Mod Ghallaibh is Cataibh

Published: 13 Jun 2013

Chaidh Mod Iondadail na bliadhna seo a chumail anns am Blàran Odhar air Disathairne an 1mh den t-Ògmhios 2013.


Fhuair Mòd Ionadail Chataibh is Ghallaibh deagh latha. Thàinig iad as gach ceàrn de Chataibh is ceann a tuath Ghallaibh dhan Bhlàran Odhar. Bha an sgoil a’ cur thairis le daoine fad an latha.Tharraing farpaisean na cloinne mòran, cha robh suidheachan ri fhaighinn ann an talla na sgoile far an robh na farpaisean sin. Bha an sgoil air a sgeadachadh gu snasail leis a’ chloinn is na tidsearan. Chòrd seo gu mòr ri na bha làthair. Bha e gu math follaiseach cho soirbheachail is a tha obair na Fèisean agus obair na Bun-sgoiltean Gàidhlig san sgìre.

Fhuair Rona Nic Leòid, Drochaid a’ bhanna, agus a bràthair Donnchadh prìomh dhuaisean na cloinne. ‘S e Bun-sgoil Mhealabhaich a bhuannaich duais nan còisirean òigridh agus chaidh Cupan Diùc is Bana-dhiùc Chataibh gu Còisir Ghàidhlig na Luirg.

Bha deagh chonsairt ann feasgar le Rona Lightfoot, Kathleen Boyle is Seumas Greumach, a’ toirt taic don chloinn a bhuannaich tron latha.Tha a’ chomataidh mothachail air an taic a tha iad a’ faighinn bho Roinn na Gàidhealtachd, bho Bhòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal is An Comunn Gàidhealach.


Gheibhear tuilleadh fiosrachadh bho:

Janette NicAoidh, Rùnaire a’ Mhòid, air 01641 541 275 no post-d gu janette.mackay@tiscali.co.uk


Croileagan Inbhir Theorsa


Comhlain Ghoillspidh


Rona NicLeoid


Erin Cook


Dealbhan le Jim A. Johnston

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council