Published: 15 Mar 2012
Thathas a’ toirt cuireadh dhuibh gu coinneamh fhosgailte a’ Chomuinn Ghàidhealaich a thèid a chumail ann an taigh-òsta Alexandra, anns a’ Ghearasdan air Diluain 19mh Màirt 2012, aig 7f.
Thathas a’ cur fàilte air duine sam bith a tha ag iarraidh cuideachadh a thoirt dhan Chomunn Gàidhealach ann an Loch Abar. Bidh cothrom ann deasbad air Mòd Ionadail Loch Abair, Am Mòd Nàiseanta agus gnothaichean eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig san sgìre.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu: Seumas Greumach, Manaidsear a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach. Post-d: james@ancomunn.co.uk. Fòn: 01463 709705. Thathas an dòchas gum faic sinn ann sibh!
« Back to Mòd News List