Check the progress of your entry
LOG IN HERE
Gheibh sibh dealbhan bho Mòd 2019 an seo
‘S e An Comunn Gàidhealach am buidhean ‘s sinne ‘s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànan agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig.
Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Tha An Comunn Gàidhealach na bhuidheann le inbhe carthannais a tha ag amas air taic agus leasachadh a thoirt dhan chànan, dha eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig. Bidh sinn a’ cur air dòigh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus a’ toirt taic dha Mòdan Ionadail air feadh na dùthcha. Ma tha sibhse airson taic a thoirt dhan obair againn agus tabhartas a thoirt seachad, faodaidh sibh sin a dhèanamh an seo.
Thèid an treas òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain Macleòid a chumail air Diardaoin an 28mh den Fhaoilleach 2021. ‘S e Pàdruig Moireasdan, a bhios a’ lìbhrigeadh na h-òraid. ‘S ann air “Tìr nan Gàidheal? A’ beachdachadh air òigridh agus na h-eileannan anns an àm ri teachd” a bhios an òraid aig Pàdruig.
Tha an tachartas seo an-asgaidh agus thèid a chumail air loidhne tro Zoom.
Feuch gun tig sibh còmhla rinn, tha oidhche thlachdmhor, inntinneach gar feitheamh!
Bu mhath leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig, CalMac, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd airson an cuid taic.
Gheibhear air clàradh an seo AN-ASGAIDH: Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid Tickets, Thu, Jan 28, 2021 at 7:00 PM | Eventbrite
9-17 Dàmhair 2020- Inbhir Nis