Eisteddfod 2012

Published: 28 Aug 2012

Chaidh aon de na Fèisean is ainmeil anns an t-saoghal, an Eisteddfod Nàiseanta, a chumail eadar an 4mh agus an 11mh den Lùnastal anns a’ Chuimrigh. Bha rudeigin ann a chòrdadh ris a h-uile duine – ceòl, dannsa, ealan, tachartasan teaghlaich agus mòran eile.

‘Se àite sònraichte a th’ anns a’ ‘Phàillean Phinc’ ann an sgìre na ‘Maes’, far am bidh na prìomh fharpaisean agus seirbheisean cultarail a’ gabhail àite. Tha ceudan de thachartasan eile a’ gabhail àite thairis air an t-seachdain air feadh na sgìre, le suas gu 300 bùird, tha mòran ri cheannach agus tha rudeigin ann dhan a h-uile duine.

‘B ann an 1892 a chaidh am Mòd Nàiseanta a stèidheachadh, as dèidh turas a rinn riochdairean bhon Chomunn

Gàidhealach don Eisteddfod. Tha an Eisteddfod uamhasach taiceil dhan Mhòd agus tha An Comunn taingeil airson an ceangal a tha eadar an dà bhuidheann.

‘B e Seumas Greumach agus Iain Moireasdan na riochdairean Albannach a bha an làthair aig an Eisteddfod am bliadhna agus abair gun deach fàilte chridheil a chur air an dithis aca fhad’s a bha iad ann. Thuirt Iain Moireasdan “Thairis air na 30 bliadhna chaidh seachad tha cànan na Cuimrigh air na h-aon duilgheadasan fhulang ‘s a tha a’ Ghàidhlig a’ fulang an dràsta. Fhuair iad seachad air na duiligheadasan sin agus tha iad ann an suideachadh an-diugh nach saoileadh iad o chionn ginealach air ais. Tha Cardiff mu 10 mìle air falbh bho far an deach Eisteddfod 2012 a chumail. Tha 24 Sgoiltean ann an Cardiff a’ teagasg tro-mheadhan na Cuimris. Tha mòran phàrantan ann a tha a’ cur an cuid chloinne do na sgoiltean seo, ged nach eil an cànan aca fhèin, ach tha iad a’ toirt taic dhan chànan mar seo.

Tha e misneachail gu bheil iad air a dhol bho suidheachadh làn mì-chinnt gu suideachadh cho fallain ri seo, agus tha e comasach dhuinn ann an Alba, an aon rud a choileanadh.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council