Am Bòrd Stiùiridh

Magaidh Choinneagan (Ceann-suidhe)

​​Dh’obraich Magaidh Choinneagan aig ìre àrd sa BhBC còrr air fichead bliadhna. Am measg na obraichean a bh’ aice bha Ceannard Rèidio, Alba agus Co-cheannard Prògraman agus Seirbhisean, Alba. Bho 2009 tha e air obrachadh mar choidse ceannardais agus gnìomha. Tha i na ball Bòrd Susbaint Ofcom agus bha i na cathraiche air Bòrd MG Alba fad sia bliadhna on Iuchar 2012. Tha i na cathraiche air Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil & Loch Aillse agus na ball neo-eisimeileach air Fòram Fèisean Dhùn Èideann. Bha i na ball stèidheachaidh air Bòrd Sistema Scotland eadar 2007 agus 2019.


IAIN EÒSAPH MACNÈILL (Iar Cheann-suidhe)

Buinidh John Joe MacNèill do dh’Eilean Bharraigh far an deach a thogail air a chuairteachadh le ceòl, cànan agus cultar na Gàidhlig. Bhuannaich John Joe Farpais an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Loch Abair an 2017. Bhuannaich e cuideachd A’ Bhonn Òir aig Inbhir Nis an 2021. Tha e na bhall air Còisir Ghàidhlig an Òbain agus na stiùiriche air Còisir nam Ban aig an Òban. Tha e cuideachd na stiùiriche air còisir à air feadh na Alba: Binneas agus Còisir Ghàidhlig Bharraigh.

Tha John Joe ag obair air Oilthigh Dhùn Èideann mar Òraidiche Foghlaim Gàidhlig. Roimhe sin, bha e na Cheannard aig a’ Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, a’ chiad bun-sgoil Gàidhlig sa sgìre. Tha e ag obair gu saor-thoileach aig Celtic Music Radio far am bi e a’ riochdachadh agus a’ craoladh air diofar prògraman. Nì e cuideachd obair craoilidh air a cheann fhèin, riochdachadh is eile aig diofar companaidhean craoilidh Gàidhlig. O chionn ghoirid rinn e sreath phrògraman às leth a’ Mhòd Nàiseanta air an robh feadhainn a bhuannaich boinn Òir agus Traidiseanta thar nam bliadhnaichean. Cluinnear a ghuth air Smuain na Maidne, Radio nan Gàidheal agus prògraman eile.


Seònaid NicDhòmhnaill

Rugadh agus thogadh Seònaid ann an Tobar Mhoire ann am Muile, agus ’s ann an sin a tha i fhathast a’ fuireach! Thug i a-mach ceum ann an Gàidhlig agus Matamataig aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha i a’ teagasg an dà chuspair sin fad iomadh bliadhna. Bhuannaich Seònaid Bonn Òr a’ Chomuinn ann an Inbhir Nis ann an 1984, ach ron àm sin bhiodh i a’ gabhail pàirt ann am farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Bha i na ball den chòmhlan “Sound of Mull” a bha gu math ainmeil anns na 70s agus na 80s. Tha i fhathast a’ seinn ann an Còisir Mhuile.

Tha i air a bhith a’ strì às leth na Gàidhlig fad a beatha. On a sguir i theagasg làn-ùine, tha i air a bhith ag obair airson Sabhal Mòr Ostaig, a’ cur taic ri oileanaich air a’ Chùrsa Inntrigidh agus cùrsaichean eile. Cuideachd, tha i an sàs ann am Mòd Ionadach na Dreòlluinn, Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe, agus iomairtean sam bith a tha toirt taic dhan a’ chànan. Tha Seònaid a’ dèanamh nas urra dhith airson Gàidhlig Earra-Ghàidheil a bhrosnachadh.

Aig toiseach a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Lochabar, 2017, chaidh urram Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh air Seònaid le Riaghaltas na h-Alba.


Alasdair MacCumhais

Rugadh mi an Glaschu do phàrantan sna Hearadh agus, aig 5 bliadhna a dh’aois cha robh Beurla agam nuair a thòisich mi sa bhun-sgoil. Bha sin an ìre mhath cumanta far an robh mi a’ fuireach an Glaschu agus b’ e Gàidheil Ghlaschu a bh’ aig daoine oirnn. Thar an 40 bliadhna a bha mi ag obair aig BT bha cothrom agam Gàidhlig a bhruidhinn gach latha ri mo cho-obraichean agus custamairean.

’S e briseadh-dùil a th’ ann dhomh gun d’thànaig Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig fada ro anmoch gus am faighinn buannachd às. Ach, o na leig mi dhìom mo dhreuchd aig BT dh’ionnsaidh mi Gàidhlig a leughadh ged a bha sgrìobhadh na dhùbhlan fhathast.

Tha ballrachd Bòrd-stiùiridh a’ Chomuinn air cothrom a thoirt dhomh a’ cuir ri leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Tha mi air leth taingeil airson an cothrom a ghabhas mi cho math ’s a ’s urrainn dhomh.


Dòmhnull Dòmhnullach

Tha Dòmhnull air a bhith na bhall den Chomunn o chionn 1982, nuair a chaidh e a dh’obair ann an Lunnainn. An dèidh tilleadh dhachaigh a Leòdhas aig deireadh na h-ochdadan, thòisich e a’ cuideachadh le bhi a’ ruith Mòd Ionadail Leòdhais agus bha e na cho-ionmhasair aig an dà Mhòd Nàiseanta ma dheireadh a chaidh a chumail anns na h-Eileanan an Iar; ’s e an ionmhasair a-rithist airson Mòd 2011. Thàinig e chun a’ bhùird ann an 2007 mar riochdaire bho na h-Eileanan an Iar. Chaith e pìos mòr de bheatha ag obair dha Roinn nan Cuspainn ’s nan Cìsean (HM C & E) mus do ghluais e airson greiseag gu BT agus an uair sin, gu Comhairle nan Eilean Siar ann an 1987 mar phrògramair anns an Roinn Coimpiutaireachd aca gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 2011. ’S caomh leis a bhith a’ coiseachd nam beann agus a’ siubhal (gu h-àraid thall thairis).


Eilidh NicIain

Rugadh is thogadh Eilidh ann an Uibhist a Tuath. Rinn i ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain, a’ leantainn gu cuspairean eile as dèidh sin. Thill i a dh’ Uibhist an dèidh bliadhnaichean ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Bòrd na Gàidhlig. Tha i a-nis ag obair ann an roinn Ionnsachaidh agus Leasachadh Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar, ag obair le daoine òga agus buidhnean coimhearsnachd ann an Uibhist.​


Iain Robasdan


Iain Murdo Mac a' Mhaoilein


Agnes Rennie



Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council