Naidheachdan

​Clàradh a-nis fosgailte airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail® 2023 ann am Pàislig

Published: 02 Feb 2023

Tha an siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a-nis fosgailte, tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh. Tha cothrom aig farpaisich a tha airson com-pàirt a
ghabhail ann an tachartas 2023, a tha a’ gabhail àite eadar 13-21 Dàmhair 2023 ann am Pàislig, air an innteartan a chur a-steach suas gu meadhan-oidhche air Diciadain 31 Cèitean 2023.

Chì 2023 prìomh thachartas ciùil is cultair saoghal nan Gàidheal a bhios a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a’ tilleadh a Phàislig airson an dàrna turas. Chaidh an tachartas a chumail mu dheireadh sa bhaile o chionn deich bliadhna ann an 2013 agus dhearbh e an uair sin a bhith na àite air an robh fìor mheas am measg chom-pàirtichean agus luchd-èisteachd.

Chunnaic tachartas 2022 na bliadhna an-uiridh a chaidh a chumail ann am Peairt, Mòd làn-sgèile a’ tilleadh an dèidh dà bhliadhna de throimh-chèile, le tachartasan gan cumail air-loidhne agus ann an
cruth tar-chinealach ann an 2020 agus 2021. Bidh Pàislig airson togail air a dhìleab shoirbheachail bhon tachartas ann an 2013, le bhith a’ lìbhrigeadh Mòd air leth eile a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ bhaile agus air a’ chànan san sgìre. Tha dualchas cultarach saidhbhir san sgìre de dhaoine le Gàidhlig a ghluais a Phàislig aig deireadh na 18mh linn agus tràth san 19mh linn a dh’obair ann an gnìomhachas nam muilnean snàith nuair a bha an gnìomhachas soirbheachail.

Am measg na làn liosta de fharpaisean a bhios a’ gabhail àite, bidh roinnean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach a lorgar ann an clàran-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus faodar innteartan a chur a-steach aig Innteartan

Tha an eileamaid air-loidhne a’ fuireach na dhòigh air a bheil meas leothasan a tha airson pàirt a ghabhail san tachartas air astar, a’ ceadachadh do fharpaisich an gnìomhaidhean a chur a-steach, a chlàradh agus a luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Thèid na farpaisean is gnìomhaidhean air-loidhne a mhòr-thaisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Am-bliadhna, chithear an fharpais chliùiteach Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh. Bhuannaich BowReel, an duais an-uiridh airson seisean clàraidh sa Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Taobh a-muigh a’ chlàr-obraich, bidh fàilte air ais ga chur air an fharpais fhèillmhor TikTok agus tachartas Sruth ann am prògram 2023. Is e tachartas a th’ ann an Sruth a tha ag amas air barrachd còmhraidh nàdarra a bhrosnachadh am measg dhaoine òga agus ’s e cothrom air leth a th’ ann airson coinneachadh agus còmhradh le cuid de na h-aodainn as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu deidhinn nan tachartasan ùra sin aig www.ancomunn.co.uk.

Ann an clàr-obrach nan inbheach, bithear a’ cur fàilte air ais air na farpaisean as ùire mar farpais chòisirean le taic-ciùil a tha ag amas air buidhnean a bhios a’ seinn ann an co-sheirm sa bheil eadar còig agus deich seinneadairean, agus an fharpais ùr aon-neach Farpais CalMac, a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach.

Ann an tachartas 2023, chithear cuideachd an fharpais ealain fìor shoirbheachail a’ tilleadh, air a co-òrdanachadh le Comunn Gàidhealach Lunnainn a bhios a’ cur mòr-thaic ri obraichean chruthachail
bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Gheibh an taisbeanadh aoigheachd sa Briggait, Glaschu ann an co-bhonn ri WASPS, carthannas a tha a’ solarachadh stiuidiothan aig prìs reusanta do luchd-ealain air feadh Alba agus bidh taisbeanadh sònraichte ga fhaicinn bho bhuannaiche na bliadhna an-uiridh, David Page à Muile.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A Chomunn Gidhealach: “Tha mi gu mòr a’ moladh do neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh, dìreach sin a dhèanamh agus an innteart a chur a-steach. Gach bliadhna, tha sinn a’ faicinn a leithid de raon de thàlant am follais agus cha bhi Pàislig 2023 diofraichte. Faodaidh iadsan a tha airson pàirt a ghabhail air astar tagradh a chur a-steach air-loidhne, ga dhèanamh fosgailte do na h-uile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris na th’ ann de thàlant iongantach fhaicinn uile aig tachartas na bliadhna seo.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Àrd-Oifigear, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail uair eile, a tha ga chumail ann am Pàislig 2023. Tha a’ bhuaidh a tha e a’ toirt air meudachadh ann an cleachdadh is adhartachadh na Gàidhlig thar luaich, agus tha a bhuaidh eaconamach gu cunbhalach a’ taisbeanadh cho cudromach ’s a tha Gàidhlig ann an eaconamaidh na h-Alba.”

Thuirt Lorraine Chamshroin, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air farpaisich agus luchd-tadhail chun na sgìre nuair a thilleas am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Phàislig am-bliadhna, deich bliadhna on a bha e air aoigheachd roimhe sa bhaile.

“Tha ullachadh airson Mòd Phàislig gu mòr fo sheòl gus an inbhe as àirde de chultar is dualchas na Gàidhlig a chomharrachadh.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA agus SQA.

Bidh Mòd na bliadhna-sa a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Airson làn fhiosrachadh mun t-siostam inntrigidh air-loidhne agus clàran-obrach a’ Mhòid 2023, tadhailibh air
ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus a thaobh pìosan ainmichte a’ Mhòid 2023, tadhailibh air ancomunn.co.uk/store .

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach aig info@ancomunn.co.uk no fòn: 01851 703487.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council