Naidheachdan

Iomain Cholmcille a’ còmharrachadh deich bliadhna de shoirbheachas aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Published: 09 Jun 2017

​Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan am–bliadhna-sa, a’ còmharrachadh deich bliadhna mar thachartas cho soirbheachail a tha ann ann an saoghal spòrs na Gàidhlig ann an Alba. Thèid an fharpais a chumail air an 14mh den Dàmhair an lùib Mòd Loch Abair 2017

Feumaidh Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair air a’ phàirc agus feumaidh i a bhith ga cleachdadh air a’ phàirc cuideachd. Is e seo a a’ chaid uair a chaidh an fharpais a chumail mar phàirt den Mhòd na eachdraidh fhada shoirbheachail.

Chaidh Iomain Cholmcille a ruith airson a’ chiad uair anns an Òban mar phàirt de Fhèill Chaluim Chille air an deicheamh latha den Ògmhios 2007. On uairsin, tha e air a bhith ga cumail ann an Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Tha i air leudachadh o aon gheam eadar Alba agus Cumann Micheal Breathnach gu bhith a’ toirt a-staigh sgiobaidhean eile, Fir Uladh o Cheann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Tha co-fharpais ann a-nise cuideachd eadar na boireannaich às an dà dhùthaich, le Còrn Sgàthaich ga cluich gach bliadhna.

Am –bliadhna-sa, bidh co-fharpais òigridh ann do dh’òigridh Loch Abair far am bi iad ag ionnsachadh beagan Gàidhlig tro bhith a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Ionnsaichidh iad mu dheidhinn na sgilean a tha an-sàs ann an iomaniocht cuideachd le coidseadh mus faigh iad cothrom geam eadar an dà sgioba Èireannach a choimhead air An Àird anns a’ mhadainn.

Thuirt Eòghan Stiùbhart a tha air a bhtih na cho-ordanaiche Albannach on a thòisich an tachartas o chionn deich bliadhnaichean “Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan aig an aon àm ri Mòd Loch Abair. Tha e a’ suidheachadh an tachartais iongantaich a tha seo aig cridhe cultarach na Gàidhlig agus ’s e cothrom air leth a th’ ann a bthih ag ionnsachadh o chèile an dà chuid mu chànan agus mu spòrs”

“Tha mòran rudan brosnachail a’ tachairt thall ann an Èirinn an-dràsta a thaobh strì airson còraichean cànain agus tha sinn an dòchas gun tog muinntir na h-Alba spionnadh o ar n-aoighean Èireannach. Is iomadh neach òg a bhrosnaich sinn gus Gàidhlig a bhruidhinn a-rithist le Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn a dhol o neart gu neart.”

Chuir Seumas Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, fàilte chridheil air a’ chompairteachas “Tha An Comunn Gàidhealach air ar dòigh a bhith a’ cumail na farpaise eadar-naiseanta iomain airson Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. Chan eil àrd-urlar nas fhèarr ann airson na farpaise na am Mòd Nàsieanta Rìoghail, an fhèis as motha airson Ealain Ghàidhlig ann an Alba. Cuideachd, tha e glè fhreagarrach gu bheil an fharpais a’ tachairt ann an Loch Abar, sgìre le dualchas iomain làidir. Tha an fharpais cudromach gu cultural dhan dà chànan, Gàidhlig agus Gaeilige, le bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar na coimhearsnachdan Gàidhealach anns gach dùthaich.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail farpais a h-uile bliadhna airson iomain co-dhiù, agus cha tèid dearmad a dhèanamh air sin. Thèid Cùpa a’ Mhòid do sgiobaidhean ionadail a chumail cuideachd air an aon latha aig àite eile anns an sgìre. Uile gu lèir, ’s e fèis iomain air leth thar Loch abair a bhios ann.

Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid o Cholmcille, compairteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Èirinn is Alba a leudachadh is a neartachadh.

Bidh Iomain Cholmcille ag obair ann an compairteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair air a’ phròiseact seo còmhla ri Sgioba Iomain a’ Ghearasdain cuideachd.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council