Ar Cànan ’s Ar Ceòl

’S e An Comunn Gàidhealach am buidheann ’s sinne ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Àite-fuirich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026

Glasgow Convention Bureau Mòd 2026 Book Now Button

Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte co‑bhanntachd ainmeachadh le Glasgow Convention Bureau, buidheann àite‑fuirich oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026. Chaidh prìsean sònraichte aontachadh le mòran thaighean‑òsta air feadh a’ bhaile, le àiteachan freagarrach aig prìsean reusanta do chòisirean, farpaisich, luchd‑ciùil agus luchd‑èisteachd. Thèid àite‑fuirich a thoirt seachad mar a thig iarrtasan a-steach, is tha na prìsean sònraichte rim faighinn gu ruige 28mh Lùnastal 2026. Glèidheabh àite tràth gus am faigh sibh an taigh‑òsta a tha sibh ag iarraidh. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh is cothrom àite‑fuirich a ghlèidheadh aig an ceangal seo.

Thoiribh an aire ma thèid seòmraichean a ghlèidheadh dòigh sam bith eile chan fhaighear cothrom air na prìsean sònraichte an seo.

Ma tha sibh airson taic a thoirt dhan obair againn agus tabhartas a thoirt seachad, faodaidh sibh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.

Just Giving ACG

Future Royal National Mòd Dates

9 - 17 Dàmhair 2026 Glaschu
9 - 17 October 2026 Glasgow

8 - 16 Dàmhair 2027 Eileanan Siar
8 - 16 October 2027 Western Isles

Mòd Announcements

VIEW ALL ANNOUNCEMENTS

Local Mòd Announcements

  • Poolewe Local Mòd Meeting

    Bha coinneamh ann an talla bhalla Pholl Iù air Diluain 24mh Samhain mun Mhòd Ionadail a thilleadh ann 2026. Airson tuilleadh fiosrachaidh ...
  • New Local Mòd for Moray as Gaelic reach grows

    Bidh Mòd Ionadail Ùr ann am Moireibh, fo stiùir Buidheann Gàidhlig Mhoireibh agus An Comunn Gàidhealach. Bidh an tachartas ùr na àrd-ùrlar ...
VIEW ALL ANNOUNCEMENTS

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow