideann
  2. Oisín, Dùn Èideann
  3. Zorka, Dùn Èideann

C2 Clàrsach. A’ chiad ìre. An Roghainn Fhèin / Elementary. Own Choice

  1. Hazel, Dùn Èideann
  2. Bernadette, Inbhir Theòrsa
  3. Eve, Dùn Èideann

C3 Clàrsach. Eadar-mheadhanach. An Roghainn Fhèin / Intermediate. Own Choice

  1. Katie, Dùn Èideann
  2. Maria, Glaschu
  3. Carly-Skye, Inbhir Nis

C4 Clàrsach. Adhartach. An Roghainn Fhèin / Advanced. Own Choice

  1. Isabella, Inbhir Nis
  2. Xiaotong, Dùn Èideann
  3. Andrew, Glaschu

IS1 Seinn Aon-neach. Fileanta. An Roghainn Fhèin / Solo Singing Fluent. Own Choice

  1. Saffron Hanvidge, Inbhir Nis
  2. Marina Nicleòid, Glaschu
  3. Lorna Nic an t-Sagairt, Port Rìgh

IS2 Seinn Aon Neach. Luchd-ionnsachaidh. An Roghainn Fhèin / Solo Singing – Learners. Own Choice

  1. Letty Nijhuis, Leeuwarden, An Olaind
  2. Màiri NicGilleMhaoil, Cary, Na Stàitean Aonaichte
  3. Beathag NicLeòid, Dùn Èideann

IBA1 Aithris Bàrdachd. Fosgailte / Poetry Recitation. Open

  1. Ruth Oliver, Glaschu
  2. Anne MacDonald Coleman, Dùn Omhain
  3. Sarah Douglas, Dùn Omhain

IBA2 Sgeulachd. An Roghainn Fhèin / Tell a Story. Own Choice

  1. Liam Ó Caiside, Alexandria, Na Stàitean Aonaichte
  2. Alasdair MacCumhais, Cardross

Back to ACG News List

Toraidhean Dimàirt

Published: 14 Oct 2020

Roinnean Òigridh.

1. ‘Sònraichte’ 2. ‘Air leth math’ 3. ‘Ri moladh’

Junior Categories.

1. ‘Exceptional’ 2.‘Highly Commended’ 3. ‘Commended’

(S1) Seinn Aon-neach - Fileanta – Nigheanan Fo aois 13 / Solo Singing Fluent – Girls U13

1. Sophie, Siorrachd Rois

2. Leah, Uibhist

3. Jaime Eve, An t-Òban

(S2) Seinn Aon-neach- Fileanta – Balaich Fo aois 13 / Solo Singing Fluent – Boys U13

1. Seòras Murdaidh Fionnlagh, Glaschu

2. Oisín, Dùn Èideann

3. Coinneach, Leòdhas

(S3) Seinn Aon-neach Fileanta – Nigheanan Fo aois 19 / Solo Singing Fluent – Girls U19

1. Iona-Mairead, Leòdhas

2. Emily, An t-Eilean Sgitheanach

3. Rebecca, Glaschu

(S4) Seinn Aon-neach Fileanta – Balaich Fo aois 19 / Solo Singing Fluent – Boys – U19

1. Ruaraidh, Druim na Drochaid

(S9) Seinn san t-Seann Nòs fo aois 13 / Traditional Singing U13

1. Innes, An t-Òban

2. Sophie, Siorrachd Rois

3. Lily Jane, An Gearastan

(S11) Seinn Aon-neach. Fosgailte / Solo Singing. Open – Caledonian MacBrayne Category)

1. Iona-Mairead, Leòdhas

2. Eoghan, An t-Eilean Sgitheanach

3. Eliza, Loch Abar

(BA3) Bàrdachd Fo aois 13 / Poetry U13

1. Niamh, Baile Dhùbhthaich

2. Seòras Murdaidh Fionnlagh, Glaschu

3. Hannah, Baile Dhùbhthaich

Back to ACG News List

Toraidhean Diluain

Published: 12 Oct 2020

​​Roinnean òigridh.

1. ‘Sònraichte’ 2. ‘Air leth math’ 3. ‘Ri moladh’

Junior categories

1. ‘Exceptional’ 2. ‘Highly Commended’ 3. ‘Commended’

S5 Seinn Aon-neach. Nigheanan. Luchd-ionnsachaidh fo aois 13 / Solo Singing Girls. Learners U13

1. Aimee, Leòdhas

2. Cara, An t-Òban

3. Megan, Muile

S6 Seinn Aon-neach. Balaich. Luchd-ionnsachaidh fo aois 13 / Solo Singing Boys Learners U13

1. Finlay, An t-Òban

2. Innes, An t-Òban

3. Lyam, An t-Òban

S7 Seinn Aon-neach. Nigheanan. Luchd-ionnsachaidh fo aois 19 / Solo Singing Girls. Learners U19

1. Holly, Muile

2. Kirsty, Leòdhas

3. Rhona, Ceann Loch Gilb

S8 Seinn Aon-neach. Balaich. Luchd-ionnsachaidh fo aois 19 / Solo Singing Boys Learners U19

1. Archie, A’ Mhorbhairne

S10 Seinn san t-Seann Nòs. Fosgailte. Fo aois 19 / Traditional Singing. Open. U19

1. Kirsty, Leòdhas

2. Isla, Na Hearadh

3. Elinor, Seattle, Na Stàitean Aonaichte

BA1 Innse-sgeulachdan. Fosgailte Fo aois 13 / Storytelling. Open U13

1. Finlay, Glaschu

2. Jonathan, An t-Eilean Sgitheanach

3. Shonnie, Uibhist

BA5 Bàrdachd Luchd-ionnsachaidh Fo aois 13 / Poetry Learners U13

1. Megan, Muile

2. Hannah, Muile

3. Jack, An t-Òban

BA6 Bàrdachd Luchd-ionnsachaidh Fo aois 19 / Poetry Learners U19

1. Rachel, A’ Mhorbhairne

M1 Fiolm Goirid / Vloga – Fosgailte - Òigridh

1. Clas 7 Bun-sgoil Chille Mhoire

2. Fionnlagh, Inbhir Nis

3. Hannah, Baile Dhùbhthaich

Back to ACG News List

Toraidhean Roinnean Ionnsramaid

Published: 12 Oct 2020

Roinnean nan ionnsramaidean fo aois 13.

1. ‘Sònraichte’ 2. ‘Air leth math’ 3. ‘Ri moladh’

Instrumental categories Under 13.

1. ‘Exceptional’ 2. ‘Highly Commended’ 3. ‘Commended’

(B1) Bogsa CSR fo Aois 13 / Accordion MSR U13

1. Jake, Biggar

2. Eilidh, Inbhir Nis

3. Lauren, Leòdhas

(F1) Fidheall fo aois 13 / Fiddle U13

1. Seonaidh, Barraigh

2. Alice, Steòrnabhagh

3. Eliza, An Gearastan

(P1) Pìana fo aois 13 / Piano U13

1. Grace, Inbhir Nis

2. Hazel, Dùn Èideann

(PB1) Feadan – neach-ionnsachaidh. Fosgailte / Chanter – novices. Open

1. Dòmhnall Eachann, Barraigh

2. Iain, Inbhir Nis

3. Ronnie, Inbhir Nis

(PB3) Pìob – CSR fo aois 13 / Bagpipes MSR U13

1. Archie, An t-Òban

2. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte

3. Grace, Inbhir Nis

(PB5) Pìob – fo aois 13 / Bagpipes U13

1. Grace, Inbhir Nis

2. Charlie, Inbhir Nis

3. Archie, An t-Òban

(PB8) Pìobaireachd fo aois 13 / Bagpipes U13

1. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte

2. Archie, Muile

3. Charlie, Inbhir Nis

Roinnean nan ionnsramaidean fo aois 19 & Fosgailte.

1. ‘Sònraichte’ 2. ‘Air leth math’ 3. ‘Ri moladh’

Instrumental categories Under 19 & Fosgailte.

1. ‘Exceptional’ 2. ‘Highly Commended’ 3. ‘Commended’

(B2) Bogsa CSR fo aois 19 / Accordion MSR U19

1. Archie, Drochaid Ailein

2. Calum, An t-Òban

3. Darroch, Dùn Phris

(B3) Bogsa fo aois 19 / Accordion U19

1. Archie, Drochaid Ailein

2. Kyle, Dùn Phris

3. Darroch, Dùn Phris

(F2) Fidheall fo aois 19 / Fiddle U19

1. Kathleen, Am Ploc

2. Flora, Seattle, Na Stàitean Aonaichte

3. Rachel, An t-Eilean Sgitheanach

(IB2) Bogsa – Bhalsaichean Gàidhlig Fosgailte / Accordion Gaelic Waltz Open

1. Graham MacIllinnein, Steòrnabhagh

2. Barbara Brandt, Dùn Èideann

(P2) Pìana fo aois 19 / Piano U19

1. Rae,Glaschu

(PB4) Pìob CSR fo aois 19 / Bagpipes MSR U19

1. Ruaraidh, Druim na Drochaid

2. Hector, An Caol

3. Calum, Inbhir Nis

(PB6) Pìob fo aois 19 / Bagpipes U19

1. Ruaraidh, Druim na Drochaid

2. Laura, An Gearastan

3. Logie, An t-Òban

(PB9) Pìobaireachd fo aois 19 / Bagpipes U19

1. Hector, An Caol

2. Ruaraidh, Druim na Drochaid

3. Calum, Inbhir Nis

Back to ACG News List

Diluain aig a' Mhod

Published: 12 Oct 2020

Madainn mhath dhuibh, seo na bhios againn dhuibh an diugh!

Back to ACG News List

De tha dol an diugh?

Published: 11 Oct 2020

​Feuch gum bidh sibh còmhla rinn aig 9m agus 3f airson Seirbheis Gàidhlig am Mod Air-loidhne.

https://www.facebook.com/radionangaidheal/videos/690702411802925/


Back to ACG News List

De tha dol an diugh?

Published: 10 Oct 2020

​Prògram a’ Mhòid / Mod Programme:https://www.ancomunn.co.uk/i…/uploads/Program_Mod_2020_1.pdf

Bidh gach tachartas ri fhaotainn fad na seachdain aig:

Duilleag Facebook a’ Mhòid: https://www.facebook.com/RoyalNationalMod

Seanal Youtube ACG: https://www.youtube.com/channel/UCs4-a-mCvJTll8LO8ErbB4A

www.ancomunn.co.uk

#VirtualMod

Back to ACG News List

Tosgaire na Gàidhlig a' leanntainn air gu 2021

Published: 09 Oct 2020

​Chaidh Alasdair MacIlleBhàin ainmeachadh mar Tosgaire na Gàidhlig aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, agus chaidh an duais a’ shìneadh dhà le Leas-phrìomh-Mhinistear agus Rùnaire Foghlaim na h-Alba, Iain Swinney.

B’ ann ann an 2008 a dh’ iarr Riaghaltas na h-Alba air a’ Chomunn Ghàidhealach cuideigin a chomharrachadh a bha, mar thoradh air sàr-shaothair as leth na Gàidhlig, airidh air an ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna. Chuir an Riaghaltas fhèin air dòigh duais shònraichte òrdachadh bho neach-ealain ann an sgìre na h-Eaglaise Bric, sgìre-aoigheachd Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sin, agus chaidh an duais a bhuileachadh air an t-seinneadair Gàidhlig ainmeil Julie Fowlis. Tha An Comunn air leth toilichte gun do cho-dhuinn Riaghaltas na h-Alba an t-urram seo a chumail a-dol, agus duais a’ lìbhrigeadh gu Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig gach Mòd Nàiseanta Rìoghail bhon uairsin.

Leis an t-suidheachadh àraid a th’ againn am bliadhna cha robh cothrom gu bhith ann duais a lìbhrigeadh agus bha ceist oirnn dè a dhèanamaid. Ged a tha Alasdair air sàr obair a dhèanamh dhan Chomuinn bhon a chaidh an t-urram a bhuileachadh air fhèin chan eil e air a bhith comasach dha a h-uile càil a bu mhiann leis a dhèanamh. Mar thoireadh air seo tha e na thlachd dhuinn fhoillseachadh gum bheil sinn air aontachadh le Alasdair gun lean esan air mar Thosgaire na Gàidhlig airson bliadhna eile, chun an Dàmhair 2021.

Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, “Tha sinn air leth toilichte gum bheil Alasdair deònach dleastanas Thosgaire na Gàidhlig a’ ghiùlan cuide rinn airson bliadhna eile, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na tha e a’ cur roimhe a’ choileanadh anns a’ bhliadhna tha romhainn.”

Back to ACG News List

Prògram Mòd Air-loidhne

Published: 02 Oct 2020

​​

Tha sinn toilichte Prògram a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne a thoirt thugaibh! Thoiribh sùil air na th’ againn san amhairc agus feuch gum bidh sibh còmhla rinn eadar an 9-17mh den Dàmhair.

Prògram a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Sultain

Published: 01 Oct 2020

​​Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson cuairt-litir na mìos seo.

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Cuairt-litir ACG - Sultain 2020

Back to ACG News List

Cuairt-litir A' Chomuinn - Lùnastal

Published: 31 Aug 2020

​Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson cuairt-litir na mìos seo.

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Cuairt-litir - Lùnastal 2020

Back to ACG News List

Sandaidh NicDhòmhnaill Jones & Meg Bateman ann an còmhradh A-MÀIREACH!

Published: 17 Aug 2020

​Tachartas ro-chlàraichte le dithis bhàird a’ bruidhinn mun sgrìobhadh ùr aca, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean agus An Comunn Gàidhealach

Clàraichibh airson an tachartais an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/sandaidh-nicdhomhnaill-jones-agus-meg-bateman-ann-an-comhradh-tickets-115958359575?fbclid=IwAR3ndTKY4CHyvbHTl86CTmZxxCMs2x1gtzrSmposY_OxXT3SdG6LZKGkyDA

Back to ACG News List

Ceann-latha Mòd Air-loidhne Dihaoine seo tighinn!

Published: 17 Aug 2020

​Bheil sibh air na bhideothan agaibh a chlàradh airson am Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne fhathast?

Faodaidh sibh an clàradh air na fònaichean làimhe agaibh, no inneal sam bith eile agus cuiribh thugainn iad tro làrach-lìn a’ Chomuinn. Sin e!

⭐️Ceann-latha: Dihaoine 21 Lùnastal⭐️

https://www.ancomunn.co.uk/images/uploads/Virtual_Mod_Syllabus_July_31.pdf?fbclid=IwAR1W6kIPkSZTipAEGoe4ONnKN5Wr4OLgXoYVulqhvkzFMvSl1vdvSanjxrM

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Iuchar

Published: 31 Jul 2020

​Bruthaibh an seo airson cuairt-litir a’ Chomuinn - Iuchar 2020.

Tha sinn an dochas gun cord e ribh!

Ma tha sibh airson cail a chur thugainn airson a’ chuairt-litir no airson tuilldeadh fiosrachadh, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Tachartas do Dheugairean air Zoom!

Published: 23 Jul 2020

​Diluain 27mh Iuchair, 3f / Monday 27th July, 3pm

Do dheugairean aois 13-18/For teenagers aged 13-18

Ainmean-àite: sgeul na Gàidhlig ann an Alba
B’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan na h-Alba uair. Chan eil tùs a dh’innseas barrachd dhuinn mu sgeul na Gàidhlig ann an Alba na ainmean-àite na dùthcha. Thigibh còmhla ris an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin (Co-eòlaiche Rannsachaidh aig Oilthigh Ghlaschu & Tosgaire na Gàidhlig 2019) agus e a’ bruidhinn air na ciad ainmean-àite a tha air an clàradh ann an Alba, mar a sgaoil a’ Ghàidhlig fad is farsaing air feadh na dùthcha agus air iomadach nì eile a dh’innseas ainmean-àite dhuinn, ma sheallas sinn orra gu dlùth.
Tha an tachartas seo an-asgaidh agus freagarrach do dheugairean aig a bheil Gàidhlig. Thèid an tachartas a chumail air loidhne tro Zoom.
Clàraichibh an seo: https://tinyurl.com/y5tbvstb

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Ogmhios 2020

Published: 02 Jul 2020

​Bruthaibh an seo airson cuairt-litir a’ Chomuinn - Ogmhios 2020.

Tha sinn an dochas gun cord e ribh!

Ma tha sibh airson cail a chur thugainn airson a’ chuairt-litir no airson tuilldeadh fiosrachadh, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Interview with John Joe Macneil

Published: 02 Jul 2020

Innis dhuinn beagan mu do dheidhinn fhein?

Is mise John Joe MacNèill agus ‘s ann à Barraigh a tha mi bho thùs, ged a tha mi a-nise a’ fuireach an Dùn Èideann. Tha mi ag obair aig Oilthigh Dhùn Èideann agus ‘s e Prìomh Cho-eòlaiche Teagaisg an dreuchd a th’ agam aig
an Oilthigh. Tha mi cuideachd a-ruith am prògram MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig.

Ciamar a tha lockdown air a bhith dhut fhein?

Gu ìre mhòr tha e air còrdadh rium, feumaidh mi a ràdha, ged a tha laithean ann far a bheil mi a’ faireachdainn aonranach agus tha mi ag iarraidh leum air an itealan agus a dhol dhachaidh a Bharraigh! Tha tòrr phròiseactan agam a
tha air a bhith gam chumail a’ dol. Nam measg m’ obair a tha air a bhith trang, mar a thuigeadh sibh, tha mi cuideachd air ais a’ lìbhrigadh agus a’ craoladh phrògraman air Rèidio Ciùil Ceilteach, b’ àbhaist dhomh bhith dèanamh seo nuair a bha mi nam oileanach ann an Glaschu. Tha mi cuideachd air a bhith ag ionnsachadh tòrr a thaobh teicneòlas. Chanainn gu bheil mi coltach ri ‘Tech Guru’ a-nise, eadar a bhith a’ craoladh beò a-mach as an flat agam fhèin gu na diofair innealan a tha sinn a’ cleachdadh. Tha mi cuideachd air a bhith an sàs ann an rudan a thaobh ceòl, trang le còisirean, a’ dèanamh co-sheirmean, tha mi air a bhith a’ seinn agus a’ cluich a’ phiàno mi fhèin cuideachd. Ghluais mi anns an t-Sultain a Dhùn Èideann agus bha bocsaichean loma-làn a’ suidhe ann an rùm! Leis an sin tha mi air a bhith trang a’ dol tro dhealbhan, cds, leabhraichean is eile agus feumaidh mi ràdha gu bheil na bùthan cathrannais gu bhith trang leis na tha iad gu bhith faighinn bhuamsa!

De an rud as motha a tha thu ag ionndrainn?

Uill tha a’ cheist seo gu math furasta a fhreagairt, feumaidh mi a ràdh, mo theaghlach, mo charaidean, a bhith a’ dol air ais a Bharraigh agus cuideachd a bhith a’ tighinn còmhladh ri daoine airson began craic agus plòigh fhaighinn.

Ciamar a tha Taigh Ceilidh a’ Mhoid a’ cordadh riut?

Tha Taigh Cèilidh a’ Mhòid a’ còrdadh rium glan, feumaidh mi a ràdh agus abair gu bheil beartas de sheinneadairean air a bhith againn. Tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ cluinntinn nan òrain agus a bhith a’ cluinntinn mu na cuimhneachain a th’ aca agus na rudan a bha a’ seasamh a-mach dhaibh air an latha. Tha e cuideachd a’ còrdadh rium a bhith a’ cluinntinn na seinneadairean nach eil còmhla rinn a-nis agus cho prìseil ‘s a tha an gibht a tha iad air fhàgail dhuinn.

Tha tòrr an lùib a bhith a’ clàradh na cèilidhean seo beò, tha e follaiseach gu bheil thu math air an teicneòlas. A bheil an obair a tha na lùib doirbh?

Nam biodh tu air faighneachd seo dhomh nuair a thòisich sinn an toiseach, bhithinn air a ràdh gun robh e gu math doirbh agus tha mi smaoineachadh gun robh sinn uile a’ liathadh aig an àm! A-nis, leis gu bheil sinn nas eòlaiche air, tha e gu math nas fhurasta, chan e a-mhàin gu bheil sinn nas eòlaich air an seòrsa cruth a tha air ach cuideachd gu bheil sinn nas eòlaiche air an teicneòlas agus na rudan a dh’ fhaodadh a dhol ceàrr. Bidh sgioba a’ Chomuinn a’ bruidhinn ri na

seinneadairean, gus a’ faighinn a-mach mun deidhinn agus a’ bruidhinn riutha mu dheidhinn òrain. Tha mise an uairsin a’ faighinn an fhiosrachadh sin agus ag obair orra airson sgriobt a dhèanamh, puingean a’ sgrìobhadh, agus eòlas fhaighinn air na seinneadairean mur a bheil mi eòlach orra agus na h-òrain aca. Tha sin dìreach airson gun urrainn dhomh rudan a chumail a’ dol gu siubhalach. ‘Se na h-aon seòrsa cheistean a tha sinn a’ faighneachd, mu dheidhinn na cuimhneachain aca. Tha sinn cuideachd, airson dèanamh cinnteach gum bidh beagan craic ann cuideachd! Mo thaing dha Alex agus Anna a tha a-ruith an uidheamachd teicneòlais, tha iadsan dìreach sgoinneil fhèin, bhiodh sinn air chall nam biodh e air fhàgail agamsa airson a dhèanamh! Tha sinn airson gu bheil seo a’ faireachdainn beò, mar cèilidh. ‘S e sgioba air leth a tha ag obair air an seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an ath chèilidh.

Tha thu air a bhith ag obair ann am foghlaim airson grunn bhliadhnaichean a-nis. Carson a mholadh tu gabhail pàirt ann am Mòd dha na sgoilearan agad?

Tha mi air a bhith an lùib foghlam bhon a bha mi gu math òg, nuair a thòisich mi a’ teagasg aig fèisean agus tha mi air a bhith an lùib foghlam foirmeil airson deich bliadhna. Thoisich mi nam thidsear Bun-sgoile, bha mi an uairsin nam cheannard agus tha mi a-nise ag obair anns an oilthigh. Na mo bheachd-sa, ma tha sinn airson neart a thoirt dhan chànan, ma tha sinn ag iarraidh bogadh a tha dlùth, feumaidh cultar agus coimhearsnachd a bhith an teis-mheadhan sin. Tha ùidh mhòr agam ann an òrain Ghàidhlig, ceòl Gàidhlig, dannsa, Mòdan, Feisean agus mar sin air adhart agus tha mi daonan a’ faicinn a bhuaidh a tha sin a’ toirt air sgoilearan, bho aois gu math òg. Tha cuimhne agam gu sònraichte, ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, aon fheasgair aig Mòd Ionadail, a’ coimhead suas air an àrd-ùrlar, agus leth-cheud sgoilear bhon Sgoil Àraich air an àrd-ùrlar. Bha deòir nam shùilean a’ coimhead orra, cho prìseil ’s a tha an gibht a tha sinn a’ toirt dhaibh bho aois òg. Chan e a-mhàin òrain, ceòl agus dràma a tha sinn a’ toirt dhaibh, tha sinn a’ bruidhinn cuideachd air spòrs agus diofair dhòighean dhaibh a bhith a’ cleachdadh a’ chànan agus a bhith ga bogadh fhèin ann an
diofair shuidheachaidhean. Chan e a-mhàin suidheachaidhean co-cheangailte ris an sgoil ach cuideachd suidheachaidhean cudthromach a tha ceangailte ri beatha àbhaisteach an dachaidh. Bha mise cho fortannach nuair a chaidh mo thogail gun robh mo sheanair agam gu sònraichte, a bha làn beul-aithris, ach gun robh a’ leithid de chothroman agam anns an sgoil a thaobh ceòl agus dràma a thug dhòmhsa spionnadh ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus a bhith air mo bhogadh gu tur anns a’ chànan, anns a’ chultar agus ann an coimhearsnachd a bha air leth pròiseil dhan Ghàidhlig.

Bhuannaich thu fhein Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an 2017, ciamar a bha thu a’ faireachdainn an latha sin?

Bha mi air a bhith a-staigh airson Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich an latha roimhe sin. Bha seachdain air leth trang air a bhith agam, le farpaisean sgoilearan cuideachd agus bha mi faireachdainn cho sgìth. Bha an fhearg orm, ann an dòigh, leam fhèin oir ‘be seo am bonn a bha mi ag iarraidh fhaighinn, oir bha mi air mo chuairteachadh le òrain san t-seann nòis nuair a bha mi a’ fàs suas, bho mo sheanair, mo sheanmhair agus feadhainn eile air feadh an eilean agus cha robh
mi toilichte idir leam fhèin, gun robh mi air a leithid a chur romham agus nuair a thàinig an latha, bha mi a’ faireachdainn cho sgìth. Tha cuimhne agam a bhith shuas air an àrd-ùrlar, a’ faireachdainn cho bochd. Sheinn mi cho math ’s a sheinn mi a-rìamh. Bha àrainneachd sònraichte anns an eaglais. Fhuair mi an treas àite an sin. Nuair a chaidh mi air an àrd-ùrlar an oidhche sin, cha robh mi faireachdainn math idir. Bha fios agam cuideachd gun robh e a’ dol a-mach beò air an tele agus bha mo chasan cho lag, ach co dhiù, rinn mi e! Shaoil mi gun do sheinn mi a’ chiad òran rudeigin slaodach ach thuirt mi rium fhèin, tha mi a’ dol a dhol airson seo leis an dàrna òran, chan eil mi a’ dol a bhuannachadh co dhiù, thuirt mi rium fhèin. Chaidh mi suas agus sheinn mi e mar a chluinninn bodach à Barraigh ga sheinn agus thuirt mi rium fhèin, uill tha mi an dòchas gun do chòrd siud riutha, chan urrainn dhomh an còrr a dhèanamh. Cha robh mi smaoineachadh gum buannaichinn idir, idir. Tha cuimhne agam gun robh mi a’ smaoineachadh, chan eil seo ceart, tha rudeigin air a dhol ceàrr! ‘S e togail agus soirbheachas air leth a bh’ ann dhomhsa agus tha mi cho pròiseil gun d’ fhuair mi e.

Am bidh thu fhathast a’ seinn leat fhèin air an àrd-ùrlar?

Bidh mi fhathast a’ seinn an siud ‘s an seo. Tha e a’ còrdadh rium glan a bhith seinn agus tha mi air a bhith a’ feuchainn fhad’s a tha lockdown air a bhith dol, ri bhith ag ionnsachadh òrain ùr. Tha liosta gun chiall de dh’ òrain agam a tha
mi air a bhith ag iarraidh ionnsachadh thairis air grunn bhliadhnachean. Tha mi air a bhith feuchainn ri bhith a’ dol tron liosta sin fhad’s a tha sinn air a bhith air lockdown.

Dè ’s fheàrr leat, a bhith air beulaibh no air cùlaibh an camara?

Tha an dà rud a’ còrdadh rium. Tha e a’ còrdadh rium a bhith air cùlaibh an camara, a thaobh teicneòlas agus a bhith a’ faighinn cothrom sgilean didseatach ionnsachadh ach air an làimh eile tha e e a’ còrdadh rium a bhith an aghaidh a chamara a lìbhrigeadh program. Tha mi smaoineachadh gun tèid mi airson aghaidh a chamara.

Dè ’s fhearr leat, seinn leat fhèin no ann an còisir?

‘S toigh leam a bhith a’ seinn còmhla leum fhèin. Tha mi smaoineachadh ged a bhios mi a’ fàs nearbhasach mu dheidhinn, tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ seinn agus a bhith ag innse sgeulachd a’ bhàrdachd ach ‘s toigh leam gu mòr a bhith a’ seinn ann an còisir oir ‘s toigh leam co-sheirm agus mar a tha co-sheirmean air an toirt còmhla ri chèile airson an sgeulachd innse. Mar sin, tha mi smaoineachadh gun tèid mi airson seinn ann an còisir.

Nam biodh taghadh agad seinn le duine sam bith air àrd-ùrlar, cò dh’ iarradh tu?

Nam biodh taghadh agam seinn còmhla ri duine sam bith, ‘s e mo sheanair a thaghainn. Bha guth agus stoidhle air leth aige agus chòrdadh e rium, chan e a-mhàin a bhith a’ seinn còmhla ris air àrd-ùrlar, ach cuideachd ùine a chur seachad, a’ cur nam chuimhne na stoidhlichean agus na rudan a dh’ ionnsaich e dhomh nuair a bha mi òg agus tha mi a-nis, gu ìre, air diochuimhneachadh.

Back to ACG News List

A' Chailleach - Oraid leis an Dr Alasdair MacIllebhain

Published: 17 Jun 2020

Ainmean-àite, seanchas & òrain à Muile (tachartas air loidhne)

Tha A’ Chailleach aithnichte air feadh na Gàidhealtachd. Tha caochladh ainmean oirre: aithnichidh cuid ann an Earra-Ghàidheal i mar A’ Chailleach Bheur ach aithnichidh càch i mar Chailleach Beinn a’ Bhric no Cailleach Mhòr Chlìbhric,
mar eisimpleir.

Thigibh còmhla ris an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin (Oilthigh Ghlaschu & Tosgaire na Gàidhlig 2019) agus e a’ bruidhinn air ainmean-àite, seanchas agus òrain co-cheangailte ris A’ Chaillich às an sgìre aige fhèin agus àiteachan eile.

Tha an tachartas seo an-asgaidh agus freagarrach do luchd-labhairt ionnsachaidh na Gàidhlig a cheart cho math ri luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig, ach bhiodh beagan Gàidhlig gu buannachd.

Thèid an tachartas a chumail air loidhne tro Zoom. Clàraichibh an seo: https://tinyurl.com/y8w8ar74

Back to ACG News List

Taigh Cèilidh a' Mhòid #2!

Published: 05 Jun 2020

Tha deagh naidheachd againn dhuibh! Leis cho soirbheachail ’s a bha Taigh Cèilidh a’ Mhòid air a’ mhìos a chaidh seachad, tha sinn toilichte innse dhuibh gum bidh sinn a’ toirt thugaibh cèilidh eile san t-sreath seo an ath sheachdain!

Thèid an dàrna Taigh Cèilidh a’ Mhòid a chumail air Diardaoin 11 Ògmhios aig 8.30f agus ‘s e seinneadairean a choisinn Buinn Òir an t-Seann Nois anns na 90an a bhios againn an oidhche seo.

Tha sinn toilichte gum bidh John Joe MacNeill còmhla rinn a-rithist mar Fhear an Taighe.

Mar sin, feuch gun tig sibh còmhla rinn air an 11mh, beò air duilleag Facebook a’ Mhòid!

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Cèitean

Published: 29 May 2020

​Tha an ath iris den chuairt-litir againn ri fhaotainn an seo.

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Giblean

Published: 30 Apr 2020

​Gheibhear ceangal gu cuairt-litir na mìos seo an seo.

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Back to ACG News List

Luch-obrach Bunaiteach - Tapadh leibh!

Published: 21 Apr 2020

​​Madainn mhath dhuibh uile. Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile gu math, sàbhailte agus a’ fuireach aig an taigh!

Tha sinn cho fortannach leis na tha deth luchd-obrach bunaiteach a tha fhathast ag obair, gus sinne uile a dhìon. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-obrach an t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta, luchd-obrach dachaighean cùram, feadhainn a tha ag obair ann am bùithean bidhe, am Posta Rìoghail agus seirbhisean-lìbhrigidh eile, feadhainn a bhios a’ dràibheadh làraidhean gus nithean mar biadh agus stuthan slàinte a sgaoileadh agus mar sin air adhart – tha iomadach neach ann a tha fhathast ag obair airson sinne a chumail sàbhailte agus comhairteil aig an taigh, agus bu mhath leinn taing a thoirt dhaibh uile.

Tha mòran air seo a dhèanamh mu thràth air feadh na meadhanan sòisealta, ach bu mhath leinne a dhèanamh cuideachd, anns a’ Ghàidhlig. Le sin, nach cuir sibh bhideo goirid suas air an duilleag seo ag innse cò dha tha sibh a’ toirt taing, a cleachdadh #gaisgichcorona

Faodaidh sibh taing a thoirt dha cuideigin sònraichte, m.e. nurs no dotair no cuideigin anns an teaghlach agaibh a tha ag obair ann am bùth-bidhe, ann an dachaigh cùram no teachdaireachd a’ toirt taing dhan a h-uile duine mar seo anns an fharsaingeachd – bidh a h-uile teachdaireachd gu feum.

Tapadh leibh!

Back to ACG News List

Taic dha luchd-ciùil a thaobh COVID-19

Published: 02 Apr 2020

​Bruthaibh air an ceangal a leanas airson fiorsachadh mun taic a tha ri fhaotainn dha luchd-ciùil agus mar sin air adhart air sgàth’s COVID-19.

https://tracscotland.org/news-post/newsid/22289-coronavirus-covid-19-useful-resources-for-traditional-musicians/?fbclid=IwAR3lhskGucuCc3SNLsAOhgjPAYX0PZYV6NZqtTGQ1-BHivVn7ZxctCP_iRA

Back to ACG News List

Ceannard Ùr air tòiseachadh aig a' Chomunn

Published: 01 Apr 2020

Thòisich Seumas Greumach san dreuchd mar Àrd-oifigear an diugh (Diciadain 1 Giblean 2020).

Tha sinn uile mar sgioba a’ cur fàilte mhòr air Seumas dhan dreuchd agus a’ guidhe gach soirbheachas dha anns na bliadhnaichean ri teachd.

Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dha Iain Moireasdan a-rithist airson na rinn e dhan Chomunn agus dhan Ghàidhlig thairis air na bliadhnaichean.

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Màrt

Published: 31 Mar 2020

​Bruthaibh an seo airson an ath iris den chuairt-litir againn.

Back to ACG News List

Oifisean Dùinte

Published: 23 Mar 2020

​Tha na h-oifisean againn a-nis dùinte agus tha an luchd-obrach gu lèir ag obair bhon taigh.

Ma tha sibh airson fios a chur thugainn, cuiribh post-dealain thugainn. Gheibhear na seòlaidhean againn an seo.

Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta airson fiosrachadh sam bith eile.

Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Cumaibh sàbhailte.

Bho sgioba a’ Chomuinn.

Back to ACG News List

Coronavirus

Published: 16 Mar 2020

Airson fiosrachadh.

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail a' Chomuinn 2020

Published: 13 Mar 2020

​Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn a chumail Dihaoine seo tighinn, aig 6.30f ann an Talla a’ Bhaile Inbhir Nis. Bidh fàilte air buill a’ Chomuinn.

Back to ACG News List

Cèilidh Meur Loch Abar

Published: 09 Mar 2020

**AIR A CHUR DHETH AIR SGÀTH CORÒNABHÌORAIS**

Back to ACG News List

Fèis Chlàrsaich Dhùn Èideann DHETH

Published: 05 Mar 2020

​Gu mì-fhortannach, cha tèid Fèis Chlàrsaich Dhùn Èideann air adhart am bliadhna. Seo agaibh brath-naidheachd bhuapa:

“It is with deep regret (due to circumstances beyond our control) that we announce that the 2020 Edinburgh International Harp Festival has been cancelled, by Merchiston Castle School, following their concerns about the COVID-19 virus.

Our administration team will begin contacting ticket holders, for all our events, tomorrow. We ask you kindly for your patience in this.

If you have booked accommodation at Merchiston, please email the school’s events team on events@merchiston.co.uk

We are deeply saddened that we won’t see you this year, but rest assured, we will be back!

Keep harping,
The Edinburgh International Harp Festival”

Back to ACG News List

Farpais Òrain Ghàidhlig

Published: 05 Mar 2020

​Seo agaibh fiosrachadh mun fharpais òrain Ghàidhlig a tha Ceòlas a’ ruith gus 25 bliadhna dhen sgoil shamhraidh am-bliadhna.

’S e £250 an duais airgid agus feumaidh òrain a bhith a-staigh air 1 Cèitean, 2020. Tha sinn a’ sireadh òran togarrach aighearrach agus rachadh an t-òran ionnsachadh aig sgoil shamhraidh Cheòlais san Iuchar.

Bhithinn nur comain nam b’ urrainn dhuibh seo a chur air adhart do dhuine sam bith aig am biodh ùidh ann an òran a chur a-steach dhan fharpais. Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air an làraich-lìn an seo: https://www.ceolas.co.uk/gd/2020/01/21/farpais-oran-1-ceitean-2020/

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail a' Chomuinn 2020

Published: 04 Mar 2020

​Thèid coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn a chumail air 13/03/20 ann an Inbhir Nis.

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Gearran

Published: 28 Feb 2020

​Gheibh sibh cuairt-litir a’ Chomuinn gu h-ìosal. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Cuairt-litir_a_Chomuinn_Gearran_2020.pdf

Back to ACG News List

Fèis Chlàrsaich Dhùn Èideann 2020

Published: 19 Feb 2020

​Thèid Fèis Chlàrsaich Dhùn Èideann a chumail eadar an 3mh agus an 8mh den Ghiblean am bliadhna seo.

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh an seo.

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail a' Chomuinn 2020

Published: 15 Feb 2020

​Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn a chumail air Dihaoine 13 Màrt 2020 aig 6.30f, Talla a’ Bhaile Inbhir Nis.

Tha fàilte chridheil air buill a’ Chomuinn a thighinn ann.

Airson tuilleadh fiosrachadh, cuiribh fòn air 01463 709 705.

Back to ACG News List

Mòdan Ionadail 2020

Published: 13 Feb 2020

​​​Gheibhear liosta le cinn-latha Mòdan Ionadail na bliadhna seo tron cheangal gu h-ìosal.

https://www.ancomunn.co.uk/localmods/dates

Tha duilleag aig gach Mòd air an làrach-lìn againn, far is urrainn dhaibh fiosrachadh mu na Mòdan aca fhèin a shanasachd. Bruthaibh an seo airson duilleagan gach Mòd.

Back to ACG News List

​Ceannard ùr dhan Chomunn Ghàidhealach

Published: 05 Feb 2020

Tha An Comunn Gàidhealach air fhoillseachadh gur e Seumas Greumach, a bhuineas bho thùs dha Loch an Inbhir, an Ceannard ùr a bhios air a’ bhuidheann nuair a leigeas Iain Moireasdan dheth an dreuchd aig deireadh a’ Mhàrt, an dèidh còrr air dusan bliadhna.

‘S e Seumas a th’ air a bhith na Mhanaidsear air a’ Mhòd aig a’ Chomunn bho 2010 agus tha an t-eòlas farsaing a thog e thar nam bliadhnaichean a’ dèiligeadh ri dùbhlain rianachd agus deasachadh Mhòdan Nàiseanta agus Ionadail gu bhith na chuideachadh mòr dhà na dhreuchd ùr.

Thuirt Seumas, “Tha e na urram mhòr dha-rìribh an dreuchd a tha seo a ghabhail os làimhe agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris an obair ionmholta a rinn Iain Moireasdan a chumail a’ dol, cha bheag an dùbhlan sin. Bidh e na amas agam obrachadh gus leasachadh agus piseach a bharrachd a thoirt air a’ bhuidhinn anns an ùine ri teachd. Bho bha mi nam bhalach beag bhithinn a’ gabhail pàirt anns na Mòdan aig ìre ionadail agus nàiseanta agus tro m’ obair nam Mhanaidsear anns na deich bliadhna a dh’ fhalbh, tha mi ag aithneachadh gu bheil am Mòd na bhun-stèidh do chultar agus nan ealain Ghàidhlig. Bidh dùbhlain mu choinneimh na h-obrach, ach bidh dùil agam ri làn thaic bhon luchd-obrach
agus Buill a’ Bhùird airson a’ bhuidheann a thoirt air adhart.”

Thuirt Ceann-suidhe a Chomuinn, Ailean Caimbeul, “Gum meal Seumas à naidheachd, agus tha sinn a’ cur fàilte bhlàth air chun dreuchd chudromach seo, agus a’ guidhe gach soirbheachadh dha innte! Aig an aon àm bith ar beannachdan agus deagh dhùrachd airson iomadh bliadhna shona air chluaineas a’ dol le Iain Moireasdan nuair a dh’fhàgas esan an dreuchd aig deireadh a’ Mhàrt!”

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG - Faoilleach 2020

Published: 30 Jan 2020

​​Tha an ath iris den chuairt-litir a-nise ri fhaotainn an seo.

Back to ACG News List

Atharrachaidhean air Earrainnean Ainmichte Mòd 2020

Published: 30 Jan 2020

Bithibh mothachail air na h-atharrachaidhean air na pìosan a leanas. Gheibhear atharrachaidhean sam bith eile an seo.

  • A308 ‘Tha bainne aig na caoraich uile’: ‘chruinn’ should be “chruim”, throughout.
  • A308 ‘Bodachan a’ Ghàrraidh’: bars 42/44/46- should be ‘aige’ not ‘aice’.
  • A308 ‘Bodachan a’ Ghàrraidh’: bar 43-bass second note should be a D rather than an E (doh rather than a ray)
  • A306 ‘Beinn Eadarra’-bar 24/26-in the soprano line, bar 26 should be the same as bar 24.
  • C44(i) Chì mi’ n toman-Verse 3, line 2, should read: “gu bean-taighe an fhuilt-bhàin”
  • Back to ACG News List

    Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan ann an Alba le EventScotland 2020

    Published: 29 Jan 2020

    ​Tha sinn gu math toilichte a bhith mar phàirt de na tachartasan a bhios a’ gabhail àite am bliadhna airson Bliadhna nan Cladaiachean is nan Uisgeachan ann an Alba a chomharrachadh.

    Nach cum sibh sùil air na meadhanan sòisealta againn airson barrachd fiosrachadh sa bhliadhn’ ùr.

    Back to ACG News List

    FèisTV @ a' Mhòd

    Published: 29 Jan 2020

    ​Abair gun robh sinn toilichte ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal gus na bhideothan seo a thoirt thugaibh! Seo agaibh criomagan de thachartasan beò, farpaisean, agallamhan, criomagan spòrsail is eile a bha a’ dol seachdain a’ Mhòid!

    https://www.youtube.com/user/feiseannangaidheal/videos

    Back to ACG News List

    Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid beò air Facebook!

    Published: 29 Jan 2020

    ​Deagh naidheachd! Bidh òraid chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, air a lìbhrigeadh leis An Dr Alasdair MacIlleBhàin, ri fhaotainn beò air duilleag Facebook a’ Chomuinn Ghàidhealaich an ath oidhche bho 7f!

    Back to ACG News List

    Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid - Diardaoin seo

    Published: 27 Jan 2020

    ​Feuch gun tig sibh chun Òraid mar chuimhneachan air Iain MacLeòid, air a lìbrigreadh leis an Dr Alasdair MacIlleBhàin, ann an Dùn Èideann, Diardaoin 30mh Faoilleach.

    Back to ACG News List

    Cèilidh san Òbain!

    Published: 24 Jan 2020

    ​Thèid Cèilidh a chumail le Comunn Gàidhealach an Òbain air an 1mh den Ghearran - nach tig sibh ann!

    Back to ACG News List

    Brot is Mìlsean an Inbhir Nis

    Published: 15 Jan 2020

    Bidh an ath Brot agus Milsean ann DISATHAIRNE 25 AM FAOILLEACH 2020 aig Tallaichean an t-Sean Ard Eaglais, Sraid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis.

    Tha sinn an dochas gum bi sibh ann.

    Back to ACG News List

    Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid

    Published: 10 Jan 2020

    Bidh an dàrna òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain MacLeòid a’ gabhail àite, Diardaoin an 30mh den Fhaoilleach2020. Thèid an tachartas, a tha ga chuir air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, le taic bho Roinn Cheilteis agus Eòlas na h-Alba de dh’ Oilthigh Dhùn Èideann, a chumail ann an Seòmar a’ Phròiseact, 50 Ceàrnag Sheòrais, Oithigh Dhùn Èideann, EH8 9LH eadar 19.00-21.30f.

    Mar dhòigh air aithne agus luaidh a dhèanamh air cho mòr ‘s a bha Iain a’ brosnachadh na h-òigridh ann an coimheasrnachd na Gàidhlig, ‘s e an Dr Alasdair MacIlleBhàin, Tosgaire na Gàidhlig 2019 a bhios a’ lìbhrigeadh na h-òraid.

    Bithear a’ cruinneachadh anns an Oilthigh far an robh an t-Ollamh Uilleam J MacBhatar stèidhichte fad còrr is 20 bliadhna. Tha e gu tur iomchaidh gur ann gu sònraichte air “fèin-aithne is fèin-mheas nan Gaidheal” a bhios òraid 2020 ag amas. Tha cuspair na h-òraid a’ toirt cothrom do dh’ Alasdair an t-èolas sgoilearach mionaideach aige fhèin, fhighe an luib cuspair na bliadhna-sa. Tha ainmean-àite a’ toirt taic a thaobh ar fèin-aithne a thuigsinn; gu dearbha, ‘s e prìomh-eòlaiche air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba a th’ ann an Alasdair.

    Tha ceithir fichead bliadhna ‘s a ceithir deug air a dhol seachad bho chaidh Ainmean-àite Ceilteach na h-Alba fhoillseachadh an toiseach. Cha mhòr ceud bliadhna an dèidh sin, bidh sinn a’ cruinneachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann, a dh’ èisteachd ri òraid air an dearbh chuspair, le eòlaiche ùr, òg, a tha agamas air tuigse agus ionnsachadh a bharrachd a thoirt dhuinn mu ar fèin-aithne. Chan eil teagamh nach biodh an t-Ollamh MacBhatar air a dhòigh.

    Thuirt An Dr Alasdair MacIlleBhàin: Tha e na urram mhòr dhomhsa Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a thoirt seachad am-bliadhna. ’S ann aig Mòdan a chuir mise aithne air Iain an toiseach agus cuimhne agam air mar eisimpleir a sheas còraichean na Gàidhlig agus a bhrosnaich fèin-aithne nan Gàidheal. Tha linn a’ chruinneachais air luach ann an dùthchas a lùghdachadh ach tha cothroman na lùib. Faodaidh sinne a-nis a bhith air tùs iomairte a chuireas nuadhas gu feum ann a bhith ag àrdachadh agus ag adhartachadh nithean ionadach agus an dualchais bheairtich againn fèin, mar a rinn Iain.

    Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: Bidh fiughair oirnn fàilte a chur air an Dotair Alasdair MacIlle Bhàin airson an dàrna h-Òraid Chuimhneachaidh air Iain MacLeòid a’ lìbhrigeadh. ‘S e duine òg a tha seo a tha mar-thà air mòran soirbheachais a chur as a dhèidh a thaobh a chuid dealais dha foillseachadh na Gàidhlig is a cultar, eadar Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhuannachadh aig Mòd Dhùn Omhain ann an 2006; Ceum Oil-thighe le Àrd-Urram ann an Gàidhlig, agus Dotaireachd a’ leantainn sin; agus duais Tosgaire na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba am bliadhna. Agus tha Alasdair air a bhith a’ seinn, mar bu dual dha ball de theaghlach cliùiteach ciùil as a Mhorbhairne.”

    Thuirt an t-Ollamh Rob Dunbar bho Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha sinn cho toilichte ris an darna Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid. Bha Iain na neach-iomairt dealasach agus treibhdhireach as leth na cànain, agus chuir e gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig, an dà chuid gu nàiseanta agus an-seo ann an Dùn Èideann. Bidh e na adhbhar toileachais dhuinn fàilte dhan Oilthigh a chur air an Dr. Alasdair MacIllebhàin. Chaidh duais Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh air Alasdair le Riaghaltas na h-Alba aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu anns an Dàmhair. Tha an dealas aige a thaobh leasachadh cànain agus cultar nan Gàidheal a’ fàgail gur e taghadh air leth freagarrach a th’ ann mar òraidiche”.

    Back to ACG News List

    Cèilidh an t-Seann Bhliadhn' Ùir, an Òbain

    Published: 09 Jan 2020

    ​​Bidh Cèilidh an t-Seann Bhliadhn’ Ùir aig Comunn Gàidhealach an Òbain a’ gabhail àite air Disathairne 11mh den Fhaoilleach 2020 bho 7.30f ann an Talla a’ Chlachair, Sràid Albany, An t-Òban.

    Back to ACG News List

    Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid

    Published: 19 Dec 2019

    ​Thèid Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid a chumail air Diardaoin 30 Faoilleach aig Oilthigh Dhùn Èideann.

    Back to ACG News List

    Ceilidh na Bliadhn' Ùire

    Published: 19 Dec 2019

    ​Cèilidh na Bliadhn’ Ùire, Disathairne 11 Faoilleach, Inbhir Nis.

    Airson ticeadan, bruthaibh an seo.

    Back to ACG News List

    A' Cuimhneachadh Ian McCrorie MBE

    Published: 19 Dec 2019

    Ian McCrorie MBE

    Back to ACG News List

    Brot is Mìlsean an Inbhir Nis

    Published: 11 Dec 2019

    ​Brot is Mìlsean, Disathairne seo tighinn, Inbhirnis!

    Back to ACG News List

    A' FASTADH: Àrd-Oifigear

    Published: 22 Nov 2019

    ​Tha sinn a’ sireadh Àrd-Oifigear.


    Modh tagraidh:

    Bu chòir do thagraidhean ann an cruth CV gnàthaichte agus litir na chois a’ togail air do sgilean is eòlas a tha buntainneach don dreuchd, a bhith a-staigh ro mheadhan-oidhche Diluain 16 Dùbhlachd (Seòladh gu h-ìosal).

    Tha Page Executive a’ gnìomhadh mar bhuidheann fastaidh a thaobh trusadh maireannach agus mar ghnothachas fastaidh a’ solarachadh luchd-obrach sealach. Is e Fastaiche Co-ionannachd Chothroman a th’ ann am Page Executive.

    Seòladh:

    Bill Guthrie

    Associate Partner

    Page Executive Scotland

    180 West George Street,

    Glasgow, G2 2NR

    T: +44 141 331 7964

    M: +44 790 021 4954

    E: billguthrie@pageexecutive.com

    W: www.pageexecutive.com

    Back to ACG News List

    An Comunn Gàidhealach a’ gabhail beannachd le Iain Moireasdan

    Published: 22 Nov 2019

    ​Tha an Comunn Gàidhealach an diugh air a’ nochdadh gum bheil Ceannard na buidhne Iain Moireasdan gu bhith a’ dol air chluaineas deireadh a’ Mhàrt 2020, nuair a bhios e air faisg air 12 bliadhna a thoirt air ceann na buidhne.

    Thuirt Iain Moireasdan, “’S e urram a th’air a bhith ann cur ri foillseachadh agus cor na Gàidhlig tron Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus lìonradh de Mhòdan Ionadail thar nam bliadhnaichean. Ghabh mise thairis san dreuchd seo ann an 2008 agus tha mi air a bhith da-rìribh fortanach agus air leth toilichte a bhith ag obair le fìor dhaoine gasta agus thaiceil, eadar an sgioba luchd-obrach, Buill a’ Bhuird-stiùiridh, agus Buill a’ Chomuinn. Tha mi moiteil gum bheil sinn air a’ bhuidheann ath-shuidheachadh thar nam bliadhnaichean bho thòisich mi, agus air a cuid structuran a chur air bonn-steidh nas seasmhaiche. Chan eil sinn fhathast air taic maoineachaidh phoblach tearainte a ghleidheadh dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh chuirm bhliadhnail an t-saoghail a thaobh na Gàidhlig, agus bidh an dùbhlan sin a’ leantainn fo stiùir Cheannard ùr. Cumaidh mise a h-uile taic as urrainn dhomh ris an neach sin

    Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich Ailean Caimbeul, “Tha mise agus buill a Bhùird-stiùiridh uile gu mòr an comainn Iain airson a chuid saothrach phroifeasanta thar faisg air dà bhliadhna dheug aig stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus airson gach leasachadh ionmholta a thug e air cor agus rianachd na buidhne thar an ùine sin. Gun teagamh sam bith tha Iain a’ fàgail chùisean ann am fìor dheagh òrdugh dha cuideigin ùr a ghabhas uallach a’ Cheannaird. Tha e air a bhith na mhòr-thlachd dhòmhsa a bhith ag obair cuide ri Iain thar nam bliadhnaichean, an dà chuid mar bhall den Bhòrd agus bho 2017 mar Cheann-suidhe. Bidh sinn a guidhe cluaineas fada sona dha Iain, nuair a gheibh e air falbh!”

    Thèid dreuchd Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich a shanasachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu: An Comunn Gàidhealach, 01463 709705.

    Back to ACG News List

    Geallan-dùbhlain

    Published: 15 Jul 2019

    ​Meala naidheachd air a h-uile duine a fhuair duaisean aig a Mhòd. Chuimhnichibh gun till sibh iad air ais gu Oifis Inbhir Nis no Steòrnabhagh ron 31mh Iuchar. Bi cìs £30 a dol air daoine nach till iad ron an cheann là seo.

    geallan-dùbhlain
    geallan-dùbhlain

    Back to ACG News List

    Returning Trophies

    Published: 15 Jul 2019

    ​​Cuimhnichibh gu feum sibh geall-dùbhlain sam bith a th’ agaibh a thilleadh thugainn ro dheireadh na mìos seo. Faodar an tilleadh gu oifisean a’ Chomuinn ann an Inbhir Nis neo Steòrnabhagh, neo am fàgail ann am bùth Comhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu.

    geallan-dùbhlain
    geallan-dùbhlain

    Back to ACG News List

    Oifeagar Leasachaidh Neach-Ceumnaiche

    Published: 08 Jul 2019

    Tha cothrom air leth againn airson neach-ceumnachaidh airson obair 12 mìosan airson na siostaman ùrachadh gus an dèanamh nas èifeachdaich, agus siostam margaidheachd air-loidhne a leasachadh gus barrachd dhaoine a thàladh agus ballrachd a leudachadh.

    Bidh an obair stèidhichte ann an oifis Steòrnabhagh no Inbhir Nis, a-rèir suidheachadh pearsanta an neach-ceumnaiche.

    Turasdal: £24,799 gach bliadhna.

    Airson tuilleadh fiosrachaidh: https://tinyurl.com/y2k6co3m

    Back to ACG News List

    Ceann-latha Ùr Airson Cur a-Steach Airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019

    Published: 02 Jul 2019

    Tha cothrom aig daoine a chur a-steach airson Mòd na bliadhna-sa suas gu deireadh an latha air 5 Iuchair 2019.

    https://enter.ancomunn.co.uk/

    Back to ACG News List

    Atharrachaidhean airson Mod 2019

    Published: 13 May 2019

    Chìthear atharrachaidhean ri Earrainnean na bliadhna seo gu h-ìosal.Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu Màiri NicLeòid aig mairi@ancomunn.co.uk

    Back to ACG News List

    Stiùiriche Ur

    Published: 20 Feb 2019

    ​A’ leanntainn a Choinneamh Bhliadhnail againn an Talla a’Bhaile an Inbhir Nis tha sinn toilichte gu bheil Eilidh NicIain, à Uibhist aTuath, air a thighinn air Bòrd-stiùridh a’ Chomuinn.

    Tha Eilidh air a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig fad a beatha, a mhòr chuid den tìde aig Bòrd Na Gàidhlig, gus na thill i a dh’Uibhist a Tuath far a bheil i a-nis ag obair aig Comhairle nan Eilean Siar.

    Tha sinn air leth toilichte gu bheil Eilidh a’ toirt a cuid sgilean agus mòran eòlas chun Bhòrd-stiùiridh againn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla rithe san àm ri teachd.

    Back to ACG News List

    Brot is Mìlsean an Inbhir Nis

    Published: 07 Nov 2018

    Back to ACG News List

    Cuairt-litir Dàmhair

    Published: 02 Nov 2018

    Bheir sùil air a’ chuairt-litir againn airson fiosrachadh & dealbhan bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus naidheachdan bho saoghal na Gàidhlig…

    Back to ACG News List

    Còisirean Sgìreil

    Published: 24 Oct 2018

    ​Tha sinn air leth thoilichte innse dhuibh gun deach Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh gu Còisir Ghàidhlig Shruighlea agus gun deach Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn gu Còisir Ghàidhlig Lodainn. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

    Gheibhear dealbhan bho Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo air làrach-lìn Graham Hood.

    Back to ACG News List

    Còisirean Dùthchail 2018

    Published: 24 Oct 2018

    Tha sinn toilichte innse gur e Còisir Ghàidhlig Mhealabhaich a choisinn Sgiath Latharna am bliadhna agus choisinn Bùrach Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul - meal an naidheachd oirbh uile!

    Gheibhear dealbhan de na còisirean dùthchail an seo: http://www.grahamhoodphotography.com/proofing/royal-national-mod-thursday-18th-october-2018/gallery​

    Back to ACG News List

    Buinn Òir an t-Seann Nòis 2018

    Published: 19 Oct 2018

    ‘S iad Steaphanaidh Chaimbeul agus Ciaran Iòsaph MacAonghais a bhuannaich Buinn Òir an t-Seann Nòis am bliadhna. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

    Gheibhear dealbhan bho farpaisean Diardaoin agus Dihaoine an seo:

    Diardaoin 18 Dàmhair - Thursday 18 October

    Dihaoine 19 Dàmhair - Friday 19 October

    Back to ACG News List

    Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna 2018

    Published: 18 Oct 2018

    Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna 2018

    À Dùn Bàrr bho thùs, tha Iseabail na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu a thug bliadhna sechad aig Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna. Bha ùidh aice riamh ann an cànanan ach cha b’ ann gus a’ bhliadhna mu dheireadh aice ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig a fhuair i an cothrom Gàidhlig a dhèanamh ‘son a’ chiad uair. Bhon uair sin tha Iseabail air obair ionmholta a dhèanamh, is i a-nis fileanta sa Ghàidhlig is air leth dealasach mun chànan anns a h-uile dòigh.

    Back to ACG News List

    Luchd-buannachaidh Buinn Òir a' Chommuinn 2018

    Published: 18 Oct 2018

    Ruairidh Cormack, Port Rìgh agus Ceitidh Chaimbeul, Inbhir Nis, luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2018, . Mealaibh bh’ ur naidheachd!

    Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson dealbhan bho farpaisean Diciadain:

    http://www.grahamhoodphotography.com/proofing/royal-national-mod-2018-wednesday-17th-october?fbclid=IwAR0luncedcKU-d4rYSFL54dF_GLSfezyTREEDfr9iiIgp1eS3gIXaDARX-Q

    Back to ACG News List

    An Aigeallan Airgid 2018

    Published: 18 Oct 2018

    Eileen Duncan, Tunga agus Mikie MacEanraig, Keiss, luchd-buannachadh An Aigeallan Argid 2018. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

    Back to ACG News List

    Dealbhan a' Mhòid

    Published: 17 Oct 2018

    Bruthaibh air an ceangal seo airson dealbhan Mòd na bliadhna seo:

    www.grahamhoodphotography.com

    Back to ACG News List

    Comharran

    Published: 17 Oct 2018

    Cumaibh sùil air na comharran tron làrach-lìn againn.

    http://enter.ancomunn.co.uk/competitions/winners/event_id:7

    #Mòd2018 #YOYP2018

    Back to ACG News List

    Poileasaidh Prìobhaideach & Dìon Dàta

    Published: 25 May 2018

    Tha sinn air am Poileasaidh Prìobhaideach & Dìon Dàta againn atharrachadh. Gheibh sibh am poileasaidh an seo.

    Ma tha cèist sam bith agaibh a thaobh seo, cuiribh fios gu:

    Iain Moireasdan,
    Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich

    Taigh Bhaile an Athain,
    40 Sraid Hunndaidh,
    Inbhir Nis
    IV3 5HR

    Back to ACG News List

    A’ caoidh sàr Ghàidheal!

    Published: 05 Jan 2018

    Chaill sinn sàr Ghàidheal gu h-obann Diardaoin an 4 latha den Fhaoilleach agus ‘s e buile uamhasach a th’ ann am bàs Iain MhicLeòid aig 66 bliadhna a dh’aois, agus bi ionndrainn mhòr air a chuid dìchill agus dealas ann an saoghal na Gàidhlig.

    Ach ‘s ann dhan dlùth theaghlach a th’ air am fàgail a tha ar prìomh smaointinn agus co-fhaireachadh an toiseach is a bhanntrach Cairistiona, a mhac Calum, agus a nighean Màiri is a cèile Kevin, agus peathraichean Iain is an cuid theaghlaichean uile, a’ feuchainn ri cothachadh ris a chall dhuilich seo nam measg. Tha sinn a’ guidhe neart agus furtachd dhaibh.

    Bha Iain a’ cur taic ri leasachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna ach bho leig e dheth a dhreuchd ann am poileas Lodain is nan Crìochan ann an 2000 chaidh a chuid obrach às leth a’ chànain am meud gu mòr. Am measg iomadh iomairt eile bha Iain na Chathraiche air Comunn nam Pàrant, na bhall air bòrd Chomunn na Gàidhlig, na bhall air Bòrd na Gàidhlig, agus air bòrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich far an tug e cuideachd deich bliadhna mar Cheann-suidhe. Nuair a leig Iain sin dheth aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn toiseach 2017, thuirt e gun robh an dreuchd air a bhith na urram mhòr dha agus bha e moiteil gun robh “an Comunn a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

    Às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich bu mhath leamsa daingneachadh às ùr cho uasal ’s a tha sinne as na rinn Iain dhan bhuidheann seo agus dhan Ghàidhlig san fharsaingeachd, agus bha sinn air leth moiteil gun deach aithne phoblach a thoirt dha mòr-shaothair Iain nuair a bhuilich Sabhal Mòr Ostaig urram Sàr Ghàidheal air aig ceumnachadh bhliadhnail na colaiste san fhoghar 2017.

    Dhomh fhìn b’ e urram a bh’ ann eòlas fhaotainn air Iain thar faisg air còig bliadhna fichead, agus tha mi a’ guidhe sìth mhaireann dha ceatharnach!

    Tha sinn mothachail gum bi mòran airson fiosrachadh seirbheis tiodhlacaidh fhaotainn agus foillsichidh sinn sin cho luath sa gheibh sinn dearbhadh bhon teaghlach.

    Ailean Caimbeul

    Ceann-suidhe a Chomuinn Ghàidhealaich

    Tha mi gu mòr an comain an Àrd Ollamh Dòmhnall Meek airson cead nam faclan grinn seo a sgrìobh e nuair a chual’ e naidheachd bàis Iain fhoillseachadh an seo. Mar is àbhaist tha bàrdachd Dhòmhnaill a’ bruidhinn gu h-ealanta às ar leth uile.

    IAIN MACLEÒID
    Nach maireann

    Thàinig naidheachd sa mhadainn
    A thug bròn orm is smalan
    Gun do leagadh an gaisgeach MacLeòid.

    Mar chraobh chinnteach na daraich,
    Sheas e làidir is daingeann
    A’ toirt dùbhlan don ghaillinn ‘s e beò.

    Fo gheugan bha fasgadh
    Do gach neach a bha labhairt
    Ann an cànan nan Gàidheal mar an còir;

    Gu socrach ‘s gu gasda,
    Anns an sgoil is an dachaigh,
    Bheireadh Iain dhaibh taic agus treòir.

    Ann an sràid a’ phrìomh bhaile
    Bha a’ Ghàidhlig fo aire,
    ‘S e cur loinn agus mais’ air a seòl.

    Mar cheannard bha snas air,
    Gun àrdan, gun charachd,
    Ach gu h-iriosal, tapaidh na dhòigh.

    Gun fhiosda leagadh an darag
    Le buille tuaighe bha aithghearr,
    ‘S chaidh ar grian is ar latha fo sgòth.

    A Leòdaich uasail, a charaid,
    Tha do bhàs-sa gar crathadh,
    ‘S tha naidheachd na maidne gar leòn.

    Domhnall E Meek - 5.01.18


    Back to ACG News List

    Cuairt-litir Sultain

    Published: 29 Sep 2017

    ​Seo agaibh an ath iris den chuairt-litir againn:

    Cuairt-litir ACG Sultain 2017

    Back to ACG News List

    Bratach Albannach Ùr aig Taigh Bhaile an Athain

    Published: 14 Sep 2017

    ​Chaidh bratach Albannach a chur an àrd aig Taigh Bhaile an Athain airson ceanglaichean eachdraidheil is dualchas eadar An Comunn Gàidhealach agus Urras Nàiseanta na h-Alba a chomharrachadh.

    Back to ACG News List

    Tormod MacIlleathain

    Published: 01 Sep 2017

    ​‘S ann duilich a bha sinn nuair a chuala sinn an naidheachd gun do chaochail Tormod MacIlleathain, aig aois 80, air an 31mh den Lùnastal.

    ‘Be duine air leth tàlantach a bh’ ann an Tormod, air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig is fad is farsaing. Bha e ainmeil ann an comadaidh agus mar chleasaiche, seinneadair, neach-teagasg, bàrd, sgrìobhagair agus sàr-phìobaire. Bhiodh e cuideachd ainmeil airson a bhith a’ toirt taic agus misneachd dha òigridh agus dha luchd-ciùil thairis air na bliadhnaichean.

    Ann an 1967, choisinn e Bonn Òir a’ Chomuinn agus chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn- an aon duine a fhuair an dà dhuais seo anns an aon bhliadhna.

    Tha sinn a’ cuimhneachadh air a theaghlach agus a charaidean aig an àm duilich a tha seo.

    Tormod MacIlleathain
    Tormod MacIlleathain

    Back to ACG News List

    Còisir Gàidhlig an Iar Thuath a’ sireadh Buill Ùr

    Published: 01 Aug 2017

    ​Tha Còisir Gàidhlig an Iar Thuath a’ lorg fir agus sopranos airson an Còisir aca, airson pàirt a ghabhail ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

    “Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann am farpaisean a thèid a chumail anns a’ Ghearasdan air an 18mh den Dàmhair. Gheibhear taic le na facail / ceòl. Chan fheumar a bhi fileanta sa’ Ghàidhlig ach feumar a
    bhith dèidheil air a bhith seinn!


    “Bidh sinn a’ coinneachadh gach oidhche Dhiardaoin .

    “Ma tha ùidh agaibh, nach cuir sibh fios thugainn.”

    https://www.facebook.com/coisirghaidgliganiarthuath/

    Back to ACG News List

    Bùthan-obrach Comunn nan Còisirean

    Published: 24 May 2017

    ​Tha e na thlachd do Chomunn nan Còisirean innse gu bheilear a’ cumail dà bhùth-obrach gus sgilean stiùirichean còisirean Gàidhlig a leasachadh. Fhuairear taic-airgid airson nam bùthan-obrach bhon mhaoineachadh ‘Tasgadh’ aig Alba Chruthachail. Tha iad seo a’ leanntainn air dà bhùth-obrach a chaidh a chumail leis a’ Chomunn Ghàidhealach bho chionn trì bliadhna.

    Thuirt Dòmhnall MacLeòid, a tha na bhall de Chomunn nan Còisirean, “As dèidh dhuinn beagan rannsachaidh a dhèanamh, bha e follaiseach gun robh stiùirichean còisir a’ cur fàilte air trèanadh is taic bho stiùirichean aig a bheil sàr eòlas, airson an cuid sgilean a leasachadh. Tha fhios nach eil e furasta neo dha-rìreabh, comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a chumail a’ dol neo a stèidheachadh mura h-eil na goireasan is eile aca. Tro na bùthan-obrach seo ge-ta, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a’ dèanamh seo.”

    Tha na bùthan-obrach fosgailte do stiùiriche còisir sam bith ach gu h-àraidh ag amas air stiùiriche còisir òigridh aig a bheil ùidh agus miann còisir a leasachadh neo a chruthachadh as ùr. Thèid a’ chiad fhear a chumail anns an Ionad Spectrum ann an Inbhir Nis air an 24mh den Ògmhios bho 0930-1530, air a stiùireadh leis an neachd-ciùil agus stiùriche Còisir an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich. Thèid fear eile a chumail ann an Glaschu nas fhaide sa bhliadhna, air a stiùireadh le stiùiriche cliùteach Cèolraidh Ghàidhlig Ghlaschu, Coinneach MacThòmais, ‘s thèid fiosrachadh a sgaoileadh mun seo nas fhaisge air an àm. Cha bhi gach bùth-obrach a’ cosg ach £25.

    Thuirt Coinneach MacThòmais, a bhios a’ lìbhrigeadh a’ bhùth-obrach an Glaschu, “Tha mi fhìn air a bhith an sàs ann an còisirean Gàidhlig fad bhliadhnichean mòra ‘s tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cumail taic ris na stiùirichean agus a’ toirt seachad dhaibh beagan den t-eòlas a fhuair mi fhìn thairis air an àm sin. Aig a’ cheann thall, tha sinn airson ‘s gum tig àrdachadh air àireamhan de chòisirean Gàidhlig san fharsaingeachd ‘s gu dearbh, bhiodh e math dhà neo trì còisirean Gàidhlig eile fhaicinn stèidhichte air feadh na dùthcha.”

    Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a’ frithealadh nam bùthan-obrach seo, cuiribh fios gu Dòmhnall MacLeòid: donniemaroot@hotmail.co.uk, fòn. 07900 512 614.

    Back to ACG News List

    Tha Acadamaidh a’ Mhòid air an Rathad

    Published: 17 May 2017

    ​Tha Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach agus Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd Nàiseanta Loch Abar ag obair ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh air thoiseach air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an Loch Abar ann am meadhan na Dàmhair.

    Tha sgoiltean ann an sgìre Loch Abar an-dràsta a’ faighinn cothrom com-pàirt a ghabhail ann am Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid, far a bheil oidean Gàidhlig agus oidean ceòl traidiseanta a’ tadhal air sgoiltean anns an sgìre gus oideachadh cànain is ciùil a thoirt do sgoilearan.

    Bidh Acadamaidh a’ Mhòid a’ dèanamh cinnteach gu bheil aithne freagarrach air a thoirt do Ghàidhlig, òrain is bàrdachd Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta ann an sgoiltean, agus gum bi cothrom aig sgoilearan oideachadh fhaighinn anns na raointean seo. Bheir seo taic do dhaoine òga gus ullachadh airson a’ Mhòid.

    An-dràsta, tha 14 sgoiltean san sgìre air cothrom a ghabhail a bhith an lùib Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid. Tha am Pròiseact cuideachd a’ gabhail a-steach sreath de Thaisbeanaidhean Rathaid airson a’ Mhòid, agus Oifigearan bhon Chomunn Ghàidhealach a’ tadhal air sgoiltean gus aire a thogail mun Mhòd agus mu dhòighean san urrainn do sgoilearan com-pàirt a ghabhail anns na farpaisean is na tachartasan. Thathar an dòchas gum bi barrachd dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt sa Mhòd air sgàth seo.

    Thuirt Mgr Raghnall Camshron, Cathraiche na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, “Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chuir Meur Loch Abar – meur ionadail a’ Chomuinn – air dòigh oide gus sgoilearan anns na 3 bun-sgoiltean ionadail ullachadh airson Mòd Sgìre Loch Abar.

    “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach, air Fèisean nan Gàidheal a thoirt an lùib seo gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh airson oideachadh a sgaoileadh gu 14 sgoil thar na sgìre san fharsaingeachd agus sgoilearan ullachadh airson an dà Mhòd Ionadail agus airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. ’S e fìor dheagh naidheachd a tha seo agus bheir e spionnadh do bheartas cultarail is cànain a leanas airson iomadh bliadhna. Tha seo cuideachd a’ toirt fianais thràth air na buannachdan cultarail is eaconamach a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tabhann dhan sgìre.”

    Lean e air adhart, “Tha Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a’ com-pàirteachadh sheinneadairean is sheanachaidhean eòlach is cliùiteach bhon sgìre mu thimcheall, nam measg Joy Dunlop, Màiri Anna NicUalraig, Seònaid Chaimbeul agus Sìleas Nic na Ceàrdaich. Bu toil leinn an cothrom a ghabhail taing a thoirt dhan luchd-eagrachaidh, na h-oidean agus na Ceannardan-sgoile a tha an sàs sa phròiseact.”

    Thuirt a’ Bh-uas Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal, “Tha a bhith a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ dèanamh ceòl Gàidhlig, gu h-àraid ann an suidheachadh buidhne, na dheagh eisimpleir air na nithean as fheàrr mun Churraicealam airson Sàr-mhathais. Le bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach, tha cothrom air a bhith againn sgioba oidean air leth a chur air dòigh, agus is urrainn dhan phrògram a tha sinn air a chur ri chèile taic a thoirt do luchd-obrach agus brosnachadh a thoirt do chloinn – aig an aon àm a’ sealltainn dhaibh gu bheil e dha-rìribh comasach òrain Ghàidhlig ionnsachadh ge brith dè an t-eòlas a th’ agad roimhe air a’ chultar. Cuideachd, tha tòrr fealla-dhà na lùib!”

    Thuirt Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha Acadamaidh a’ Mhòid na dheagh eisimpleir air Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach, Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd 2017 agus Fèisean nan Gàidheal a bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus pròiseact innleachdach a lìbhrigeadh, a bheir buannachd dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail com-pàirt ann. Tha sinn taingeil airson na taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Maoin nam Pàtranach agus airson nan tabhartasan bho theaghlaichean Theàrlaich MhicColla nach maireann agus Sheòrais Mhic a’ Ghobhainn nach maireann.”

    Back to ACG News List

    Coinneamh Bhliadhnail Comunn Gàidhealach an Òbain

    Published: 11 May 2017

    ​​Bidh Coinneamh Bhliadhnail Comunn Gàidhealach an Òbain a’ gabhail àite air Dimàirt an 23mh den Chèitean aig 7.30f ann an Ionad Gàidhlig Furan, Tallaichean Chorrain, An t-Òban.

    Tha fàilte air daoine a tha nam buill a-cheana agus cuideachd air buill ùra.

    Back to ACG News List

    ​Tha An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr

    Published: 27 Mar 2017

    ​An dèidh 10 bliadhna mar Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealaich tha Iain Macleòid a’ leigeil dheth an dreuchd agus thathas a’ cur fàilte air Ailean Caimbeul na àite.

    ’S e Sgitheanach a th’ann an Ailean, a tha a’ fuireach an Inbhir Nis, agus a tha air a bhith an sàs ann an obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail o chionn iomadh bliadhna. Tha e air a bhith na stiùiriche air Bòrd-stiùiridh a’ Chomuinn o chionn ochd bliadhna.

    Chuir Iain Macleòid fàilte air an naidheachd, “Tha Ailean air cliù a chosnadh dha fhèin ann an coimhearsnachd na Gaidhlig agus bidh an eòlas a th’aige ann an craoladh agus ann an saoghal na Gàidhlig air leth feumail anns an dreuchd. Gu dearbh, tha Ailean glè aithnichte dhan mhòr shluaigh an lùib obair a’ Mhòid a’ lìbhrigeadh prìomh fharpaisean a’ Mhòid. Gu pearsanta, tha e air a bhith na urram mòr dhomh a bhith nam Cheann-suidhe agus tha cinnt agam gu bheil an dreuchd gu bhith aig fear a leasaicheas gu mòr obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid. Tha a’ bhuidheann a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

    As dèidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Loch Abar thuirt Ailean Caimbeul, “Bu mhath leam taing a thoirt do dh’ Iain Macleòid airson a shaothair thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha obair Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich gu bhith, dùbhlanach ach tlachdmhor. Ged a tha obair mhòr romham tha mi mothachail air na cothroman a tha an lùib na h-obrach.

    Tha na buidhnean-taic air an dàingeachadh agus tha e comasach dhuinn leasachadh a dheànamh air cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig thairis air na bliadhnachan tha romhain. Nì sinn ar dicheall airson cuir ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhi a’ brosnachadh obair a’ Chomuinn.”

    Tha an obair seo air leth cudromach ann a bhith a’ conaltradh eadar luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus na coimhearsnachdan a tha toirt taic dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

    Rinn Ailean Caimbeul moladh air an obair a bha Seònaid air a dhèanamh. “Tha Seònaid air a bhith na stiùir air cùl an tachartais agus tha dòigh nàdarrach agus sgilean sònraichte aice ri bhith dèiligeadh ri gach suidheachadh. Tha sinn fada an comain Seònaid airson an obair mhòr a rinn i agus tha sinn an dòchas gum bi i gar comhairleachadh anns na bliadhnachan ri teachd nuair a tha feum air an leithid a thaic.

    Ailean Caimbeul
    Ailean Caimbeul

    Back to ACG News List

    An Comunn Gàidhealach a’ Comharrachadh Tìodhlac bho Mhaoin ‘The Patron's Fund’

    Published: 14 Feb 2017

    ​Tha An Comunn Gàidhealach air tìodhlac £2,500 fhaighinn bho ‘The Patron’s Fund’, maoin carthannais a chaidh a chur air bhonn airson obair nam buidhnean carthannais air am a bheil a’ Bhànrigh na pàtran a chomharrachadh air a 90mh co-là-breith aice.

    Tha timcheall air £750,000 ri fhaotainn eadar faisg air 300 carthannas agus buidnean eile anns an Rìoghachd Aonaichte agus an Co-fhlaitheas. Fhuaira’ Mhaoin tabhartasan fialaidh bho grunn luchd-taic: gnothachasan; sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd.

    Bidh An Comunn Gàidhealach a’ toirt taic dha “Acadamaidh a’ Mhòid” leis an tìodhlac seo. Gheibh òigridh ann an Sgìre Loch Abar cothrom airson sgilean ciùil agus Gàidhlig ionnsachadh agus a leasachadh le oideachadh proifeiseanta ann an ceòl Gàidhlig, òrain Gàidhlig, bàrdachd agus aithris sgeulachd.

    A bharrachd air sgilean ùr ionnsachadh, togaidh Acadamaidh a’ Mhòid misneachd agus thathar an dòchas gum faic sinn barrachd clann a’ gabhail pàirt aig a’ Mhòd anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

    Gheibhear barrachd fiosraichadh air a’ Mhaoin, (Àireamh Catharannais: 1164171), aig: info@thepatronsfund.org.uk no air loidhne www.thepatronsfund.org.uk

    Back to ACG News List

    Foillseachan a' Chomuinn Ghàidhealaich rim faotainn air-loidhne

    Published: 06 Dec 2016

    ​Tha faisg air 300 foillseachan a’ Chomuinn Ghàidhealaich a-nis ann an Àite Didseatach an Leabharlann Nàiseanta aig http://digital.nls.uk/an-comunn-gaidhealach

    Tha an cruinneachadh seo, ann an Gàidhlig agus Beurla, a’ gabhail a-steach pàipearan-naidheachd, aithrisean bhliadhnail, leabhraichean foghlaim, prògraman agus litreachas eile co-cheangailte ris a’ Mhòd. Tha prògraman a’ Mhòid a-nis air-loidhne- nach toir sibh sùil agus ’s dòcha gum fainich sibh cudeigin!

    Tha An Deò-Grèine agus An Gàidheal cuideachd ann an seo ma tha ùidh agaibh ann an brosnachadh na Gàidhlig tron fhicheadamh lìnn. Anns an àm ri teachd, tha sinn an dùil ceòl bhon Mhòd a chuir dhan chruinneachadh.

    Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mun chruinneachadh seo, no ma tha foillseachah a’ Chomuinn Ghàidhealaich agaibh-sa bhiodh feumail na chruinneachadh, nach cuir sibh fios gu Jennifer Giles, (j.giles@nls.uk no cuiribh fòn gu 0131-623-3910)

    Back to ACG News List

    Clò a' Chomuinn Ghàidhealaich

    Published: 10 Oct 2016

    ​Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.Bha an clò air a dhealbh anns a’ mhuilinn ann an Siaboist, an Leòdhas a’ cleachdadh dathan a’ Chomuinn san dealbhadh. Bidh sinn a’ reic bathair a-chaidh a dhèanamh leis a’ chlò agus chithear e ann an cuid de na tallaichean aig a m a’ Mhòid.

    Bha companaidhean ionadail, Leòdhasach, By Rosie agus Rarebird a-measg an feadhann a rinn stuthan reic mar sporanan, pocanan airson maise-gnu is, ta idhean
    agus flasgaichean-pòcaid.

    Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

    “Tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.

    “Tha sinn toilichte a bhith a’ tilleadh gu na h-Eileanan an Iar airson Mòd na bliadhna-sa agus chan eil dòigh nas fheàrr airson seo a chomharrachadh na a bhith ag obair còmhla ri companaidh cho cliùiteach ri Harris
    Tweed Hebrides.”

    Thuirt Margaret Ann NicLeòid, Stiùiriche Leasachaidh Margaidheachd Harris Tweed Hebrides:

    “Tha ceangal làidir eadar cultar na Gàidhlig agus an Clò Hearach. Mar sin, tha e gu math na darrach gu bheil an Clò Mòr air a chomharrachadh an lùib tachartas mar Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tha a’ togail inbhe na Gàidhlig gu h-àiridh nuair a tha am Mòd a’ tilleadh dhan choimhearsnachd againn fhìn.”

    Back to ACG News List

    Cuairt-litir Sultain 2016

    Published: 04 Oct 2016

    ​Seo agaibh an ath iris den Chuairt-litir againn. Gheibhear tòrr fiosrachadh a thaobh Mòd nan Eilean Siar 2016 is eile!

    Cuairt-litir Sultain 2016

    Back to ACG News List

    Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

    Published: 26 Sep 2016

    ​A bheil seann phrògraman ceòl agaibh nach eil a dhìth oirbh? Ma tha, bhiodh Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba toilichte cluinntinn bhuaibh.

    Tha An Leabhar-lann a’ cuir prògraman a’ Mhòid a th’ aca air loidhne airson stòr dàta digiteach a chruthachadh. Tha seo a’ ciallachadh gum bi na cruinneachaidhean aca ri faotainn air loidhne agus cha leigibh sibh leas a dhol dhan Leabhar-lann fhèin airson am faicinn- goireas air leth san àm ri teachd.

    Ach, chan eil na prògraman gu lèir aca agus, mar sin– tha iad airson ur cuideachadh. ’S e seann phrògraman ro 1996 a tha dhìth gu h-àraid. Ma ’s urrainn dhuibh an cuideachadh, cuiribh fios gu Jennifer Giles air 0131-623-3910 no cuiribh post-d thuice air j.giles@nls.uk.

    Bidh bòrd aig Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba seachdainn a’ Mhòid mar phàirt de Thaisbeanadh a’ Mhòid agus bhiodh iad glè thoilichte ur coinneachadh an sin.

    Back to ACG News List

    Cuairt-litir ACG Màrt

    Published: 04 Apr 2016

    Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-muigh. Bruthaibh an seo airson a leughadh.

    Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu alison@ancomunn.co.uk

    Back to ACG News List

    Cuairt-litir ACG Faoilleach

    Published: 01 Feb 2016

    Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-muigh. Bruthaibh an seo airson a leughadh.

    Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

    Back to ACG News List

    Air a chur dheth - Suipear Burns Inbhir Nis

    Published: 26 Jan 2016

    Burns Supper – Saturday 30th January 2016

    Due to the low numbers that have expressed a wish to attend this event it has unfortunately had to be cancelled.

    We apologise for this and hope that those that had wished to attend are not too inconvenienced and that you are able to make alternative arrangements for this date.

    To the artistes and all that had prepared for the event a special apology.

    Marlene Yule

    Branch Secretary

    Back to ACG News List

    Bùth-obrach Salm

    Published: 12 Jan 2016

    ​Bùth-obrach an Dùn Èideann…

    Back to ACG News List

    Suipear Burns an Inbhir Nis

    Published: 12 Jan 2016

    Suipear Burns le ​Meur Inbhir Nis…

    Back to ACG News List

    Dannsa Oidhche Chalainn an Inbhir Nis

    Published: 01 Dec 2015

    Dannsa Oidhche Chalainn an Inbhir Nis…

    Back to ACG News List

    Cuairt-litir ACG Samhain

    Published: 01 Dec 2015

    Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-nis ri fhaighinn.

    Bruthaibh an seo airson iris Samhain 2015.

    Cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk ma tha sibh airson leth-bhreac den Chuairt-litir fhaighinn air post-d gach mìos.

    Back to ACG News List


    Proudly Sponsored By

    Highland Council

    Highland Council

    Highland Council Mòd 2021 Supporter

    Cal Mac

    Cal Mac

    Main Commercial Sponsor

    Bord na Gàidhlig

    Bord na Gàidhlig

    Sponsor

    Event Scotland

    Event Scotland

    Sponsor

    BBC Alba

    BBC Alba

    Sponsor

    Argyll and Bute Council

    Argyll and Bute Council

    Sponsor

    SQA

    SQA

    Sponsor

    Comhairle nan Eilean Siar

    Comhairle nan Eilean Siar

    Hosts of the 2016 National Mòd

    Scottish Government

    Scottish Government

    Sponsor

    Highlands and Islands Enterprise

    Highlands and Islands Enterprise

    Sponsor

    Glasgow City Council

    Glasgow City Council

    Sponsor

    CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD