Published: 23 May 2024
Ma ’s e neach-ciùil òg a th’ annad, ann an còmhlan-ciùil traidiseanta, nach gabh sibh pàirt ann an “Cogadh nan Còmhlan” 2024! ’S e cothrom air leth a tha seo do dhaoine òga, na sgilean ciùil aca a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar, ann am farpais beò le bhith a’ dol an-aghaidh còmhlain eile!
Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas, cothrom ceòl a chlàradh agus a mheasgachadh le companaidh proifeiseanta, le stiùireadh bho shàr-eòlaichean. Siuthad sibh!

« Back to Mòd News List