Naidheachdan

Atharrachadh ann an Clàr a' Mhòid

Published: 20 May 2015

Fhad ’s a tha ainmean thagraichean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015 a’ taomadh a-steach gach latha, tha buidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach trang ag ullachadh airson tachartas na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns an Òban airson an t-siathamh turas deug na eachdraidh. Ged a chaidh mòran de thagraidhean fhaighinn mu-thràth, tha dùil aig a’ Chomuinn Ghàidhealaich gun tig mòran fhathast a-steach eadar seo agus an ceann-latha de 1 Ògmhios 2015. Tha e fìor chudromach gum faighear tagraidhean crìochnaichte a-steach ann an deagh ùine.

Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ bheachd seo a bharrachd air a bhith ag ainmeachadh atharrachadh ann an clàr na farpais ainmeil Cuairt Dheireannach Bonn Òir a’ Chomuinn. “Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a-nis a chraoladh beò air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Thèid farpaisean ullachaidh airson Buinn Òir a’ Chomuinn a chumail, mar as àbhaist, tron latha Diciadain, agus thèid farpais ullachaidh an t-Seann Nòis a-nis air adhart tron latha Diardaoin. Thèid farpaisean ullachaidh an Aigeallain Airgid air adhart madainn Diciadain agus a’ Chuairt Dheireannach air adhart air an fheasgair.

Tha An Comunn Gàidhealach an dòchas gun cuir gach cuid na farpaisich agus an luchd-èisteachd fàilte air na h-atharrachaidhean sin. Chuireadh sinn fàilte air tagraidhean a bhith a’ tighinn a-steach ann an tìde agus tha e cudromach gun toir gach neach sùil air an làrach-lìn agus air na clàran gus am faigh iad dearbhadh air atharrachaidhean sam bith a chaidh an toirt a-steach am-bliadhna. Faodar tagraidhean a bhith air an cur a-steach air loidhne cuideachd.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Donnchadh Dòmhnallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh don Òban. “Tha a’ Chomataidh Ionadail a-nis a’ faicinn toradh an cuid oidhirpean thairis air an dà bhliadhna a dh’ fhalbh, agus tha sinne agus gach neach san Òban, a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cuir fàilte air sean is òg gu prìomh thachartas ann am mìosachan cultarail na h-Alba. Leis gur e seo “sgìre breith” a’ Mhòid, tha sin a’ ciallachadh gu bheil Mòd san Òban an-còmhnaidh sònraichte math. Leis gu bheil goireasan fìor mhath ann airson farpaisean is tachartasan eile tha am baile eòlach air dèiligeadh ri Mòd agus gheibh sibh faireachdainn den seo nuair a ruigeas sibh. Nì sinn ar dìcheall nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus am bi fìor chuimhne mhath agaibh air ur turas chun bhaile.”

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid cuideachd a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh don Òban, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh Taigheadas, Gàidhlig, Coimhearsnachd is Cultar air Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Robin Currie: “Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air leth toilichte a bhith a’ toirt taic don tachartas am-bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air mòran fharpaisich is luchd-tadhail don tachartas.”

Thèid Am Mòd Nìaseanta Rìoghail a chumail anns an Òban eadar 9-17 Dàmhair 2015. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail no Mòd an Òbain, feuch an tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modanobain2015.com.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD