Luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich

Obair Chothromach

Thathas a’ dearbhadh gu bheil An Comunn Gàidhealach a’ leantainn a’ phoileasaidh Obair Cothromach aig Riaghaltas na h-Alba tro ar n-obrach le bhith pàigheadh an Tuarastal Bìth-beò fìor. Thathas cuideachd a’ dearbhadh gum bi An Comunn Gàidhealach a’ toirt cothrom don luchd-obrach agus luchd-ùidhe fa-leth an guth aca a thogail ’s gu bheil sinn a’ cumail ris a’ Phoileasaidh Obair Chothromach anns an dòigh seo.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich

Peigi

’S i Peigi NicIllInnein Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich. Cheumnaich i aig Oilthigh na Gàidhealtachd is na h-Eileanan le ceum Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus i air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach o 1999. Tha Peigi na ball Bhòrd Stiùiridh Acair agus na Cathraiche air Fèis Eilean an Fhraoich.
Am measg prìomh dhleastanasan Peigi cumaidh i taic ri Bòrd Stiùiridh A’ Chomuinn, ag obair air buidseatan is cuspairean ionmhais agus rianachd a’ chompanaidh.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Manaidsear Oifis

Alison MacDonald

Thòisich Alison Dhòmhnallach a beatha-obrach aig a’ Chomunn Ghàidhealach mar oileanach air obair samhraidh ann an 2014. Thill i ann an 2015 às dèidh dhi ceumnachadh bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Eòlas Gàidhlig. Chuir i seachad na bliadhnaichean aig a’ Chomunn aice ann an oifis Inbhir Nis agus oifis Steòrnabhaigh, a’ toirt taic ri rianachd agus a’ cuideachadh le leasachadh air siostaman didseatach is na meadhanan sòisealta. Gus an t-eòlas seo a leudachadh, chaidh i gu Oilthigh Cailleannach Ghlaschu far an do choisinn i MSc ann am Margaideachd. Dh’obraich i ann an àitichean-margaidheachd air bhranndaichean biadh is deoch a tha cliùiteach ann an Alba is gu h-eadar-nàiseanta. An dèidh sin, ghabh i dreuchd aig MG ALBA mar Mhanaidsear Conaltraidh airson BBC ALBA, SpeakGaelic, LearnGaelic agus FilmG. Thill i gu An Comunn Gàidhealach ann an 2025 mar Mhanaidsear Oifis, le uallach airson obrachaidhean na h-oifise, rianachd, agus taic ionmhais is gnìomhach.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Manaidsear Tachartasan

Rowan NicPhàdraig

Thòisich Rowan aig An Comunn Gàidhealach ann an 2021 mar Oifigear Thachartasan & Conaltraidh Didseatach, a’ cur taic ri planadh is lìbhrigeadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus a’ neartachadh conaltradh na buidhne air loidhne. Cheumnaich i Sabhal Mòr Ostaig le ceum urramach ann an Gàidhlig & Leasachadh agus tha i air a bhith an sàs ann an iomairtean cànain is cultair tro dhreuchdan le Fèisean nan Gàidheal, Oilthigh Ghlaschu agus eile bhon uair sin. À Taigh an Uillt, agus tro bhith a’ frithealadh Mòdan on a bha i òg, thog i ceangal làidir ri tachartasan coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig.

Dh’fhàg i An Comunn ann an 2023 gus dreuchd a ghabhail mar Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA, far an do chuir i ri ìomhaigh na buidhne agus ri dàimhean luchd-ùidh, na meadhanan agus aig ìre phoilitigeach. Thill Rowan don Chomunn Gàidhealach ann an 2025 mar Mhanaidsear Tachartasan, a’ tarraing air an eòlas farsaing a th’ aice thar iomadh roinn agus air a dealas do dhualchas is cultar na Gàidhlig. Tha i stèidhichte ann am Pàislig.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Oifigear a’ Mhòid

Seonag

Bidh Seonag an sàs ann an obair rianachd A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus ’s ann oirre a tha uallach manaidsearachd iarrtasan farpaisich a’ Mhòid. Tha Seonag air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach fad deich bliadhna agus i an sàs ann an iomairtean Gàidhlig eile taobh a-muigh a h-obrach. Bidh i cuideachd a’ co-òrdanachadh rianachd ballrachd A’ Chomunn Ghàidhealaich agus ag ullachadh fiosrachadh airson ar làrach-lìn agus ar meadhanan sòisealta.

Coinneach Combe

Oifigear Conaltraidh & Tachartasan Digiteach

Coinneach Combe

Rugadh agus thogadh Coinneach an Siorrachd Rinn Friù. Tha ceangalan gu math làidir aige ri coimhearsnachd na Gàidhlig an sgìre mòr Ghlaschu agus buinteanas do dh’Eilean Leòdhais cuideachd. Cheumnaich e o Oilthigh Cailleannach Ghlaschu an 2002 le ceum Coimpiutaireachd. Rinn e cuideachd bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig air cùrsa Gàidhlig is Conaltradh. Tha Coinneach na eòlaiche coimpiutaireachd agus eòlas aige air leasachadh na Gàidhlig. Bha e roimhe ag obair aig Comunn na Gàidhlig agus mar thidsear àrd-sgoile. Dh’obraich e air an sgioba a leasaich an app ionnsachaidh agus cultair IndyLan. Bidh e cuideachd a’ drumaireachd ann an Còmhlan Pìoba Chill Bhearchain agus e na bhall aig buidheann coimhearsnachd saor-thoilich ClannGàidhlig.
Cuiribh fios air Coinneach airson rudan ceangailte ri ar làrach-lìn, meadhanan sòisealta no tachartasan Mòid.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Oifigear nam Mòdan Ionadail

Fiona NicCoinnich

Cheumnaich Fiona NicCoinnich, Oifigear nam Mòdan Ionadail, aig Oilthigh Obair Dheathain le ceum ann an Eachdraidh na h-Alba agus Ceòl. Tha i cuideachd na iar-cheumnaiche aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba le Maighistireachd ann an Sgrìobhadh Ciùil Gàidhlig agus Gnìomhadh. Dh’obraich i fad 25 bliadhna mar rannsachaidh òrain Gàidhlig agus gnàthaichear cruthachail agus bhuannaich i Bonn Òir A’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2005. Bidh i a’ clàradh le companaidh Greentrax, a dh’fhoillsich a clàr “Tac an Teine” o chionn ghoirid, a tha stèidhichte air Tasglainn Gàidhlig Thaigh Canna. Tha Fiona air leth moiteil a bhith a’ cumail taic ri lìonradh Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba agus cuideachd ag obair gus Mòdan a leasachadh ann an sgìrean far nach eil Mòd an-dràsta.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Oifigear Teicneòlais agus Didseatach

Donnchadh MacLeòid

Thug Donnchadh MacLeòid a-mach ceum le urram ann an Ceilteis agus Cànanachas aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e cuideachd na sheinneadair agus na cheòladair, agus bidh e a’ nochdadh air àrd-ùrlar le a phiuthar, Rona, agus cuideachd anns a’ chòisir Binneas. An-dràsta tha e an sàs ann an sgeama-ceumnachaidh leis a’ Chomunn Ghàidhealach ann an co-bhann le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE). ’S e amas a’ phròiseict seo an stòras bàrdachd, ciùil, agus fhoillsichidhean a th’ aig a’ Chomunn a chur ann an dreach didseatach gus a dhìon agus a ghlèidheadh airson an àm ri teachd.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Oifigear a’ Mhòid (pàirt-ùine)

Marina

Cheumnaich Marina NicAoidh o Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Eòlas na Gàidhlig ann an 2004 agus i air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach on uair sin. Bidh i a’ leasachadh agus brosnachadh diofar rudan farpaiseach aig a’ Mhòd, gu h-àraidh tachartasan litreachais Gàidhlig. Tha Marina gu mòr an sàs ann an stuthan margaidheachd a’ Mhòid agus bidh i a’ sgrìobhadh ar cuairt-litir mìosail a bharrachd air stuthan a chuir air ar làrach-lìn is meadhanan sòisealta. Tha i na ball air comataidh Fèis Eilean an Fhraoich.

Oifis Inbhir Nis

5 Caolshràid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ
Fòn: 01463 709705

Oifis Steòrnabhaigh

Aonad 7A
7 Sràid Sheumais
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2QN

Fòn: 01851 703487

Just Giving ACG

Connect with Us

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow