Naidheachdan

Cuirm Fasan Inbhir Nis

Published: 25 Sep 2012

An Comunn Gaidhealach

Mod Naiseanta Rioghail 2014 & Mod Ionadail Inbhir Nis

“Cuirm Fasan Foghair”

M & Co, Sraid Acadamaidh, Inbhir Nis

Diardaoin 4mh Damhair 2012





Tuilleadh Fiosrachadh bho:

Kathleen Nicleoid 01463 241340 / 07833950275

Murdina NicAoidh 01463 791361 / 07833666353

« Back to Mod News List

Club 400 - Sultain

Published: 21 Sep 2012

Seo an fheadhainn a bhuannaich duaisean an t-Sultain airson Club 400 Inbhir Nis - mealaibh ur naidheachd!

£250 - Aberfeldy and District Gaelic Choir

£100 - Floranne Reid, Rosemarkie

£50 - P.W.Harkness, Inverness

« Back to Mod News List

Post-d ur aig Comunn na Clarsaich

Published: 20 Sep 2012

Faicear gu h-iosal seoladh post-d ur aig Comunn na Clarsaich:

office@clarsachsociety.co.uk

Michelle Kelly, Rianadair

Comunn na Clàrsaich

Studio G43, Talla Out of the Blue Drill

36 Sraid Dalmeny, Dun Eideann

EH6 8RG

Fon - 0131 554 0212

« Back to Mod News List

Prògram 2012 ga ainmeachadh

Published: 17 Sep 2012


DÙN OMHAIN GU BHITH TOIRT AOIGHEACHD DON

109mh Mòd Nàiseanta Rìoghail

PRÒGRAM TACHARTAIS DHÙN OMHAIN GA AINMEACHADH

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan is dualchas na Gàidhlig, am-bliadhna a’ siubhal gu Dùn Omhain airson an t-seachdamh uair ann an eachdraidh 120 bliadhna. Bha e mu dheireadh sa bhaile seo ann an 2006. Tha an tachartas ochd-latha seo de cheòl, dhannsa, dhràma, ealain is litreachas na Gàidhlig, a bhios a’ ruith eadar Dihaoine 12 is Disathairne 20 Dàmhair, an dùil na mìltean de luchd com-pàirt is luchd-turais a thàladh don sgìre.

Fo stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a’ bhuidheann as sine agus as measail am measg nam buidhnean Gàidhlig air fad, is e fèis fharpaiseach a tha anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ tàladh dhannsairean, phìobairean, luchd-ciùil, sheinneadairean is fharpaisich eile bho choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail.

A-nis às dèidh 120 bliadhna bhon chiad Mòd, tha eachdraidh mhòr an cois a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus tha am Mòd air fàs gu bhith na fèis as cudromaich do chànan na Gàidhlig ann an Alba, gu tric a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig is farpaisich bho cho fad air falbh ri Astràilia, na SA agus Canada.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e seo an t-seachdamh uair a tha Dùn Omhain air aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha sinn uamhasach toilichte a bhith air ais ann an Dùn Omhain oir gheibh sinn fàilte mhòr bhon choimhearsnachd an seo. Seach gun tug iad aoigheachd o chionn ghoirid do Gheamannan Gàidhealach a’ Chòmhaill, tha muinntir Dhùn Omhain eòlach gu leòr air a bhith a’ dèiligeadh ri làn baile de dhannsairean, luchd-ciùil is phìobairean agus mar sin gheibh sinn làn aoigheachd fhad ’s a bhios sinn a’ tadhal an seo fad na seachdain.”
Bho chaidh a’ chiad cruinneachadh air adhart ann an 1892, tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air fàs gu bhith na an dàrna fèis as cudromaich a th’ ann an Alba, a’ faighinn barrachd taic na bha i a-riamh agus a tàladh luchd-turais bho cho fad às ri Astràilia, na SA agus Canada. Tha ceangal air a bhith eadar am Mòd agus an Teaghlach Rìoghail bho 1912, agus A’ Bhan-rìgh fhèin na Neach-taic don Chomuinn Ghàidhealaich a bhios a’ cur am Mòd air chois, agus bidh buill den Teaghlach Rìoghail gu tric a’ tadhal air an tachartas, nam measg Am Prionnsa Teàrlach, Diùc Baile Bhòid a thadhal air a’ Mhòd ann an 2010 nuair a thug Gallaibh aoigheachd don tachartas airson a’ chiad uair.

Ged is e tachartas farpaiseach gu mòr a tha sa Mhòd, tha buaidh mhòr aige aig ìre shòisealta. Le bhith a’ brosnachadh agus a’ comharrachadh cultair na Gàidhlig gu poblach air àrd-ùrlair eadar-nàiseanta, tha e a’ cuideachadh le bhith a’ toirt daoine is coimhearsnachdan – aig a bheil a’ Ghàidhlig agus aig nach eil – còmhla. Tha e a’ toirt adhbhar dha daoine is buidhnean tàlantach fa-leth na tàlantan aca a leasachadh aig ìre poblach.


Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt chothroman mòr dha daoine tro fharpaisean, eadar fileantaich agus iadsan a tha aig ìre nas tràithe ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain.

Bidh an fhèis a’ tòiseachadh air Dihaoine 12 Dàmhair le tachartas fosglaidh mòr ann an Talla na Ban-righinn tràth san àrd-fheasg

Mar as àbhaist bidh geama bliadhnail iomain ann Disathairne agus am-bliadhna is ann eadar Sgioba a’ Chaoil is Baile Bhòid a bhios an fharpais agus a bharrachd air an sin bidh farpais ball-coise eadar Dùn Omhain is baile aoigheachd Mòd 2013 - Pàislig. Thèid Cuirm nam Fìdhlearan cuideachd air adhart an oidhche sin ann an Talla na Ban-righinn anns am bi na ceudan de luchd-ciùil an sàs.

Thèid farpaisean na cloinne air adhart aig toiseach na seachdain agus bidh faisg air 1,650 leanabh bho air feadh na dùthcha an sàs annta, àireamh a tha co-chosmhail ris an turas mu dheireadh a bha am Mòd ann an Dùn Omhain. Cumar na cuairtean-ullachaidh airson Buinn Òr an t-Seann Nòs agus Buinn Òr a’ Chomuinn agus farpaisean Chlàrsach air Diciadain 17 Dàmhair agus bidh na cuairtean dheireannaich ann Diardaoin 18 Dàmhair. Tha àireamh luchd-farpais nam fir gu math fallain le barrachd fir a’ gabhail pàirt ann am farpaisean Buinn Òr a’ Chomuinn agus an t-Seann Nòis am-bliadhna. Thèid co-dhùnadh mu dhuaisean òir-mhiannach MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Mhàiread NicDhonnchaidh air Dihaoine 19 Dàmhair mus tèid a’ chuirm dheireannaich air adhart. Thig cùisean gu crìch aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2012 air Disathairne 20 Dàmhair nuair a chruinnicheas na mòr-chòisirean le caismeachd tro Dhùn Omhain le còmhlain pìoba ionadail aig an stiùir.
Air iomall a’ Mhòid, tha cothrom ann gach bliadhna dha Gàidheil agus Goill a bhith a’ cruinneachadh gus càirdeas ùrachadh neo eòlas fhaighinn air caraidean ùra. Am-bliadhna tha tachartasan a’ toirt a-steach cèilidhean ann an Taigh-òsta Ghleann Mhòraig, Taigh-òsta na Pàirc, Na Bràighean, Bar Ingram, Bar Sinbad is 51st State a bharrachd air cuirm airson a bhith a’ comharrachadh ceangal 120 bliadhna eadar Comann na Clàrsaich is Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, agus thèid seo air adhart oidhche Chiadain 17 Dàmhair le Buannaichean Buinn Òr Wilma NicUalraig is Seumas Greumach, agus clàrsairean Màiri is Calum Macleòid.


Thuirt stiùiriche Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Ruairidh McCuish: “Gach uair a bhios am Mòd ann an Earra-Ghàidheal tha sinn a’ faireachdainn gu bheil am Mòd a’ tighinn dhachaigh, oir tha uidhir den eachdraidh againn cho ceangailte ris a’ Mhòd.

“Is ann san Òban a bha a’ chiad tachartas a-riamh ann an 1892 agus a-nis tha aithne eadar-nàiseanta aig an tachartas agus tha e a’ tàladh luchd-leantainn bho air feadh an t-saoghail

“Tha buannachd eile an cois a’ Mhòd agus se sin an togail mòr a tha e a’ toirt don eaconomaidh agus do dhualachas na sgìre agus a’ tàladh foillseachadh mòr aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta, a’ cuideachadh le ìomhaigh a’ bhaile far am bi an tachartas a’ dol air adhart.
“Bidh a’ Chomataidh Ionadail, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus a’ choimhearsnachd ionadail gu math toilichte fàilte a chur air luchd-tadhail gu Mòd Dhùn Omhain an an 2012.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Àrd-oifigear Gnìomh aig EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta: ”Ann an 2012, Bliadhna Alba Chruthachail, tha sinn uamhasach toilichte taic a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist, a bhios a’ comharrachadh cànan na Gàidhlig is dualchas beartach na h-Alba. Tha Alba air-leth freagarrach airson tachartasan, agus bidh Dùn Omhain gu math freagarrach airson tachartas a tha ionmholta mar thachartas san dùthaich againn.”

A’ toirt an taic don Mhòd, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.


Airson làn-phrògram na Fèise agus mion-fhiosrachadh, tadhlaibh air ar làrach-lìn.


Am Mòd Nàiseanta Rìoghail – Clàr nan Tachartasan 2012


Ceann-là Tachartas Àite*
Dihaoine 12 Dàmh Tachartas Fosglaidh Talla na Ban-righinn
Disathairne 13 Dàmh Cuairt-dheireannach Cupa Iomain a’ Mhòid Stèideam Dhùn Omhain
Cuirm nam Fìdhlearan Talla na Ban-righinn
Pìobaireachd Bun-sgoil Cheàrn
Didòmhnaich 14 Dàmh Seirbheis a’ Mhòid Eaglais Naomh Eòin
Aoradh Ceilteach Talla na Ban-righinn
Diluain 15 Dàmh Cuirm na Cloinne Talla na Ban-righinn
Dimàirt 16 Dàmh Cuirm na Cloinne Talla na Ban-righinn
Diciadain 17 Dàmh Duaisean Litreachais Taigh-òsta na Pàirc
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir An Àrd-eaglais
Cuairt Dheireannaich an Aigeallain Airgid Talla na Ban-righinn
Cuairt Dheireannaich an Dràma Àrd-sgoil Dhùn Omhain
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir - Seann Nòs An Àrd-eaglais
Diardaoin 18 Dàmh Dannsa Gàidhealach Cidhe Mhic an t-Sealgair
Cuairt dheireannaich Bonn Òr a’ Chomuinn Talla na Ban-righinn
Cuairt dheireannaich a’ Bhuinn Òir – Seann Nòs Talla na Ban-righinn
Dihaoine 19 Dàmh MacShimidh is Thulaich Bhàrdainn Talla na Ban-righinn
Màiread NicDhonnchaidh Eaglais Naomh Eòin
A’ Chuirm Dheireannaich Talla na Ban-righinn
Disathairne 20 Dàmh Caismeachd Mòr-chòisirean is Chòmhlain Pìoba Gàrraidhean Earra-Ghàidheal


* faodaidh seo atharrachadh.

« Back to Mod News List

Ceilidh is Dannsa an Dun Omhain

Published: 17 Sep 2012

Tha comataidh ionadail Mod 2012 a’ cur air doigh ceilidh ann an Strachur air Dihaoine an 28mh den t-Sultain, leis an comhlan Trail West!

Bidh bus a’ fagail Dun Omhain aig 8f agus a’ tilleadh as deidh laimhe. Cosgaidh ticead airson an ceilidh agus am bus £10, no £7 airson direach ticead.

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh aig: www.dunoonmod2012.org

« Back to Mod News List

Measadh Gaidhlig

Published: 10 Sep 2012

Gheibhear cothrom measadh Gàidhlig a dhèanamh seachdain a Mhòid fhèin ann an Talla na Ban-rìghinn. Gus àite a ghlèidheadh, feumar fios a chur gu: info@ancomunn.co.uk no air an fòn: 01463 709 705, ro làimhe.

Gheibhear cothrom measadh a chur air dòigh seachdain a’ Mhòid fhèin le bhith a’ tadhail air Ionad fiosrachaidh a’ Mhòid, Talla na Ban-rìghinn agus iarraidh air luchd-obrach a’ Chomuinn.

« Back to Mod News List

Atharrachaidhean air C175

Published: 04 Sep 2012

The Music Committee have issued changes to the following Mòd 2012 competition pieces.

The changes are explained below and should be adhered to for these pieces. If you have any queries regarding these changes, please don’t hesitate to contact James Graham at james@ancomunn.co.uk or telephone 01463 709 705.

Details on changes to any other competitions can be viewed by clicking here.

C175 - Gheibh sinn ribinnean mora, mora

There should be a repeat mark at the end of the last bar in verse 4.

« Back to Mod News List

Fiosrachadh dha Farpaisich

Published: 04 Sep 2012

Dàil air Farpaiseach

Ma thachras gum bi dàil air farpaiseach ann a bhith a’ faighinn gu farpais sam bith aig an àm iomchaidh, feumaidh e/i fios a chur chun Àrd-stiùbhard no aon den luchd-taic aige/aice ann an àite na farpais gus am faighear fios mun dàil gu Cathraiche na farpais.

Stiùireadh dha Farpaisich

Chan fhaod farpaisich leabhar, làmh-sgrìobhainn, no leth-bhreac de cheòl a chleachdadh ann am farpais, ach a-mhàin ann am farpaisean ionnstramaid ciùil.

Bileagan Breithneachaidh

Gheibhear bileagan breithneachaidh airson gach farpais ann an Talla na Banrìgh air Disathairne 13 Dàmhair agus eadar Diluain 15 is Dihaoine 19 Dàmhair

Not: Bu chòir farspaisich feitheamh co-dhiù 2 uair a-thìde às deidh crìoch farpais mus tog iad bileagan breithneachaidh aig an deasc.

Ionad Fiosrachaidh Mòd 2012

Bidh Ionad Fiosrachaidh Mòd 2012 ann an Talla na Banrìgh agus bidh e fosgailte Disathairne 13 Dàmhair agus eadar Diluain 15 is Dihaoine 19 Dàmhair

Pìosan ainmichte Mòd 2013

Gheibhear Leabhran nam Pìosan Ainmichte airson Mòd 2013 aig an Ionad Fiosrachaidh ann an Talla na Banrìgh

Cuirmean Luchd-cosnaidh Dhuaisean

Dh’fhaodadh gun tèid iarraidh air luchd-cosnaidh a’ chiad duais ann am farpais nochdadh aig aon de na cuirmean oidhche.

Ma thèid, feumaidh iad nochdadh ann an Talla na Banrìgh aig 7.15f agus iad fhèin a dhèanamh aithnichte don luchd-eagrachaidh.

Bithear ag ainmeachadh seo aig na farpaisean tron latha.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council