A' Mòrachd Rìoghail gu bhith a' tadhal air a' Mhòd

Published: 20 Sep 2013

A’ MÒRACHD RÌOGHAIL A’ BHANA-PHRIONNSA RÌOGHAIL GU BHITH A’ TADHAL AIR AN 110mh MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL

TACHARTAS PHÀISLIG A’ FAIGHINN AONTA RÌOGHAIL

Am-bliadhna bheir Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba a’ comharrachadh dualchas cànain is cultarail na Gàidhlig, aoigheachd do neach-tadhail air leth sònraichte, A’ Mòrachd Rìoghail A’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail.

Air Dimàirt 15 Dàmhair, tadhlaidh A’ Mòrachd Rìoghail A’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail air an tachartas naoi-latha de cheòl, dhannsa, dhràma, ealain is litreachais na Gàidhlig.

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith eadar 11mh is 19mh Dàmhair agus tha e an dùil na mìltean de luchd-èisteachd a thàladh bho mheadhan na h-Alba agus e a’ tadhal air a’ bhaile an Siorrachd Roinn Friù airson a’ chiad uair na eachdraidh 121 bliadhna.

Bidh Iain Macleòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich a’ toirt aoigheachd don Bhana-phrionnsa Rìoghail agus i a’ tadhal air prìomh latha na cloinne aig a’ Mhòd far a bheil mòran de fharpaisean òigridh a’ dol air adhart agus duaisean gan toirt seachad do chòisirean, sheinneadairean fa-leth is chàraidean, agus cuideachd airson sgilean cànain.

Thuirt e: “Tha e na thoileachas mòr dhuinn fàilte a chur air ball den teaghlach Rìoghail chun Mhòd Nàiseanta Rìoghail aig àm far a bheil sinn air àrdachadh mòr fhaicinn ann an àireamhan chloinne a tha an-sàs ann am farpaisean. Tha e misneachail a bhith a’ faicinn an òigridh a’ togail fìor ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig, agus tha e coltach gu bheil seo gu mòr mar thoradh air an ùidh a thathas a’ nochdadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am meadhan na h-Alba.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Gheibh a’ Mòrachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail cothrom coinneachadh ri cuid de na farpaisich, an luchd-obrach agus cuid bhon choimhearsnachd ionadail a tha air a bhith ag obair cho cruaidh fad na bliadhna gus dèanamh cinnteach gum bi Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa soirbheachail.

“O chionn trì bliadhna, thadhal a’ Mhòrachd Rìoghail Diùc Baile Bhòid air Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 ann an Gallaibh agus tha e na thoileachas mòr dhuinn fàilte a chur air a’ Mòrachd Rìoghail a-rithist chun Mhòd.”

Thuirt an Comhairliche Marc Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Comhairle Siorrachd Roinn Friù: “Bu mhath leam fàilte chridheil Phàislig a chur air a’ Mòrachd Rìoghail.

“Tha e na urram mhòr don bhaile a bhith a’ toirt aoigheachd don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson a’ chiad uair agus, a bharrachd air an turas rìoghail, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air na mìltean de ludhd-tadhail thairis air na h-ochd làithean den fharpais.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealaich, a’ bhuidheann as sine agus as measail a-measg nam buidhnean Gàidhlig air fad, agus is e fèis farpaiseach a tha innte a bhios a’ tàladh fharpaisich bho choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na RA, Èirinn, Àstràlia, a’ Ghearmailt, Canada agus na SA agus thathas ga fhaicinn mar an tachartas as motha a tha air mìosachan na Gàidhlig.

A’ toirt an taic don Mhòd, tha Comhairle Siorrachd Roinn Friù, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council